SREATH LEASACHAIDH
LEASACHADH COILEANAIDH ANN AN GÀIDHLIG

CLÀR-INNSE

Ro-ràdh
Tùs Fhacal
1. Buannachd agus coileanadh
2. Cùrsaichean agus Prògraman
3. Ionnsachadh agus teagasg, measadh agus freagradh feuman nan sgoilearan
4. Ceannardas
5. Solarachadh, trèanadh agus leasachadh proifeiseanta luchd-teagaisg
6. Co-dhùnaidhean, prìomh neartan agus raointean leasachaidh
Pàipear-taice a h-Aon
Pàipear-taice a Dhà

Faodaidh ùghdarrasan foghlaim agus stèidhean foghlaim ann an Albainn lethbhreacan a dhèanamh den aithisg seo, gun tuilleadh cead, a dh’ ionnsaigh fèin-mheasadh agus planadh ann an sgoiltean.
Faodar pàirtean den aithisg seo ath-fhoillseachadh, ach air adhbharan marsanta, no ann an leabhran-sgoile no sanas-reice, ma thèid iomradh a dhèanamh air an aithisg agus ceann-latha a foillseachaidh.
Thathar a' meas gu bheil an t-eadar-theangachadh seo na riochdachadh cuimseach dhen tùs-sgrìobhainn

RO-RÀDH

Thàinig foghlam Gàidhlig air adhart gu mòr bhon a dh’ fhoillsich an Luchd-sgrùdaidh an aithisg mhòr mu dheireadh againn air a’ chuspair, Solarachadh na Gàidhlig ann am Foghlam ann an Albainn, ann an 1994. Anns an aona bliadhna deug bhon àm sin, tha an àireamh sgoilearan san fhoghlam air sìor dhol am meud. Ann an 1994, thog an aithisg againn grunn chuspairean cudromach far am bu chòir leasachadh tachairt. A’ coimhead air ais chithear cho fada ’s a tha cùisean air tighinn ann an grunnan phrìomh raointean. Rinneadh adhartas math, mar eisimpleir, a thaobh càileachd foghlam ro-sgoile a leasachadh agus ann am foghlam bun-sgoile a leudachadh, ann a bhith a’ coinneachadh ri miann nam pàrantan. Cuideachd, rinneadh adhartas a’ stèidheachadh dhòighean ionnsachaidh ‘bogaidh’ gus an tog clann uiread cànain ’s as urrainn dhaibh ach a leigeas leotha an smuaintean a chur an cèill agus fàs misneachail. A thuilleadh air seo, chaidh Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig a chur air bhonn, stòras stuthan-teagaisg nàiseanta airson na Gàidhlig, air an robh cruaidh fheum air ais ann an 1994; agus is e a’ bhuil gu bheil a-nis barrachd agus barrachd sàr stuthan ionnsachaidh a’ nochdadh anns na sgoiltean.

Ach, tha cuid de na prìomh dhuilgheadasan a chaidh ainmeachadh ann an 1994 nach robh cho furasta am fuasgladh, ged a tha oidhirpean gan dèanamh a-nis airson cùisean a cheartachadh. Tha aon de na trioblaidean as motha ri lorg ann am foghlam àrd-sgoile, far nach deach ach beagan adhartais a dhèanamh a thaobh teagasg tro mheadhan na Gàidhlig a sgaoileadh do chaochladh chuspairean air a’ chlàr-oideachaidh. Tha e fhathast na chnap-starra nach eil gu leòr luchd-teagaisg le deagh Ghàidhlig ri fhaighinn a tha barrantaichte ann an cuspair agus deònach fuireach ann. Is e glè bheag buaidh a bha aig na h-oidhirpean gus stuthan-teagaisg Foghlam Tro Mheadhan nan Gàidhlig (FTMG) a dheasachadh ann an grunn chuspairean agus cha deach mòran a-steach airson cùrsa ullachaidh a leigeadh le luchd-teagaisg àrd-sgoile le Gàidhlig na cuspairean aca a theagasg tro mheadhan na Gàidhlig. Feumaidh sinn dòighean ùra, innleachdach a lorg airson FTMG a sgaoileadh san àrd-sgoil agus, aig an aon àm, feumaidh sinn am feum as fheàrr a dhèanamh den bheagan luchd-teagaisg a tha againn aig an ìre sin an-dràsta aig a bheil na comasan cànain freagarrach. Am measg nam prìomh iomairtean san raon seo tha a bhith a’ stèidheachadh àrd-sgoil Ghàidhlig agus a bhith a’ cur buidheann-obrach nàiseanta air bhonn, a dheasaicheas planaichean airson sgoil bhrìgheil a chleachdas Teicneolas Fiosrachaidh is Conaltraidh (TFC) airson teagasg àrd-sgoile a sholarachadh air feadh na h-Albann. Ach, tha e fhathast fìor gu bheil fìor thrioblaid ann a thaobh luchd-teagaisg Ghàidhlig fhastadh agus a sholarachadh aig a h-uile h-ìre den t-siostam agus gu bheil seo na bhacadh air fàs agus, mura tèid an suidheachadh seo a cheartachadh, dh’ fhaodadh e a bhith na bhacadh air seasmhachd an t-solarachaidh san àm ri teachd.

Gun teagamh, feumar barrachd adhartais a dhèanamh ma tha a’ Ghàidhlig dol a dh’fhuireach beò anns an ùine fhada. Sheall cunntas-sluaigh 2001 gu bheil àireamhan luchd-labhairt na Gàidhlig ann an Albainn a’ tuiteam mu 1000 gach bliadhna. An-uiridh bha 328 leanabh ann am FTMG aig P1. Fiù ged a tha cuid de dhaoine ag ionnsachadh na Gàidhlig nuair a tha iad nas sine, tha buil a’ mhì-chothromachaidh seo soilleir.

Tha mòran fhathast ri dhèanamh ach tha adhbharan ann airson a bhith dòchasach. Chaidh Bile na Gàidhlig achdachadh am bliadhna agus bu chòir dha seo a bhith na cheum shusbainteach a dh’ ionnsaigh àite ùr agus adhartach a chruthachadh don Ghàidhlig ann am beatha na h-Albann, agus tha e a’ cur làn dhleastanas air Bòrd na Gàidhlig airson roi-innleachd nàiseanta a dheasachadh a bhios a’ gabhail a-steach foghlam Gàidhlig. Tha na pròiseactan a thòisicheadh o chionn ghoirid leithid Gàidhlig air-loidhne, agus iomairt Roinn Foghlaim Riaghaltas na h-Albann (RFRA), Buidheann TFC Gàidhlig nan Àrd-sgoiltean, agus a’ bhuidheann-ghnìomha mhinistreil air foghlam agus solarachadh luchd-teagaisg, uile ag amas air fuasglaidhean practaigeach a lorg do na duilgheadasan a thèid ainmeachadh anns an aithisg seo. Mas urrainn don t-siostam leantainn air obair nan iomairtean seo agus cur ris an adhartas a rinneadh anns na deich bliadhna a chaidh seachad, bidh foghlam na Gàidhlig air bunait nas seasmhaiche na bha e roimhe airson an ama ri teachd.

Graham Donaldson
Prìomh Àrd Neach-sgrùdaidh na Bànrighe airson Foghlaim
An t-Òg-mhìos 2005

TÙS FHACAL

Amas agus adhbhar na h-aithisge

Is e amas na h-aithisge seo sealladh farsaing a thoirt air leasachadh ann an solarachadh foghlam na Gàidhlig ann an sgoiltean na h-Albann, 11 bliadhna bhon a rinn an Luchd-sgrùdaidh an aithisg mhòr mu dheireadh aca air an raon seo.1 Tha an aithisg airson innse dè an t-adhartas a rinneadh bhon àm sin, le cuimseachadh fa leth air foghlam ro-sgoile, bun-sgoile agus àrd-sgoile. Ann an dòigh nas mionaidiche tha i airson:

Tha an aithisg seo stèidhichte air fianais a fhuaireadh bho sgrùdadh chlasaichean FTMG bun-sgoile agus clasaichean cànan na Gàidhlig anns an àrd-sgoil eadar 1997 agus 2005. Tha an aithisg cuideachd a’ toirt luaidh air solarachadh do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig sa bhun-sgoil (LIBS) agus teagasg chuspairean a thuilleadh air a’ Ghàidhlig fhèin tro mheadhan na Gàidhlig. Ach feumar a ràdh gur e glè bheag de dh’ fhianais sgrùdaidh chruaidh a tha ri fhaighinn air na cuspairean seo, agus mar sin chan urrainnear beachd a thoirt air càileachd an t-solarachaidh no air coileanadh anns na raointean seo an-dràsta.

Tha an aithisg cuideachd a’ cleachdadh fianais bho ghrunn thobraichean eile, nam measg:

A thuilleadh air seo, thadhail an Luchd-sgrùdaidh air grunn bhun-sgoiltean agus àrd-sgoiltean taobh a-muigh nan amannan sgrùdaidh àbhaisteach airson beachd a ghabhail air modhan-obrach agus rinn iad agallamhan le prìomh luchd-obrach ann am foghlam na Gàidhlig.

Tha gach earrann den aithisg ag ainmeachadh neartan agus cheistean, nuair a tha sin iomchaidh, aig ìrean ro-sgoile, bun-sgoile agus àrd-sgoile. Tha na cùisean a bhios a’ nochdadh sa chumantas gan ainmeachadh agus tha beachd ga ghabhail air na cùisean a bhios a’ nochdadh aig ìrean sònraichte san fhoghlam. Tha sreath cheistean ri fhaighinn anns an aithisg cuideachd airson sgoiltean a chuideachadh le bhith a’ measadh agus a’ leasachadh an cuid obrach fhèin.

Anns an aithisg seo, aig ìre na h-àrd-sgoile, tha clasaichean cànan na Gàidhlig a’ ciallachadh cùrsaichean Gàidhlig airson fileantaich agus clasaichean luchd-ionnsachaidh a’ ciallachadh cùrsaichean do sgoilearan a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig. Tha meadhan-Gàidhlig (FTMG) a’ buntainn ri clasaichean ann am bun-sgoiltean far a bheilear an còmhnaidh no mar as trice ag ionnsachadh agus a’ teagasg anns a’ Ghàidhlig, agus na clasaichean àrd-sgoile far a bheilear a’ teagasg chuspairean sònraichte tro mheadhan na Gàidhlig. Tha am facal bogadh a’ buntainn ris an àm thràth sa bhun-sgoil nuair a tha sgoilearan a’ togail no a’ neartachadh an cuid Gàidhlig. Tha Cànan na Gàidhlig ann am Bun-sgoiltean (CGBS) a’ buntainn ri clasaichean bun-sgoile far am faigh sgoilearan blasad den chànan air mhodh co-ionnan ri teagasg Chànanan Ùr-nodha sa Bhun-sgoil. Mar as trice is e luchd-teagaisg aig nach eil Gàidhlig, ach a fhuair trèanadh sònraichte ann an Gàidhlig bhunasach a theagasg, a bhios aig ceann nan clasaichean.

Cuid de na prìomh iomairtean nàiseanta a thachair bho thàinig aithisg LSB 1994 a-mach

Chaidh grunn iomairtean a thòiseachadh aig ìre nàiseanta airson adhartas a bhrosnachadh ann am foghlam na Gàidhlig bhon a thàinig aithisg LSB a-mach ann an 1994. Tha Pàipear-taice a h-Aon ag innse cuin a ruigeadh na prìomh chlachan-mìle suas gus an latha an-diugh. Is fhiach cunntas goirid a thoirt air cuid aca an-seo.

Bho 1994, thàinig meudachadh mòr ann am foghlam ro-sgoile Gàidhlig, mar phàirt de dh’ iomairt na b’ fharsaing airson foghlam ro-sgoile a thoirt don a h-uile leanabh aois 3 no 4, nam b' e sin miann am pàrantan. Thabhainn Riaghaltas na h-Albann tabhartasan sònraichte ri ùghdarrasan ionadail gus ionadan foghlaim com-pàirteachaidh a chuideachadh ann a bhith a’ ruigsinn inbhe clàraidh tro leasachadh ann an trèanadh agus stòrasan. Bidh grunn ùghdarrasan ag obair còmhla ri Comhairle nan Sgoiltean Àraich (CNSA) airson foghlam ro-sgoile a neartachadh agus a mheudachadh.

Tha foghlam aig ìre na bun-sgoile air fàs gu mòr cuideachd oir tha ùghdarrasan foghlaim air a bhith soirbheachail anns an fharsaingeachd a’ coileanadh iarrtasan airson FTMG, ged a tha fàs ga bhacadh ann an cuid de dh’ àiteachan air sgàth gainnead luchd-teagaisg. Tha cuid de dh’ ùghdarrasan air a bhith adhartach a thaobh FTMG a leasachadh fiù mus faigh iad iarrtas air a shon bho phàrantan.

chart

Aig ìre na h-àrd-sgoile tha am frèam-obrach ùr airson Teisteanasan Nàiseanta (TN) air raon chùrsaichean a dheasachadh airson na Gàidhlig, airson fileantaich agus luchd-ionnsachaidh, a bhios nan taic do na cùrsaichean aig Ìre Choitcheann. Chaidh buidheann-obrach a chur air bhonn a stiùir deasachadh air 25 leabhrain leasachail airson taic agus meudachadh a thoirt air an Stiùireadh Nàiseanta 5-14 airson na Gàidhlig agus airson FTMG a sgaoileadh do chuspairean àrd-sgoile, ged nach deach mòran feum a dhèanamh de na leabhrain sin aig ìre na h-àrd-sgoile gu ruige seo. Bheachdaicheadh air ciamar a ghabhadh cùrsaichean barrantaichte eile a leasachadh gus an gabhadh an teagasg tro mheadhan na Gàidhlig, leithid cùrsa sònraichte air cultar nan Gàidheal a chur air bhonn no cùrsaichean air cuspairean a bha ann mar-thà a theagasg anns a’ Ghàidhlig. Bha e duilich aonta fhaighinn, ge-tà, agus cha tàinig ach beagan adhartais air na cùisean seo air sgàth nach do nochd luchd-teagaisg ùidh annta gu ìre shusbainteach sam bith.

Ann an 1999, stèidhich RFRA Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig le cuideachadh bho na h-ùghdarrasan foghlaim. Tha an Stòrlann air sàr obair a dhèanamh air stuthan-teagaisg a chruthachadh, a thoirt gu buil agus a sgaoileadh aig a h-uile h-ìre de dh’ fhoghlam Gàidhlig.

Mar thoradh air iomairt mhinistreil,dh'fhoillsich Buidheann-ghnìomha Ghàidhlig air Maoineachadh Poblach don Ghàidhlig aithisg ann an 2000. Bha a raon-ùghdarrais leathann dha-rìreabh, a’ gabhail a-steach beachdachadh air foghlam, ach a’ buntainn ri poileasaidh Gàidhlig anns an fharsaingeachd. Mhol a’ Bhuidheann-ghnìomha gun deidheadh Buidheann-chomhairleachaidh Mhinistreil airson na Gàidhlig a stèidheachadh. Thachair sin agus thug iad aithisg a-mach anns a’ Chèitean 2002. Rinn iad grunnan phrìomh mholaidhean a’ buntainn ri Achd Ghàidhlig agus buidheann leasachaidh ùr airson na Gàidhlig — Bòrd na Gàidhlig — a chur air bhonn. Tha na molaidhean sin gan cur an gnìomh an-dràsta. Tha Bile na Gàidhlig ga achdachadh agus tha Bòrd na Gàidhlig air a stèidheachadh mar-thà.

Anns a’ Chèitean 2000, dhearbh an Circular 1144 ath-sgrìobhte aig RFRA gu leanadh Sgeama nan Tabhartasan Sònraichte airson Foghlam Gàidhlig. Tha maoineachadh airson Sgeama nan Tabhartasan Sònraichte airson Foghlam Gàidhlig air a dhol an àird gu cunbhalach bho £2.234 millean ann an 1998-99 gu £3.764 millean ann an 2005-06.

Mhìnich Riaghaltas na h-Albann an cuid taic do chultar agus cànan na Gàidhlig anns a’ Phrògram airson Riaghaltais aca ann an 1999 agus lean iad orra leis ann an A’ togail Alba nas Fheàrr agus as dèidh sin ann an Com-pàirteachas airson Alba nas Fheàrr. Fhuair foghlam tro mheadhan na Gàidhlig aithneachadh reachdail anns an Achd Inbhean ann an Sgoiltean na h-Albann etc. 2000, a tha a’ toirt air ùghdarrasan foghlaim na planaichean aca airson FTMG a chur an lùib na h-aithris bhliadhnail aca air cuimsean leasachaidh. Chaidh cudrom sònraichte a chur air Gàidhlig ann am frèam-obrach Phrìomhachasan Nàiseanta an Riaghaltais airson sgoiltean, as dèidh co-chomhairleachadh mòr ann an 2000.

A’ leantainn nan ullachaidhean anns an Achd Inbhean ann an Sgoiltean na h-Albann etc. 2000, thuirt stiùireadh Ministreil ann an 2004 gu feumadh ùghdarrasan ionadail a bha a’ faighinn tabhartas sònraichte airson na Gàidhlig iomradh air leasachadh na Gàidhlig a chur an lùib nam planaichean leasachaidh aca agus gu feumadh iad cunntasan a thoirt seachad gu cunbhalach air adhartas anns a’ chùis seo.

Ann an 2004, dh’ aontaich RFRA maoineachadh a thoirt seachad a dh’ ionnsaigh meudachadh na sgoile FTMG aig Comhairle Baile Ghlaschu, Bunsgoil Ghàidhlig Ghlaschu, gus sgoil ioma-ìre a dhèanamh dhith le FTMG ga lìbhrigeadh aig ìre na h-àrd-sgoile.

Aig an aon àm ris an iomairt chudromaich ùir seo ann am foghlam Gàidhlig san àrd-sgoil, thòisich Ministear an Fhoghlaim agus na h-Òigridh ath-bhreithneachadh na b’ fharsainge air ciamar a b’ urrainnear foghlam Gàidhlig anns an àrd-sgoil a thoirt air adhart ann an Albainn air fad, le sùil shònraichte air sochairean TFC a chleachdadh.

Bha am Ministear cuideachd mothachail air mar a bha duilgheadasan le cruinneachadh agus solarachadh luchd-teagaisg a’ bacadh meudachaidh ann am foghlam Gàidhlig, agus chuir e dàrna buidheann-obrach air bhonn a dhèanadh molaidhean leasachaidh ann an ùine ghoirid.

Bha an dà bhuidheann sin ag obair aig àm sgrìobhaidh na h-aithisge seo, ach cha robh iad fhathast air cunntas a thoirt seachad air na co-dhùnaidhean aca.

1 BUANNACHD AGUS COILEANADH

Suidheachadh

Nuair a thathas a’ tòiseachadh air buannachd sgoilearan a mheasadh ann am FTMG feumar beachd a ghabhail air an t-suidheachadh ’s a bheil iad a’ leasachadh a’ chànain aca, gu h-àraidh a chionn ’s gu bheil a’ chuid as motha air a’ Ghàidhlig a thogail anns an sgoil a-mhàin agus iad a’ tighinn bho dhachaighean far nach eil duine a’ bruidhinn na Gàidhlig. Air an adhbhar seo, tha iad a’ dèanamh adhartais aig astar eadar-dhealaichte anns a’ Ghàidhlig agus anns a’ Bheurla, ged a tha fianais ann gu bheil na comasan aca anns an dà chànan an ìre mhath co-ionnan aig deireadh P7.

Ro-sgoil

Tha a’ mhòr-chuid de chloinn a tha a’ tòiseachadh foghlam ro-sgoile FTMG a’ tighinn bho dhachaighean far nach eil Gàidhlig ga bruidhinn idir. Airson a’ chuid as motha, is e a’ Ghàidhlig a dh’ ionnsaicheas iad sa chlas ro-sgoile a’ chiad bhlasad a gheibh iad air a’ chànan.

Uile gu lèir, b’ e àrainneachd bhrosnachail a bha anns na h-ionadan ro-sgoile do chloinn. Nuair a thigeadh iad a-steach gun Ghàidhlig sam bith cha b’ fhada gus an robh iad a’ tuigsinn abairtean cudromach agus rèimean cànain. Bha a’ chuid a bu mhotha den luchd-obrach èifeachdach ann a bhith a’ neartachadh comasan cànain na cloinne aig an robh tomhas de Ghàidhlig mar-thà.

Bun-sgoil

 

Foghlam Tro Mheadhan na Gàidhlig

 

Chaidh àireamhachd nàiseanta air buannachd cànain cloinne ann am FTMG a chruinneachadh agus a sgrùdadh mu dheireadh aig ìre nàiseanta ann an 2001/2002. Sheall an aithisg nàiseanta air buannachd 5-14 ann an sgoiltean le maoineachadh poblach, 2001/02 (An t-Òg-mhìos 2002) gu robh cuibhreann na bu lugha de sgoilearan P2 gu P7 ann an clasaichean FTMG a’ ruigsinn na h-inbhe 5-14 iomchaidh don ìre aig an robh iad ann an leughadh agus sgrìobhadh na Gàidhlig an coimeas ris an àireamhachd nàiseanta cho-ionnan airson leughadh agus sgrìobhadh na Beurla aig gach ìre a bha sin. Mar a bhiodh dùil leis an dòigh teagaisg bogaidh ann am FTMG, lùghdaich an t-eadar-dhealachadh, anns an fharsaingeachd, eadar buannachd ann an leughadh agus sgrìobhadh meadhan-Beurla agus meadhan-Gàidhlig bho P2 gu P7. Ach, aig P7 bha beàrn ann fhathast, le 67.5% de sgoilearan FTMG a’ faighinn comharradh D no nas fheàrr ann an leughadh na Gàidhlig an coimeas ri 72% ann an leughadh na Beurla. Anns an aon dòigh, ann am P7, fhuair 55.8% de sgoilearan FTMG comharradh D no nas fheàrr ann an sgrìobhadh na Gàidhlig an coimeas ri 59.2% ann an sgrìobhadh na Beurla.

Bha rannsachadh a rinn an t-Ionad Albannach airson Fiosrachadh air Teagasg Chànanan (IAFTC) ann an 1999 a’ sealltainn gu robh a’ chuibhreann cloinne FTMG a ràinig na cuimsean buannachd iomchaidh nàiseanta airson Gàidhlig aig P3, P5 agus P7 a rèir na bhathas ga shùileachadh anns an stiùireadh 5-14 airson na Gàidhlig. Bha e coltach cuideachd bhon aithisg nach robh bacadh orra, an coimeas ri sgoilearan meadhan-Beurla, ann am buannachd sa Bheurla aig P5 agus P7. Gu dearbh, bha e coltach gu robh sgoilearan FTMG aig P7 a’ buannachd na b’ fheàrr ann am Beurla na sgoilearan meadhan-Beurla. Ach sheall e cuideachd, ge-tà, gu robh buannachd sgoilearan FTMG aig P7 anns a’ Ghàidhlig buailteach a bhith beagan na b’ ìsle na am buannachd ann am Beurla, gu h-àraidh ann an sgrìobhadh sa Ghàidhlig.

A bheil clann anns an sgoil agaibh nach eil a’ coileanadh gu leòr aig cuid de dh’ ìrean?

Ann am bun-sgoiltean a chaidh a sgrùdadh eadar 1994 agus 2004, bha buannachd ann an cànan na Gàidhlig ann an clasaichean meadhan-Gàidhlig ga meas glè mhath airson mu 35%, math airson mu 60% agus bha laigsean mòra ann an 5%. Anns na h-aon sgoiltean, bha buannachd ann an cànan na Beurla anns an fharsaingeachd (a’ gabhail a-steach clasaichean meadhan-Gàidhlig) glè mhath airson mu 35%, math airson 45% ach lorgadh laigsean mòra ann am faisg air 20%. Sheall àireamhachd nas ùire gun robh adhartas air tighinn air buannachd nan sgoilearan mar thoradh air an raon mheudaichte agus leasaichte de stòrasan a tha rim faotainn airson leasachadh cànain sa Ghàidhlig.

 

Bha fianais sgrùdaidh a’ leigeil fhaicinn gu robh neartan sgoilearan ann an cànan na Gàidhlig a’ gabhail a-steach:

  • coileanadh math ann an gnìomhan èisteachd toinnte agus deagh fheum ga dhèanamh de notaichean a chuidicheadh cuimhne aig na h-ìrean a b’ àirde;
  • labhairt shoilleir, mhisneachail mu dheidhinn rudan a thachair dhaibh fhèin agus ann a bhith a’ mìneachadh agus a’ toirt seachad bheachdan;
  • leughadh fileanta, faireachail;
  • tuigse mhath air na teacsaichean a leugh iad;
  • deagh chomas air fiosrachadh fhaighinn bho ghrunnan thobraichean;
  • raon leughaidh farsaing airson fiosrachaidh agus toileachais; agus
  • sgrìobhadh a bha snasail, dealbhach agus air a litreachadh gu pongail air ghrunn chuspairean agus ann an iomadh gnè.

A bheil sgoilearan anns an sgoil agaibh a’ faighinn chomharraidhean a cheart cho math aig a h-uile h-ìre ann an leughadh agus sgrìobhadh agus ann an èisteachd agus labhairt?

Am measg nam prìomhachasan leasachaidh bha:

  • na sgoilearan a bhith a’ dèanamh barrachd pìosan sgrìobhaidh fada, agus sgrìobhadh air barrachd chuspairean;
  • barrachd sgrìobhaidh chruthachail agus sgrìobhadh airson fiosrachaidh a thoirt seachad;
  • leasachadh air gràmar agus gnàthasan-cainnte; agus
  • raon leughaidh nas farsainge a thoirt do na sgoilearan.

Ciamar a ghabhadh buannachd sa Ghàidhlig a leasachadh anns an sgoil agaibh?

Àrd-sgoil

Cànan na Gàidhlig

Aig A1, rinn cha mhòr a h-uile sgoilear a bha a’ dèanamh Gàidhlig adhartas math anns na sgilean èisteachd, labhairt, leughaidh agus sgrìobhaidh aca. Ann an A2 bha a’ chuid a bu mhotha de sgoilearan Gàidhlig a’ sgrìobhadh roisg fhada mhath agus a’ faighinn tuigse air ealan an sgrìobhadair.

Am measg neartan coileanaidh nan sgoilearan aig A1/A2 bha:

  • deagh adhartas ann an gnìomhan-clasa anns an robh dùbhlan freagarrach;
  • deagh leasachadh air sgilean sgrìobhaidh ann an clasaichean cànan na Gàidhlig;
  • misneachd a’ labhairt ann am buidhnean;
  • deagh thuigse tro èisteachd agus leughadh; agus
  • deagh chomas ann an gràmar agus gnàthasan-cainnte ann an clasaichean cànan na Gàidhlig.

Bha feum aig luchd-teagaisg air barrachd cudroim a chur air leughadh pearsanta aig ìrean A1/A2.

Bha buannachd sgoilearan aig ìrean A3/A4 agus A5/A6 mar a leanas:

  • Ann an Gàidhlig na h-Ìre Coitchinne (Fileantaich), dh’ fhàs àireamh nan tagraichean ann an S4 gu cunbhalach bho 94 ann an 1999 gu 216 ann an 2004. Thar gach tè de na sia bliadhnaichean a chaidh seachad fhuair mu thrì chairteal de na sgoilearan duais Creideis. Uile gu lèir, rinn sgoilearan mòran na b’ fheàrr ann an Ìre Choitchinn na Gàidhlig na anns na cuspairean eile aca aig an Ìre Choitchinn.
  • Às an àireamh glè bheag a ghabh Gàidhlig Eadar-mheadhan 1 (Fileantaich), fhuair a’ chuid a bu mhotha comharradh A-C. Bha na h-àireamhan coimeasach ìosal airson Gàidhlig Eadar-mheadhan 2 (Fileantaich), ged a bha tagraidhean air èirigh beagan bho 7 ann an 2000 gu 11 ann an 2004. Fhuair cha mhòr na h-uile comharradh A-C.
  • Uile gu lèir, bha àireamhan nan tagraichean air èirigh gu cunbhalach aig an Àrd Ìre bho 41 ann an 2000 gu 85 ann an 2004 le cha mhòr na h-uile a’ faighinn comharraidh A-C.
  • Thar nan trì bliadhna a chaidh seachad, cha robh ach eadar 11 agus 14 tagraichean gach bliadhna airson Sàr Àrd Ìre, agus fhuair cha mhòr na h-uile comharradh A-C.

Luchd ionnsachaidh na Gàidhlig

Ann an A1/A2, dh’ ionnsaich a’ chuid a bu mhotha de luchd-ionnsachaidh fuaimneachadh math, pongail agus nochd iad deagh thuigse air stiùireadh an luchd-teagaisg anns a’ Ghàidhlig. Ann an A2 bha deagh chomas aig mòran air taisbeanaidhean labhairteach a dhèanamh don chlas. Bha cuid eile ann an A2 a rinn sgrùdadh air nobhail Ghàidhlig sgrìobhte ann an cànan furasta.

chart chart chart chart

Am measg neartan nan sgoilearan ann an A1/A2 bha:

  • deagh leasachadh air comasan labhairt ann an clasaichean luchd-ionnsachaidh;
  • misneachd a’ labhairt ann am buidhnean;
  • deagh thuigse tro èisteachd agus leughadh; agus
  • deagh adhartas ann an leasachadh sgrìobhadh roisg ghoirid.

B’ e na prìomh raointean leasachaidh:

  • tuilleadh leasachaidh air fuaimneachadh mionaideach sa Ghàidhlig airson gach sgoilear; agus
  • meudachadh tuigse nan sgoilearan air gràmar.

Bha buannachd sgoilearan aig ìrean A3/A4 agus A5/A6 mar a leanas:

  • Bha àireamh nan tagraichean airson Gàidhlig na h-Ìre Coitchinne (Luchd-ionnsachaidh) ann an A4 eadar 300 agus 400 gach bliadhna eadar 1999 agus 2004. Bha an àireamh a b’ àirde, mu 370, ann an 2001 agus chaidh seo sìos gu 310 ann an 2004. Rè na h-ùine 2000-2004 fhuair cuibheasachd de 60% duais Creideis ach bha cuibheasachd de 13% nach d’ fhuair duais sam bith. Uile gu lèir, rinn sgoilearan mòran na b’ fheàrr ann an Ìre Choitchinn na Gàidhlig (luchd-ionnsachaidh) na anns na cuspairean eile aca aig an Ìre Choitchinn.
  • Bha na bu lugha na 10 tagraichean gach bliadhna airson Gàidhlig Eadar-mheadhan 1 (Luchd-ionnsachaidh) ann an A5/A6 eadar 2000 agus 2004. Bha an àireamh thagraichean airson Eadar-mheadhan 2 Gàidhlig (Luchd-ionnsachaidh) air a dhol an àird bho 13 ann an 2000 gu 24 ann an 2004. Fhuair a’ chuid a bu mhotha comharradh A-C.
  • Ann an Gàidhlig na h-Àrd Ìre (Luchd-ionnsachaidh) ann an A5/A6 chaidh tagraidhean an àird bho 84 ann an 2000 gu 112 ann an 2003 ach thuit seo gu 101 ann an 2004. Cha mhòr nach d’ fhuair na h-uile comharradh A-C agus bha cuibheasachd de 45% a fhuair comharradh A.
  • Chaidh àireamhan beaga nan tagraichean airson Gàidhlig na Sàr Àrd Ìre (Luchd-ionnsachaidh) an àird bho 10 ann an 2001 gu 28 ann an 2004. Fhuair cha mhòr na h-uile comharradh A-C.

Ciamar a tha na sgoilearan agaibh a’ buannachd ann an Gàidhlig na h-Ìre Coitchinne (Luchd-ionnsachaidh) an coimeas ris na cuspairean eile aca aig an Ìre Choitchinn?

chart chart chart chart

Coileanadh nan sgoilearan anns an fharsaingeachd

Tha sgoiltean agus ùghdarrasan air a bhith a’ sìor leasachadh raon chothroman do sgoilearan airson a bhith a’ cleachdadh agus a’ leasachadh an tuigse anns a’ Ghàidhlig anns an sgoil agus air an taobh a-muigh. Tha seo a’ gabhail a-steach cothroman do sgoilearan bho sgoiltean agus coimhearsnachdan eadar-dhealaichte cruinneachadh còmhla gus a dhol an-sàs ann an spòrs no gnothaichean cultarach. Anns na suidheachaidhean a b’ fheàrr, far an robh sgoiltean agus ùghdarrasan foghlaim ag obair gu math còmhla, bha iad a’ cur ris na ceanglaichean èifeachdach a bha ann mar-thà leis a’ choimhearsnachd agus le buidhnean ionadail agus nàiseanta, agus a’ toirt taic do thachartasan cultarach stèidhichte leithid Mòdan agus Fèisean. Chruthaich iad cothroman ùra do sgoilearan a bhith a’ cleachdadh na Gàidhlig ann an iomadh suidheachadh taobh a-muigh clàr-oideachaidh foirmeil na sgoile.

Farpaisean

Ghabh sgoilearan ann an clasaichean Gàidhlig aig a h-uile h-ìre compàirt mhòr ann an caochladh fharpaisean. Tharraing farpaisean a’ buntainn ri cànan na Gàidhlig, leithid na feadhainn aig Comann Gàidhlig Lunnainn, farpaisich bho raon farsaing de chlasaichean Gàidhlig san àrd-sgoil, agus bhuannaich mòran aca deagh shoirbheas thar grunn bhliadhnaichean. Ghabh sia àrd-sgoil deug compàirt ann an Deasbad Gàidhlig Nàiseanta nan Sgoiltean. Chumadh an deasbad deireannach ann an Seòmar Deasbaid Pàrlamaid na h-Albann agus ann an 2004 choisinn an fharpais prìomh dhuais Eòrpach.

A h-uile bliadhna bha luchd-ionnsachaidh agus fileantaich a’ toirt dùbhlain chruaidh anns na farpaisean seinn agus litreachais aig a’ Mhòd Rìoghail Nàiseanta. A thuilleadh air a bhith na chuairt thaitneach bha an turas don a’ Mhòd a’ toirt cothroim do na sgoilearan na tàlantan aca a thaisbeanadh air taobh a-muigh nan cùrsaichean Gàidhlig foirmeil. Choisinn a’ Chòisir Ghàidhlig bho aon sgoil duais earrann nan còisirean aig an Fhèis Phan-Cheilteach ann an Èirinn. Fhuair an fharpais a ruith Am Baile, pròiseact dualchais Comhairle na Gaidhealtachd, iomadh sàr thagradh bho sgoilearan a’ buntainn ris na coimhearsnachdan agus na nàbachdan aca fhèin.

Tha cuid de na sgoilearan FTMG air cliù phearsanta a chosnadh. B’ e a’ chiad Phròbhoist Òg Albannach sgoilear FTMG ann am P7. Fhuair sgoilear eile san àrd-sgoil inbhe dux na sgoile, curaidh spòirs agus caiptean na sgoile. Bha sgoilearan eile a choisinn Duais Pushkin airson Bàrdachd, Bonn Airgid Loghan Òir na Bànrighe airson bàrdachd agus duais cuimhneachan Uilleim Rois airson roisg agus bàrdachd.

Ealain agus cultar

Nochd cothroman eile airson coileanadh san fharsaingeachd tro ghnìomhan co-cheangailte ris na h-ealain fhaireachail, tric air an leasachadh le teicneolas. Bha ‘Sgleog’ an làrach-lìn Ghàidhlig do dh’ òigridh a’ brosnachadh chartùnaichean, earrannan èibhinn agus iomraidhean pearsanta bho sgoilearan de gach aois. Fhuair aon bhuidheann sgoilearan meadhan-Gàidhlig taic bho neach-ealain agus sgrìobhadair airson leabhar den bhàrdachd agus de na dealbhan aca fhèin, leis an ainm, Leabhar Beag na Gàidhlig, a dhèanamh agus fhoillseachadh.

Mhothaich iomadh sgoil misneachd a’ dol am meud agus àrdachadh spèis anns a’ Ghàidhlig as dèidh do sgrìobhadairean, beòthadairean, luchd-ciùil agus cleasaichean proifeiseanta tadhal orra. Is tric a thàinig sàr obair ealain Ghàidhlig às na cuairtean seo leithid Dealbhan-cluiche Nollaige no Cèilidhean Oidhche Naoimh Anndra. Chuimhnich aon sgoil beatha an eòlaiche beul-aithris ainmeil Màiread Fay Shaw le taisbeanadh poblach de dhealbh-ciùil innleachdach Ghàidhlig do chloinn, Taigh Màiri Anndra. Dh’ adhbharaich cuairtean eile cruthachadh agus craoladh fhilmichean dhealbhan-beò. Thug grunn sgoiltean deagh mholadh do choileanadh an cuid sgoilearan le a bhith a’ foillseachadh an cuid roisg agus bàrdachd air an làraich-lìn aca.

Coimhearsnachd

Thug iomadh sgoil cothrom do sgoilearan coileanadh a leasachadh agus aig an aon àm taic a thoirt do shaoghal na Gàidhlig aig ìre ionadail agus nàiseanta. Ann an aon shuidheachadh, ghabh buidheann òigridh compàirt ann an gnìomhan as dèidh sgoile a bha a’ buntainn ri luchd-labhairt na Gàidhlig air tìr-mòr agus anns na h-eileanan; rinn iad caraidean agus chuir iad aithne air badan eadar-dhealaichte de dh’ Albainn.

Ann an aon sgoil, leasaich sgoilearan Gàidhlig le duilgheadasan ionnsachaidh sgilean tro phròiseact eachdraidh beul-aithris, le a bhith a’ cleachdadh bhidio airson aithrisean seann daoine air na làithean a dh’ fhalbh a chlàradh. Cho-obraich grunn àrd-sgoiltean airson na sgoilearan A1-A3 aca a thoirt air turas eachdraidh Gàidhlig a Dhùn nan Gall agus choinnich iad ri sgoilearan meadhan-Gaeilge aig campa samhraidh.

Bha grunn sgoiltean a chuir turasan eòlas na dùthcha an lùib dian-chùrsaichean ceann-seachdaine ann an cànan do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig. Rinn feadhainn eile tadhal air na h-Eileanan Siar airson Gàidhlig a chluinntinn mar chànan làitheil sa choimhearsnachd. Bha aon sgoil a thug cùrsa gnìomhach ceann-seachdaine do luchd-ionnsachaidh san dàrna bliadhna far an d’ fhuair iad eòlas air cànan agus cultar ann an dòigh spòrsail.

Chuimsich cuid de sgoiltean air com-pàirteachas a neartachadh le pàrantan. Mar eisimpleir, bha aon ann far an robh clann bho na clasaichean bun-sgoile agus sgoil-àraich a’ bruidhinn sa Ghàidhlig agus a’ toirt cheanglaichean do phàrantan agus luchd-cùraim do làraich-lìn Ghàidhlig eile. Bha clas P2 air geama a dhèanamh airson pàrantan gun Ghàidhlig a chuideachadh ag ionnsachadh a’ chànain. Leig cuid de sgoiltean leis na sgoilearan na cuairt-litrichean aca fhèin a dheasachadh, rud a leasaich an sgrìobhadh aca agus a bhrosnaich barrachd com-pàirteachaidh leis na pàrantan.

Ceanglaichean nàiseanta agus eadar-nàiseanta

Bha raon farsaing de sgoiltean air dòighean innleachdach a chruthachadh airson coileanadh an cuid sgoilearan a bhrosnachadh agus na beachdan aca air an t-saoghal mhòr a mheudachadh tro cheanglaichean nàiseanta agus eadar-nàiseanta. Bha sgoilearan meadhan-Gàidhlig tric a’ togail airgid airson iomadh buidheann charthannais ann am Breatainn agus anns na dùthchannan do-leasaichte. Bha sgoilearan bun-sgoile agus àrd-sgoile ag aithris agus a’ gabhail compàirt anns a’ phrògram òigridh rèidio Aileag agus an aon seòrsa prògram air an telebhisean Dè a nis. Chuir aon bhuidheann P7 ri chèile prògram rèidio seachdaineil agus chraobh-sgaoil iad e don sgoil aca.

Bha sgoiltean eile air ceanglaichean agus com-pàirteachas a stèidheachadh le sgoiltean anns an Fhraing, Èirinn agus an Spàinn agus le NASA, a’ cruthachadh ghnìomhan anns an robh làn chompàirt aig sgoilearan meadhain-Ghàidhlig. Ann an aon sgoil, rinn na clasaichean FTMG ceanglaichean anabarrach làidir le Albainn Nuadh tro phròiseact iomairt agus tron làraich-lìn. Ciamar a tha sibh a’ dèanamh cinnteach gu bheil coileanadh nan sgoilearan agaibh a’ faighinn molaidh agus cliù?

Gnìomhan iomairt

Rinn cuid de sgoiltean deagh fheum de ghnìomhan iomairt airson mac-meanmna agus spionnadh nan sgoilearan a spreigeadh. Ann an aon sgoil bha sgoilearan Gàidhlig an-sàs ann an iomadh iomairt eadar cairtean Nollaige aig P1 agus leabhar-fòn sgìreil ann am P7. Thog sgoilearan ann an aon àrd-sgoil aire mu Ghàidhlig ann an dòigh glè èifeachdach tro phròiseactan a chuimsich air bathar le buntainneas ri Gàidhlig a dhèanamh agus a reic. Choisinn na sgiobannan iomairt prìomh dhuaisean ann an Albainn agus an Rìoghachd Aonaichte.

A bheil coileanadh farsaing nan sgoilearan agaibh a’ freagradh nan ceann-uidhe anns na Prìomhachasan Nàiseanta airson Foghlaim?

Prìomh raointean leasachaidh

 

Ged a bha buannachd ann an cànan na Gàidhlig anns a’ bhun-sgoil agus an àrd-sgoil glè mhath uile gu lèir, bha prìomh raointean ann far an robh leasachadh a dhìth. Bha feum air farsaingeachd agus uiread sgrìobhaidh nan sgoilearan a chur am meud aig ìre na bun-sgoile agus na h-àrd-sgoile. Bha feum cuideachd air cuimseachadh na bu treasa air eòlas agus cleachdadh nan sgoilearan ann an gràmar agus gnàthasan-cainnte na Gàidhlig aig a h-uile h-ìre agus air barrachd farsaingeachd leughaidh Ghàidhlig a thoirt dhaibh.

 

2 CÙRSAICHEAN AGUS PRÒGRAMAN

Stòrasan

Mar a thàinig meudachadh air foghlam na Gàidhlig, tha bun-sgoiltean agus ionadan ro-sgoile air saothair mhòr a dhèanamh gus stòrasan agus prògraman ann an cànan na Gàidhlig a chruinneachadh. Bha e aig cridhe na h-obrach aig FTMG ann an clasaichean bun-sgoile agus ro-sgoile gum biodh an clàr-oideachaidh gu lèir ga theagasg tro mheadhan na Gàidhlig nuair a bha clann gam bogadh sa chànan anns na bliadhnaichean tràtha. Air an adhbhar sin, bha feum air stòrasan a chruthachadh agus a dheasachadh airson prògraman a leasachadh anns gach pàirt den chlàr-oideachaidh, agus glè thric is e an luchd-teagaisg fhèin a dh’ fheumadh seo a dhèanamh.

Thogadh uallach mòr bho luchd-teagaisg nuair a chaidh Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig a chur air bhonn ged a lean iad orra a’ cruthachadh an stuth-teagaisg aca fhèin, agus, airson adhbharan sònraichte, bha aca fhathast ri cuid de stòrasan-teagaisg a bha ann mar-thà atharrachadh no eadar-theangachadh. Mar eisimpleir, nuair a bha modh cumanta aig sgoil airson matamataic-sa-cheann a theagasg no airson dòighean measaidh airson ionnsachaidh, bha an neach-teagaisg FTMG ag atharrachadh nan stòrasan a chaidh a sholarachadh airson gum biodh iad freagarrach airson nan sgoilearan Gàidhlig.

Bha am prògram matamataic ceum-air-cheum na dhùbhlan ùr do luchd-teagaisg, luchd-riaghlaidh sgoiltean agus ùghdarrasan ionadail oir dh’ fheumadh iad gluasad bho theagasg dà-chànanach far an robh mòran Beurla ga cleachdadh do dhòigh meadhain-Ghàidhlig cho-cheangailte airson matamataic a theagasg bho P1 gu P7. Ann an iomadh sgoil bha cus eadar-dhealachaidh anns na dòighean teagaisg FTMG a chleachdadh airson matamataic aig na h-ìrean àrda. B’ e na prìomh adhbharan, nach robh misneachd aig an luchd-teagaisg a’ cleachdadh a’ bhriathrachais, gu robh feum dèanamh cinnteach gu robh sgoilearan a bha a’ gluasad don àrd-sgoil, agus mar sin, do chlasaichean matamataic tro mheadhan na Beurla, comasach a’ cleachdadh briathrachais Bheurla, agus nach robh stòrasan coileanta aca. Ged a bha duilgheadas nan stòrasan a-nis air fhuasgladh bha ceistean mu sgil agus misneachd an luchd-teagaisg ann a bhith a’ teagasg matamataic tro mheadhan na Gàidhlig air fàs na bu chudromaiche.

Bha dìth stòrasan, an dà chuid clò-bhuailte agus anns na meadhanan dealanach, fhathast na fhìor dhuilgheadas ann an grunn raointean eile de chlàr-oideachaidh FTMG. Bha stòrasan bun-sgoile a’ buntainn ri saidheans, foghlam spioradail agus moralta, cuspairean sòisealta, foghlam pearsanta agus sòisealta agus dràma, tearc dha rìreabh. Bha dìth stòrasan airson sgoilearan le feum air taic shònraichte na lochd air leth dona. Airson clasaichean cànan na Gàidhlig ann an àrd-sgoiltean, ged a bha stòrasan leasachaidh cànain a’ fàs na bu phailte agus farsaingeachd sgrìobhaidh chruthachail a’ fàs mean air mhean, cha robh fhathast caochladh gu leòr ann airson fìor roghainn a thoirt do na sgoilearan agus na feuman aca a fhreagradh, gu h-àraidh ann an A1/A2.

Bha luchd-teagaisg mothachail gum feumar ceangal a dhèanamh eadar luchd-teagaisg agus sgoilearan air feadh na h-Albann airson coimhearsnachd Ghàidhlig na bu sheasmhaiche a chruthachadh agus chunnaic iad gum faodadh TFC a bhith glè fheumail, a’ gabhail a-steach co-labhairt bhidio, airson seo a thoirt gu buil. Bha cuid aca teagmhach mu na duilgheadasan a bhios tric a’ nochdadh nuair a thèid siostaman den leithid seo a stèidheachadh. Bha a’ chuid a bu mhotha glè dhòchasach mu ghealltanas phròiseactan a bha air ùr thòiseachadh leithid Gàidhlig air-loidhne agus clàr-oideachaidh didsiteach a’ BhBC a tha gu bhith a’ tòiseachadh ann an 2006. Bha am pròiseact deuchainn innleachdach airson cruinn-eòlas a theagasg air-loidhne do sgoilearan A1 ga mheas glè ghealltanach. Anns an eadar-ama bha luchd-teagaisg den bheachd gur b’e barrachd bathair-bhog agus sàr làraichean-lìn eadar-obrachail Gàidhlig na prìomhachasan stòrais a bu chudromaiche.

Airson CGBS bha stòrasan agus stuthan-teagaisg rim faighinn aig ìre nàiseanta agus b’i Comhairle Earra-Ghaidheal agus Bhòid am prìomh sholaraiche. Ann an clasaichean an luchd-ionnsachaidh san àrd-sgoil, bhiodh luchd-teagaisg mar bu trice a’ cleachdadh a’ chùrsa a bha ri fhaighinn aig ìre nàiseanta airson ionnsachadh a leasachadh ann an A1 gu A4 agus aonadan TN ann an A5/A6.

Prògraman ro-sgoile

Ghabh a’ chuid a bu mhotha de luchd-obrach ro-sgoile deagh shuim air feuman cloinne agus bha iad soirbheachail ann an raon phrògraman a leig le cloinn am beachdan a chur an cèill, na comasan pearsanta, sòisealta agus faireachail aca fhèin a leasachadh agus aig an aon àm an dàrna cànan ionnsachadh. Anns na suidheachaidhean a b’ fheàrr bha ionadan ro-sgoile a’ lìbhrigeadh àrainneachd shaoibhir Ghàidhlig agus bha clann a’ faighinn eòlais air a’ Ghàidhlig aig an aon àm ‘s a bha iad a’ faighinn eòlais agus tuigse air an t-saoghal mun cuairt orra. Rinneadh cinnteach gun d’ fhuair clann eòlas freagarrach air leasachadh chomasan faireachail agus cruthachail cho math ri leasachadh cuirp agus gluasaid.

Cùrsaichean agus prògraman bun-sgoile

Ann am FTMG bha ionnsachadh agus teagasg gu tur sa Ghàidhlig sa chiad dol a-mach anns an àm bogaidh bho P1 gu P3. Anns an àm seo, bha e cudromach gu robh luchd-obrach air leth cùramach nuair a bha iad a’ freagradh fheuman pearsanta agus sòisealta, gu robh iad tuigseach agus taiceil gus nach cuireadh duilgheadasan conaltraidh farran no èiginn air a’ chloinn. As dèidh sin b’e a’ Ghàidhlig fhathast am prìomh mheadhan teagaisg ged a bha cuid den teagasg ga dhèanamh anns a’ Bheurla cuideachd. Bha cùrsaichean èifeachdach a’ cuideachadh sgoilearan a’ dèanamh adhartais fhreagarraich ann am prìomh chinn-uidhe èisteachd, labhairt, leughaidh agus sgrìobhaidh. Chuir luchd-teagaisg cudrom co-ionnan air sgilean cànain a leasachadh agus tuigse agus eòlas a mheudachadh anns gach cuspair air a’ chlàr-oideachaidh.

Ciamar a tha sibh a’ togail air an ionnsachadh a rinneadh anns an ro-sgoil?

Bha clasaichean Gàidhlig do CGBS gan dealbh airson inntrigeadh a thoirt dhaibh do phrìomh phuingean bunaiteach a’ chànain agus bonn-stèidh làidir a thoirt dhaibh airson a dhol a dh’ ionnsachadh Gàidhlig anns an àrd-sgoil.

Ann an clasaichean FTMG agus CGBS rinn luchd-teagaisg deagh fheum de TFC, an àrainneachd ionadail agus cuairtean do àiteachan inntinneach, gabhail compàirt ann an gnìomhan iomairt agus saoranachd, cuairtean do thaighean-tasgaidh agus pròiseactan saidheans leithid suirbhidhean air an aimsir agus air eòin, airson stòras fhaclan a thogail ann an suidheachaidhean nàdarra. Chuidich na dòighean-teagaisg seo na sgoilearan gus faicinn gu robh buntainneas aig a’ Ghàidhlig ris a’ bheatha aca fhèin agus fhuair iad toileachas bhon an ionnsachadh aca.

Anns an sgoil agaibh, dè cho soirbheachail ’s a tha cùrsaichean airson sgoilearan a chuideachadh a’ leasachadh nan sgilean èisteachd, labhairt, leughaidh agus sgrìobhaidh aca, agus adhartas cunbhalach a dhèanamh bhon ionnsachadh a rinn iad roimhe?

Cùrsaichean àrd-sgoile

 

Cùrsaichean A1/A2

 

Bha grunn dhùbhlan fainear do luchd-teagaisg a bha a’ dealbhadh chùrsaichean cànain Gàidhlig A1/A2. Mus do nochd FTMG cha bhiodh sgoilearan fileanta sa Ghàidhlig a’ faighinn foghlaim fhoirmeil Ghàidhlig sa bhun-sgoil, mar bu trice, agus bha cùrsaichean àrd-sgoile gan dealbh air a’ bhunait sin. Ach, nuair a thòisich sgoilearan a’ tighinn an àird bhon bhun-sgoil as dèidh seachd bliadhna de dh’ fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig, bha a’ bhuannachd acasan a’ ciallachadh gum feumadh na cùrsaichean cànain Gàidhlig atharrachadh gu mòr. Anns na sgoiltean le roinnean Gàidhlig a bha air an stèidheachadh bho chionn ùine mhath, fhuair cha mhòr a h-uile cùrsa atharrachadh iomchaidh. Bha beagan, ge-tà, nach do rinn eadar-dhealachadh gu leòr orra no nach do rinn feum gu leòr den eòlas a bha aig na sgoilearan mar-thà. Anns cha mhòr a h-uile àrd-sgoil far nach robh clasaichean cànain Gàidhlig roimhe, bha na cùrsaichean math.

Bha cùrsaichean cànain Gàidhlig èifeachdach A1/A2 a’ cuimseachadh air leigeil le sgoilearan conaltradh misneachail a dhèanamh ann an caochladh shuidheachaidhean làitheil. Anns na modhan-obrach a b’ fheàrr bha luchd-teagaisg a’ cur saidhbhreis ann an ionnsachadh nan sgoilearan le dòighean agus meadhanan ùr-nodha airson sgilean conaltraidh a leasachadh sa Ghàidhlig.

Dè cho math ’s a tha cùrsaichean anns an sgoil agaibh a’ ceangal ri cùrsaichean bun-sgoile?

Bha na cùrsaichean a b’ fheàrr airson luchd-ionnsachaidh a’ gabhail suim air an eòlas a bha aig na sgoilearan mar-thà air a’ Ghàidhlig, a’ gabhail a-steach na rinneadh ann an clasaichean CGBS. Chuidich seo luchd-teagaisg gus amasan reusanta a shònrachadh do gach sgoilear fa leth bho thoiseach A1. B’ e am modh-obrach a b’ èifeachdaiche nuair a choinnicheadh bun-sgoiltean le àrd-sgoil a’ cheàrnaidh-thionail aca airson prògram oideachaidh aontachadh gus am biodh barrachd cunbhalachd ann an ionnsachadh nan sgoilearan. Uaireannan bhiodh luchd-teagaisg na h-àrd-sgoile a’ tadhal air bun-sgoiltean a theagasg Gàidhlig. Bha co-obrachadh den t-seòrsa seo a’ leigeil le àrd-sgoiltean leantainn air an eòlas a bha aig sgoilearan mar-thà seach toirt orra a bhith a’ tòiseachadh as ùr ann an A1.

Bha prògraman oideachaidh co-cheangailte aig cuid de dh’ ùghdarrasan ionadail bho P1 gu A2, a bha gan cur an gnìomh air feadh bhun-sgoiltean agus àrd-sgoiltean airson FTMG agus CGBS. Ann an cuid de sgoiltean far an robh roinn àrd-sgoile agus bun-sgoile bhathas a’ gabhail deagh chothroman gus dèanamh cinnteach gu robh ionnsachadh nan sgoilearan a’ gluasad gu cunbhalach bho ìre gu ìre. Ach, bha iomadh sgoil nach robh a’ tabhann chuspairean speisealta tro mheadhan na Gàidhlig do sgoilearan FTMG a’ tighinn a-steach do A1 airson cur ris an ionnsachadh aca sa bhun-sgoil agus na feuman aca a fhreagradh a thaobh Gàidhlig a chleachdadh ann an caochladh shuidheachaidhean.

Tha e na chùis iomagain gu bheil àireamh nan sgoilearan a tha a’ taghadh chlasaichean Gàidhlig luchd-ionnsachaidh a’ fuireach aig ìre gu math ìosal an dèidh a bhith aig àirde anns na 1990an. Tha cuid de sgoiltean air an àireamh a thogail le bhith ag obair gu dlùth leis na bun-sgoiltean anns a’ cheàrnaidh-thionail aca agus thàinig meudachadh gealltanach air na h-àireamhan ann an 2004-05. Bu chòir do dh’ùghdarrasan ionadail a bhith a’ marasglachadh nan àireamhan a tha a’ dol a-steach airson clasaichean luchd-ionnsachaidh san àrd-sgoil agus sgoilearan a bhrosnachadh gus a dhol annta, gu h-àraidh ma rinn iad CGBS.

Anns na cùrsaichean a b’ fheàrr lorgadh na feartan a leanas:

  • aonta eadar sgoiltean air brìgh nan cùrsaichean;
  • neartachadh air ùidh sgoilearan ann an litreachas, cultar agus ceòl na Gàidhlig aig ìre a tha freagarrach do na comasan cànain aca;
  • roi-innleachdan èifeachdach airson feuman diofar bhuidhnean sgoilearan a fhreagradh, a’ gabhail a-steach na feadhainn leis a’ bhuannachd as fheàrr agus feadhainn le feum air taic a bharrachd; agus
  • obair dachaigh de dh’ iomadh gnè anns a bheil dùbhlan freagarrach agus adhbhar soilleir.

Bha an stiùireadh 5-14 a chaidh fhoillseachadh ann an 1993 stèidhichte air a’ bheagan eòlais a bha ann aig an àm sin air FTMG anns na bun-sgoiltean agus nochd e mus tàinig CGBS. Tha an stiùireadh sin a-nis seann-fhasanta ann an cuid de dhòighean oir tha na prògraman obrach a chaidh a dheasachadh ann an sgoiltean bhon àm sin a’ sùileachadh barrachd eòlais agus adhartas nas luaithe bho na sgoilearan. Mar sin tha deagh fheum aig an àm seo air an ath-bhreithneachadh air an stiùireadh 5-14 airson na Gàidhlig a ghairm Ionnsachadh agus Teagasg Alba (Gearran 2005).

A bheil càileachd nan clasaichean cànain Gàidhlig cunbhalach agus dùbhlanach airson sgoilearan bho A1 an àird?

Cùrsaichean A3/A4

 

Bha na roinnean Gàidhlig èifeachdach a’ dealbhadh chùrsaichean a bheireadh deagh ullachadh do na sgoilearan aca airson nan deuchainnean aig Ùghdarras Theisteanasan na h-Alba (UTA). Dheasaich roinnean Gàidhlig stiùireadh air cinn-uidhe chùrsaichean, agus air rè-ùine, stòrasan, dòighean ionnsachaidh agus teagaisg, agus measadh. Glè thric bha luchd-teagaisg ann an roinnean aona-neach ag obair air an cinn fhèin agus a’ dèanamh co-chomhairle le luchd-teagaisg ann an roinnean Gàidhlig na bu mhotha. Airson cunbhalachd ann am modhan-obrach bha aon ùghdarras foghlaim a’ toirt cothroim a h-uile bliadhna don an luchd-teagaisg aca uile a thighinn còmhla a bhruidhinn air cuspairean a bhuineadh riutha uile agus bhiodh iad a’ fiathachadh luchd-teagaisg a bha ag obair leotha fhèin anns na h-ùghdarrasan faisg orra a thighinn don choinneimh cuideachd.

Ann an sgìrean Gàidhlig, bha luchd-teagaisg tric a’ cleachdadh eachdraidh agus dualchas an àite airson cùrsaichean a neartachadh. Ann an sgoiltean ann am badan eile ann an Albainn, bhathas a’ cleachdadh puist-d agus co-labhairt bhidio airson farsaingeachd agus barrachd chothroman a thoirt do na sgoilearan a bhith a’ cleachdadh agus a’ leasachadh nan sgilean labhairt aca. Anns a’ mhodh-obrach a b’ fheàrr fhuair sgoilearan dealbhadh soilleir air a’ chùrsa agus stiùireadh math air ciamar a ruigeadh iad na cinn-uidhe ionnsachaidh iomchaidh. Leig seo leotha barrachd uallaich a ghabhail orra fhèin airson an cuid ionnsachaidh. Thugadh obair-dachaigh a-mach gu cunbhalach airson ionnsachadh a neartachadh agus airson na sgoilearan a bhrosnachadh.

Aig A3/A4, bha cuid de sgoiltean air Eadar-mheadhan 1 agus 2 a chur an àite Gàidhlig aig an Ìre Choitchinn do dh’fhileantaich agus luchd-ionnsachaidh. Bha na cùrsaichean seo soirbheachail ann a bhith a’ freagradh feuman nan sgoilearan oir ghabh iad barrachd suim air eòlas a bha aig sgoilearan air Gàidhlig roimhe agus bha ceangal na b’ fheàrr aca ri cùrsaichean na h-Àrd Ìre. Thuirt luchd-teagaisg gu robh na cùrsaichean a’ còrdadh ris na sgoilearan a bha air am brosnachadh leotha agus a’ dèanamh adhartais na b’ fheàrr. Fhuair luchd-teagaisg deagh thaic ann a bhith a’ cur nan cùrsaichean air dòigh airson gu robh sàr stuthan eisimpleir nàiseanta aca agus gu robh compàirt aca fhèin ann an deasachadh nan stuthan sin. Ghabh sgoiltean eile an cothrom a thàinig le barrachd sùbailteachd sa chlàr-oideachaidh agus bha iad airson deuchainnean tràtha a thabhann.

Dè cho math ’s a tha an cùrsa A3/A4 a’ leantainn bhon an ionnsachadh a chaidh roimhe anns gach aon de na ceithir cinn-uidhe agus dè cho math ’s a tha e a’ meudachadh eòlas nan sgoilearan air cultar agus eachdraidh na Gàidhlig le bhith a’ dèanamh cheanglaichean le sgoiltean eile ann an sgìrean Gàidhligareas?

Cùrsaichean A5/A6

 

Aig A5/A6, bha sgoiltean air cùrsaichean nan Teisteanasan Nàiseanta a chur an gnìomh. Leig seo leotha barrachd feuman sgoilearan a fhreagradh agus barrachd mhiannan a choileanadh na b’ urrainn dhaibh roimhe. Ann an cuid de shuidheachaidhean bha na sgoilearan leis a’ bhuannachd a b’ fheàrr a thòisich Gàidhlig (luchd-ionnsachaidh) ann an A5 aig Eadar-mheadhan 2 a’ dol sa bhad gu Sàr Àrd Ìre . B’ e aon rud gealltanach an t-àrdachadh beag ach cudromach a thàinig air an àireamh sgoilearan a bha a’ dèanamh Gàidhlig na Sàr Àrd Ìre (luchd-ionnsachaidh).

Dè cho math ’s a tha an cùrsa A5/A6 a’ leantainn bhon an ionnsachadh a chaidh roimhe anns gach aon de na ceithir cinn-uidhe agus dè cho fada ’s a tha e a’ dol thairis air na riatanasan sgrùdaidh as ìsle aig UTA airson sgoilearan ullachadh airson obair no foghlam san àm ri teachd?

3 IONNSACHADH AGUS TEAGASG, MEASADH AGUS FREAGRADH FEUMAN NAN SGOILEARAN

Taic do ionnsachadh Gàidhlig anns an dachaigh

Bha a’ mhòr-chuid de sgoilearan ann am FTMG sa bhun-sgoil a’ tighinn bho dhachaighean far nach robh duine a’ bruidhinn Gàidhlig. Bha càirdean le Gàidhlig aig cuid aca a bhiodh gan cuideachadh le obair dachaigh. Anns a’ mhodh-obrach a b’ fheàrr, bha sgoiltean a’ toirt taic do sgoilearan agus pàrantan a thaobh cuideachaidh le obair dachaigh agus ann a bhith a’ lìbhrigeadh agus a’ leasachadh chothroman an cànan a chleachdadh. Am measg nan eisimpleirean air seo bha, lìonra fòn far an robh pàrantan a bha misneachail sa chànan a’ tabhann cuideachaidh do chloinn ann an dachaighean far nach robh Gàidhlig aig duine eile san taigh. Bha sgoiltean eile a’ tabhann teagaisg do phàrantan a bha ag iarraidh Gàidhlig ionnsachadh iad fhèin, uaireannan a’ cleachdadh nan stuthan a bha an cuid cloinne a’ cleachdadh, no bha iad gan cuideachadh a’ lorg chlasaichean leithid chlasaichean coimhearsnachd.

Bha modhan-obrach eadar-dhealaichte rin lorg air feadh ùghdarrasan agus eadar sgoiltean. Uaireannan bhathas buailteach a bhith caran somalta anns na sgìrean Gàidhlig oir dh’ fhaodadh luchd-obrach smaoineachadh nach robh feum air taic den t-seòrsa nuair a bha.

 

Ionnsachadh agus leasachadh anns an ro-sgoil

Anns na suidheachaidhean a b’ fheàrr, bha luchd-obrach ro-sgoile a’ cleachdadh Gàidhlig mar chànan conaltraidh a’ chuid a bu mhotha den tìde agus a’ toirt deagh eisimpleir don chloinn. Ghabh iad a h-uile cothrom airson sgilean èisteachd agus labhairt na cloinne a leasachadh. Rinn iad deagh fheum den choimhearsnachd ionadail airson faighneachdas na cloinne a ghleusadh agus barrachd shuidheachaidhean a lorg far an cluinneadh iad Gàidhlig. Ann am beag-chuid shuidheachaidhean, nuair a bha Gàidhlig an luchd-obrach lag, cha robh àrainneachd Ghàidhlig na cloinne saoibhir gu leòr.

Nuair a bha clann a’ tòiseachadh ag ionnsachadh Gàidhlig bha a’ chuid a bu mhotha aca a’ bruidhinn Beurla ri chèile nuair a bha iad a’ cluich agus nuair a bha iad a’ freagairt inbhich. Anns a’ mhodh-obrach a b’ fheàrr bha luchd-obrach tuigseach gu feumadh clann Gàidhlig agus Beurla a chleachdadh airson am beachdan a chur an cèill agus, ged a bha iad a’ brosnachadh sgoilearan a bhith a’ cleachdadh barrachd Gàidhlig, rinneadh seo aig astar a bha freagarrach don chloinn agus ann an dòigh a thug fèin-spèis dhaibh. Nuair a bha iad deiseil san ro-sgoil bha deagh thuigse aig mòran air abairtean agus faclan bunaiteach agus b’ urrainn dhaibh freagairt iomchaidh a thoirt seachad ann an Gàidhlig no Beurla.

 

Ionnsachadh agus teagasg sa bhun-sgoil

 

B’ e deagh bheachd a nochd anns na h-aithisgean sgrùdaidh sgoile air ionnsachadh agus teagasg ann am FTMG sa bhun-sgoil. Uile gu lèir bha càileachd an ionnsachaidh agus an teagaisg cho math ’s a bha i anns na clasaichean meadhain-Bheurla. Bha seo a’ gabhail a-steach ionnsachadh agus teagasg ann am FTMG sa bhun-sgoil thar a’ chlàir-oideachaidh a thuilleadh air clasaichean cànain Gàidhlig. A thaobh CGBS, tha an sgeama seo fhathast ùr agus chan eil fianais sgrùdaidh gu leòr ann airson beachd a ghabhail air ionnsachadh agus teagasg.

Dè cho math ’s a tha luchd-teagaisg a’ mìneachadh fhaclan ùra agus riaghailtean gràmair?

Anns na h-eisimpleirean a b’ fheàrr, bha seòmraichean-sgoile FTMG nan àiteachan tarraingeach a bha a’ brosnachadh ionnsachaidh. Bha a’ chuid a bu mhotha den luchd-teagaisg air leth dealasach airson Gàidhlig a chleachdadh mar a’ mheadhan teagaisg agus ionnsachaidh agus bha iad fhèin nan deagh eisimpleirean don chloinn ann a bhith a’ labhairt na Gàidhlig. Bha iad a’ brosnachadh sgoilearan gus a bhith a’ cleachdadh Gàidhlig ge bith dè an ìre aig an robh iad agus chuir iad cudrom mòr air leasachadh sgilean labhairt Gàidhlig. Bha iad deònach gabhail ri faclan Beurla sa chòmhradh aig an toiseach ach bha iad a’ dèanamh cinnteach gu robh na faclan Gàidhlig ceart aig na sgoilearan cuideachd. B’ e a’ bhuil gu tric gu robh mòran coluadair a’ dol eadar sgoilearan agus luchd-teagaisg mu ghrunn chuspairean thar a’ chlàr-oideachaidh.

Dè cho math ’s a tha modhan ionnsachaidh agus teagaisg anns an sgoil agaibh ag ullachadh sgoilearan gus a bhith fileanta agus misneachail a’ bruidhinn na Gàidhlig?

Chleachd an luchd-teagaisg a b’ èifeachdaiche ann am FTMG sa bhun-sgoil iomadh modh-obrach anns na clasaichean aca. Bha eisimpleirean ann de dhòighean cruthachail agus innleachdach a dh’ èirich, ann am pàirt, airson nach robh stòrasan Gàidhlig gu leòr rim faighinn ann an cuid de raointean a’ chlàir-oideachaidh. Thug an luchd-teagaisg a b’ èifeachdaiche deagh chothroman do na sgoilearan a bhith ag obair còmhla ann an càraidean no ann am buidhnean agus leotha fhèin. Shònraich iad riaghailtean soilleir airson obair agus giùlan nan sgoilearan. Dhealbhaich iad caochladh math ghnìomhan eadar-obrachail agus practaigeach airson nan sgoilearan gus am fàsadh iad misneachail a’ cleachdadh Gàidhlig le an co-aoisean fhèin. Sgrùdaich iad tuigse nan sgoilearan le a bhith gan ceasnachadh, a’ toirt tìde dhaibh freagairt agus ag iarraidh freagairtean breithneachail air ais. Uaireannan bha e duilich do luchd-teagaisg bun-sgoile cothromachadh ceart a dhèanamh eadar comas nan sgoilearan a bhith a’ togail cànain ùir agus a bhith a’ faighinn eòlais no sgil ann an raon sònraichte den chlàr-oideachaidh, taobh a-staigh aon cho-shuidhe teagaisg. Anns an fharsaingeachd, ge-tà, bha astar math aig an ionnsachadh agus rinn na sgoilearan adhartas cunbhalach.

Dè an cothrom a tha aig na sgoilearan agaibh TFC agus caochladh mheadhanan a chleachdadh airson an ionnsachaidh aca a leasachadh?

Bha gnè bhrosnachail, spreigeil agus misneachail air ionnsachadh nan sgoilearan uile, cha mhòr, tro mheadhan na Gàidhlig. Bha seo air sgàth ’s gu robh an luchd-teagaisg aca dealasach agus na clasaichean aca, mar bu trice, na bu lugha na an cumantas. Bho àm glè thràth anns an ionnsachadh bha a’ chuid a bu mhotha de na sgoilearan airson Gàidhlig a chleachdadh agus bhruidhneadh iad measgachadh den dà chànan gus am fasadh iad an ìre mhath fileanta sa Ghàidhlig. B’ e glè bheag bacaidh a bha orra a’ gabhail compàirt ann an deasbadan agus còmhraidhean anns an dara cànan aca. Fhad ’s a bha iad ag ionnsachadh bha aig sgoilearan tric ri cànan ùr a thogail agus smuaintean ùra a’ chuspair a bha iad ag ionnsachadh a thuigsinn. Anns na suidheachaidhean a b’ fheàrr, ghabh luchd-teagaisg an tìde dèanamh cinnteach gu robh an dà chuid aca agus thug iad taic dhaibh. Mar bu trice bha deagh dhàimh eadar sgoilearan agus luchd-teagaisg agus b’ urrainn dhaibh bruidhinn gu misneachail mu dheidhinn na h-obrach aca agus bha tuigse mhath aca air adhbhar nan gnìomhan agus na h-obrach a bha aca ri dhèanamh. B’ urrainn don chuid a bu mhotha obair chunbhalach a dhèanamh leotha fhèin agus còmhla ri sgoilearan eile, ann an diofar raointean den chlàr-oideachaidh. Mar eisimpleir, rinn buidhnean beaga co-obrachadh èifeachdach air pìos sgrìobhaidh Gàidhlig mu dheidhinn tachartais eachdraidheil no dh’ obraich iad ann am buidheann air dearbhadh saidheansail a chur air dòigh agus an uairsin cunntas a thoirt don chlas mu dheidhinn. Glè thric bha na sgoilearan a bu shine gan cur còmhla ri sgoilearan òga mar ‘chompanaich’. Mar eisimpleir, chleachd aon sgoil siostam nan ‘companach’ le neach-teagaisg a’ sealltainn do na sgoilearan a bu shine ciamar a bhruidhneadh iad ris na sgoilearan òga mu dheidhinn an leughaidh anns a’ Ghàidhlig. Chuidich feadhainn eile na companaich òga aca ag ionnsachadh briathrachais Ghàidhlig airson matamataic.

A bheil na sgoilearan agaibh gam brosnachadh gus a bhith ag obair air an cinn fhèin agus uallach a ghabhail airson an cuid ionnsachaidh fhèin?

Dè an ìre gu bheil na sgoilearan agaibh a’ faighinn brosnachaidh agus cothroim a bhith a’ dèanamh sàr obair?

Ionnsachadh agus teagasg san àrd-sgoil

Ann an àrd-sgoiltean, tha measadh teagaisg agus ionnsachaidh a’ buntainn ri clasaichean cànain Gàidhlig a-mhàin. Air sgàth ’s cho beag solarachaidh FTMG a tha ri fhaighinn san àrd-sgoil airson chuspairean speisealta cha robh fianais sgrùdaidh gu leòr ann airson beachd daingeann a ghabhail air.

Anns a’ chuid a bu mhotha de dh’ àrd-sgoiltean cha robh ach aon neach-teagaisg Gàidhlig ann. Ann an cha mhòr a h-uile roinn bha na sgoilearan dealasach, bha iad ag obair gu math leotha fhèin agus bha iad a’ dèanamh adhartais mhath. Bha an luchd-teagaisg tric a’ cur ùidh nan sgoilearan ann an cultar gu feum math agus a’ cleachdadh shuidheachaidhean làitheil gu h-èifeachdach. Ann an aon àrd-sgoil bha sgoilearan A3 air obair mar bhuidheann còmhla ris an neach-teagaisg aca airson clàradh didsiteach math a dhèanamh mu dheidhinn chaistealan agus uirsgeulan anns an sgìre. Bha cuid de na roinnean Gàidhlig a’ toirt cuairt-litrichean do na sgoilearan agus am pàrantan làn fiosrachaidh air brìgh nan cùrsaichean agus cinn-uidhe ionnsachaidh na roinne.

Bha na roinnean a b’ èifeachdaiche, beag no mòr, a’ marasglachadh na h-obrach aca fhèin agus rinn iad atharrachadh air an ionnsachadh agus an teagasg mar a bha feum air. Anns na roinnean seo, bha luchd-teagaisg:

  • a’ cleachdadh leughadh theacsaichean airson sgrìobhadh a leasachadh;
  • a’ cumail deagh choluadair leis na sgoilearan;
  • a’ toirt deagh thaic do sgoilearan aig an robh duilgheadasan agus a’ toirt dùbhlain mhatha do na sgoilearan a bu chomasaiche;
  • a’ teagasg dhòighean èifeachdach air sgrìobhadh a dhealbh, a sgrùdadh airson mhearachdan agus a cheartachadh;
  • a’ taisbeanadh theacsaichean sònraichte agus gnèithean sgrìobhaidh agus labhairt eadar-dhealaichte;
  • a’ cuimseachadh air gràmar, litreachadh agus puingeachadh pongail agus air leasachadh ghnathasan-cainnte Gàidhlig; agus
  • a’ toirt iomraidh air farsaingeachd de dh’ eachdraidh agus cultar nan Gaidheal.

Anns na sgoiltean agus na roinnean Gàidhlig a b’ fheàrr, bha an luchd-obrach air fad ag obair gu fìor èifeachdach mar sgioba. Bha na roinnean aona-neach a b’ fheàrr mothachail air modhan-obrach ann an àiteachan eile agus a’ cumail ceangail le roinnean Gàidhlig eile. Thug seo cothrom dhaibh àrainneachd obrach èifeachdach a stèidheachadh a bha taiceil, brosnachail do na sgoilearan agus gam piobrachadh gus a bhith ag obair gu àirde an comais.

Measadh ga chleachdadh airson ionnsachadh a leasachadh

Aig P1/P2, bha a’ chuid a bu mhotha de sgoiltean a’ dèanamh deagh fheum den fhiosrachadh a fhuair iad bho ionadan ro-sgoile agus pàrantan mar thoiseach tòiseachaidh airson leasachadh Gàidhlig a dhealbhadh anns a’ bhun-sgoil.

Bho P3 gu P7 agus aig A1/A2, bha a’ chuid a bu mhotha de luchd-teagaisg a’ cleachdadh dheuchainnean ann an dòigh fhreagarrach, a’ gabhail a-steach Sgrùdaidhean Nàiseanta. Na bu mhotha agus na bu mhotha, bha luchd-teagaisg a’ cleachdadh dhòighean measaidh airson ionnsachaidh anns na clasaichean aca. Anns a’ mhodh-obrach a b’ fheàrr bha deagh fhios aig na sgoilearan air na slatan-tomhais airson inbhean 5-14 a ruigsinn.

Aig A3/A6, anns na suidheachaidhean a b’ fheàrr, bha an luchd-teagaisg an còmhnaidh ag innse do na sgoilearan na slatan-tomhais airson buannachd agus gam brosnachadh a thaobh a bhith gan cleachdadh airson an comasan leughaidh, sgrìobhaidh, labhairt agus èisteachd a leasachadh. Air an aon dòigh, ann an A3/A6, ann an co-bhonn le UTA, chaidh deagh fheum a dhèanamh de dhòighean riaghailteach airson inbhean nan sgoilearan a chuimseachadh ann an leughadh, sgrìobhadh, èisteachd agus labhairt. Bha CLAS (Comann Luchd-teagaisg nan Àrd-sgoiltean) air stiùireadh airson buannachd a leasachadh a sgaoileadh do roinnean Gàidhlig. Bha na dòighean taiceil seo a’ cuideachadh luchd-teagaisg, gu h-àraidh an fheadhainn a bha ag obair leotha fhèin, a bhith cinnteach nam breithneachadh proifeiseanta, a bhith a’ sgaoileadh deagh mhodhan-obrach agus a bhith a’ cleachdadh inbhean cunbhalach.

 

A’ freagradh feuman nan sgoilearan

 

Air tighinn a-steach do P1, bha cuid de sgoilearan fileanta agus misneachail ann an Gàidhlig agus bha feum aca air gnìomhan dùbhlanach airson na sgilean cànain Gàidhlig aca a neartachadh. Aig gach ìre den bhun-sgoil, bha luchd-teagaisg tric a’ cleachdadh an deagh mhodh-obrach a bhith ag atharrachadh eagrachadh nam buidhnean ionnsachaidh gus am biodh na gnìomhan aig an ìre iomchaidh airson ionnsachadh a neartachadh agus a thoirt air adhart. Airson seo a thoirt gu buil, bhiodh iad tric a’ dèanamh deagh fheum den taic a fhuair iad bhon an luchd-cuideachaidh teagaisg.

Uile gu lèir, bha sgoilearan aig an robh feum air taic a bharrachd a’ faighinn cuideachaidh mhath. Ach bha dìth stòrasan ann, ge-tà, airson measadh agus breithneachadh air sgoilearan aig an robh duilgheadasan anns a’ Ghàidhlig agus ann an seagh na b’ fharsainge a bha na bu mhiosa na an cumantas. Mar bu trice, bha luchd-teagaisg ga fhaighinn duilich co-dhùnadh co dhiubh a bha duilgheadasan sgoileir a’ buntainn ri ionnsachadh dara cànain a-mhàin no an robh iad na bu dhoimhne agus gum biodh iad air nochdadh leis a’ chiad chànan cuideachd. Ann an iomadh suidheachadh, thuirt luchd-teagaisg nach robh aig na proifeiseantaich taice bhon taobh a-muigh ach glè bheag eòlais, ma bha idir, air FTMG agus na cùisean co-cheangailte ris. Ach bha cuid de dh’ ùghdarrasan ionadail air a dhol air thùs ann am feuchainn ris an t-suidheachadh seo fhuasgladh. Mar eisimpleir, bha aon ùghdarras air stuthan meadhain-Bheurla airson duilgheadasan ionnsachaidh agus adhartas chomasan inntinn a mheasadh atharrachadh airson an cleachdadh ann am FTMG. Bha feum aig ùghdarrasan eile air tuilleadh a dhèanamh.

Dè cho èifeachdach ’s a tha gnìomhan agus buidhnean eadar-dhealaichte gan cleachdadh airson diofar fheuman nan sgoilearan a fhreagradh?

Anns na roinnean àrd-sgoile Gàidhlig a bu mhotha, chaidh deagh fheum a dhèanamh de bhuidhnean sùbailte de sgoilearan, stèidhichte air an comasan no am buadhan, airson feuman eadar-dhealaichte a fhreagradh ann an clasaichean A1 gu A4. Anns a’ mhodh-obrach a b’ fheàrr, bha luchd-teagaisg a’ gabhail suim chùramach air ìre chomasan cànain nan oileanach agus thionndaidh iad dòighean-obrach agus stòrasan a rèir nam feuman aca. Far an robh sgoilearan gu leòr ann, chleachd roinnean buidhnean buannachd farsaing ann an clasaichean nam fileantach agus an luchd-ionnsachaidh agus dh’ fhaodadh sgoilearan gluasad eadar bhuidhnean mar a bha iomchaidh. Bha na roinnean seo a’ dèanamh cinnteach gu robh obair a’ coinneachadh gu dlùth ris an ionnsachadh a rinn sgoilearan roimhe.

Bha na clasaichean FTMG agus roinnean Gàidhlig àrd-sgoile a b’ èifeachdaiche a’ dol fada thairis air eagrachadh clasa agus buidhne airson feuman ionnsachaidh nan sgoilearan a fhreagradh. Bha iad a’ sònrachadh inbhean agus dòighean-obrach soilleir airson dùbhlan a thoirt don a h-uile sgoilear gus am fàsadh iad fileanta agus misneachail anns a’ Ghàidhlig agus ann an cultar nan Gaidheal. Ann an clasaichean nam fileantach agus an luchd-ionnsachaidh bha luchd-teagaisg a’ cleachdadh saibhreas beul-aithris, ciùil agus ealain sùla airson barrachd dùbhlain agus brosnachaidh a thoirt do na sgoilearan. Aig A3/A4, ann an clasaichean an luchd-ionnsachaidh, rinneadh deagh fheum de chomhairle TN airson ionnsachadh speisealta a leasachadh ann an leughadh pearsanta agus taisbeanadh aona-neach. Aig A5, bha cuid de na tagraichean a bu chomasaiche airson Àrd Ìre a’ feuchainn air obair sgrìobhaidh a chaidh a dhealbhadh anns a’ chiad àite airson chùrsaichean Sàr Àrd Ìre. Fhuair mòran aca piobrachadh le a bhith a’ gabhail compàirt ann am farpaisean nàiseanta airson deasbaid agus sgrìobhaidh.

A bheil na dòighean-eagrachaidh agaibh sa chlas a’ freagradh feuman ionnsachaidh nan sgoilearan gu h-èifeachdach?

Prìomh fheartan ann an deagh ionnsachadh, teagasg, measadh agus freagradh feuman sgoilearan aig a h-uile h-ìre

 

Anns na leasanan sin far an robh na sgoilearan a’ dèanamh deagh adhartais, a’ gabhail tlachd às an ionnsachadh agus gan cur gu dùbhlan freagarrach, bha na feartan a leanas follaiseach.

  • Sgoilearan, an dà chuid fileantaich agus luchd-ionnsachaidh, a bha dealasach, aigneach, deònach gabhail ri cànan agus smuaintean ùra agus misneachail ann an conaltradh.
  • Coluadair làidir, tarbhach ann eadar sgoilearan agus luchd-obrach agus le muinntir na coimhearsnachd.
  • Cuimseachadh soilleir a dh’ ionnsaigh togail air an ionnsachadh a chaidh roimhe agus freagradh feuman Gàidhlig agus feuman ionnsachaidh nan sgoilearan.
  • Luchd-obrach a’ cleachdadh na Gàidhlig mar a’ phrìomh mheadhan conaltraidh leis na sgoilearan, ach aig an aon àm ga chur mar phrìomhachas a bhith tuigseach mu fheuman gach sgoileir fa leth, gu h-àraidh ann an clasaichean far an robh sgoilearan a’ tòiseachadh gun Ghàidhlig idir.
  • An neach-teagaisg a’ taisbeanadh deagh eisimpleir air cleachdadh na Gàidhlig.
  • An neach-teagaisg a’ dèanamh cinnteach gu robh sgoilearan a’ tuigsinn adhbhar nan leasanan agus gan cuideachadh a’ dèanamh cheanglaichean le raointean eòlais eile.
  • An neach-teagaisg a’ dèanamh cinnteach gu robh fios aig na sgoilearan dè an cànan a bha a dhìth orra agus gan cuideachadh ag ionnsachadh agus a’ cleachdadh fhaclan ùra mar a bhuineadh iad don chuspair a bha ga theagasg.
  • Luchd-teagaisg a bha deònach ionnsachadh agus comasach na dòighean aca fhèin a thionndadh no atharrachadh airson feuman nan sgoilearan a fhreagradh agus am feum as fheàrr a dhèanamh de na stòrasan agus fianais rannsachaidh a bha ri fhaighinn.
  • Pàrantan gan toirt an lùib chùisean tro chomhairle agus stiùireadh a thoirt dhaibh air na cùrsaichean agus ciamar a chuidicheadh iad ionnsachadh an cuid cloinne.

Dè an ìre gu bheil sibh a’ cleachdadh coileanaidh nan sgoilearan anns a’ chlas airson obair fhreagarrach a thaghadh dhaibh airson an ama ri teachd?

Prìomh raointean leasachaidh ann an ionnsachadh, teagasg, measadh agus freagradh feuman sgoilearan aig a h-uile h-ìre

 

Aig a h-uile h-ìre, bha feum ann dèanamh cinnteach gu robh na sgoilearan uile a’ faighinn obrach anns an robh dùbhlan gu leòr agus a bha aig astar iomchaidh airson adhartas freagarrach a dhèanamh ann an Gàidhlig a thogail agus eòlas agus sgilean a leasachadh air feadh a’ chlàr-oideachaidh. Nuair a bha an teagasg lag ann am FTMG bha na h-aon lochdan rin lorg. Mar bu trice bha dealas agus sgil a dhìth air an neach-teagaisg agus cha robh iad a’ faighinn taic no dùbhlain gu leòr bho luchd-riaghlaidh na sgoile no bhon ùghdarras. Mar bu trice cha robh an neach-teagaisg a’ gabhail suim gu leòr de bhuannachd no sgilean cànain Gàidhlig nan sgoilearan no den eòlas a bha aca mar-thà, bha astar an ionnsachaidh caochlaideach agus cha robh na gnìomhan inntinneach no brosnachail. Am measg eisimpleirean eile air laigsean ann an teagasg bha:

  • dìth misneachd ann a bhith a’ co-dhùnadh air ìrean buannachd, far nach b’ urrainn do luchd-teagaisg coimeas agus cuimseachadh a dhèanamh le luchd-teagaisg eile air sgàth iomallachd;
  • dìth misneachd air luchd-teagaisg FTMG sa bhun-sgoil ann an cuspairean air a’ chlàr-oideachaidh leithid saidheans, teicneolas agus TFC; agus
  • ro bheag tìde a’ cleachdadh na Gàidhlig mar a’ chànan ionnsachaidh agus teagaisg, uaireannan seach nach robh an neach-teagaisg comasach sa chànan.

An aithnich sibh raointean san sgoil agaibh far a bheil leasachadh a dhìth?

Dè na ceuman a ghabh an sgoil agaibh airson tuilleadh leasachaidh a thoirt gu buil?

4 CEANNARDAS

Ceannardas ann am bun-sgoiltean

 

Ann an, cha mhòr, a h-uile bun-sgoil, chaidh clasaichean FTMG a stèidheachadh ri taobh chlasaichean meadhain-Bheurla anns an aon sgoil fon aon cheannard. Bha dùbhlain shònraichte mu choinneamh nan ceannardan sin a thaobh dèanamh cinnteach gu robh deagh chàileachd ri faighinn ann an àrainneachd teagaisg far nach robh iad fhèin, glè thric, a’ tuigsinn ach glè bheag. Bha iad uile, cha mhòr, èifeachdach ann a bhith a’ coinneachadh an dùbhlain sin agus iad a’ meas an t-solarachaidh FTMG no na CGBS mar thairbhe a bha a’ cur saoibhris ann am beatha na sgoile.

Chaidh FTMG sa bhun-sgoil a sholarachadh, mar bu trice, airson iarrtasan phàrantan a fhreagradh. Anns a’ mhodh-obrach a b’ fheàrr chuir sgoiltean mòran feum air an taic sin. Anns a h-uile suidheachadh, cha mhòr, ged a bha aig ceannardan-sgoile ris na sruthan Gàidhlig agus Beurla a riaghladh aig an aon àm, rinn iad cinnteach gu robh an dà chuid a’ gabhail làn chompàirt ann an gnìomhan coitcheann san sgoil, tro phròiseactan iomairt, mar eisimpleir. Anns a’ mhodh-obrach a b’ fheàrr, bha ceannardan ag obair còmhla ri pàrantan nan sgoilearan FTMG agus a’ dèanamh cinnteach gu robh iad a’ faighinn taic agus bha iad gu h-àraidh a’ brosnachadh phàrantan aig nach robh Gàidhlig a bhith a’ gabhail compàirt ann an ionnsachadh an cuid cloinne.

Anns na bun-sgoiltean leis a’ cheannardas a b’ fheàrr, bha na daoine ann an ùghdarras a’ cur cudroim anabarrach làidir air sàr chàileachd. Bha na feartan seo follaiseach anns an obair aca:

  • beachd soilleir a dh’ ionnsaigh Gàidhlig agus cultar nan Gaidheal a bhrosnachadh air feadh na sgoile;
  • mòran fèin-mheasaidh èifeachdaich;
  • sìor sgrùdadh air adhartas agus buannachd nan sgoilearan; agus
  • deimhinneachd gum biodh an t-ionnsachadh agus an teagasg aig àrd ìre agus gum biodh feallsanachd làidir co-obrachaidh anns an sgoil.

Ceannardas ann an àrd-sgoiltean

Ann an àrd-sgoiltean, bha, cha mhòr, a h-uile ceannard den bheachd gu robh solarachadh do sgoilearan le Gàidhlig na leas luachmhor don chlàr-oideachaidh aca. Ghabh mòran an cothrom iarraidh air an luchd-teagaisg Gàidhlig aca clasaichean Gàidhlig a thabhann do luchd-ionnsachadh, agus glè thric bha fèill mhòr air seo am measg nan sgoilearan. Bha seo a’ tachairt gu h-àraidh ann an sgoiltean far nach robh solarachadh Gàidhlig roimhe. Bha eisimpleirean ann, ged tha, fiù ann an sgoiltean far an robh roinn Ghàidhlig ùine mhòr, far nach robh an àrd luchd-riaghlaidh air an fheum a b’ fheàrr a dhèanamh den t-solarachadh Gàidhlig a bha aca san sgoil.

Anns na sgoiltean a bha a’ brosnachadh agus a’ toirt taic do ghnìomhan Gàidhlig, bha luchd-obrach a’ faireachdainn gu robhas a’ cur luach anns na h-oidhirpean aca airson solarachadh Gàidhlig a leasachadh agus a leudachadh. Bha ceannardan èifeachdach a’ cruthachadh co-obrachaidh làidir agus a’ sònrachadh inbhean àrda airson adhartas sgoilearan ann an ionnsachadh na Gàidhlig agus a thaobh am buannachd san fharsaingeachd. Bha fios aig na ceannardan seo air na h-iomairtean nàiseanta as ùire ann an saoghal na Gàidhlig agus ann am foghlam anns an fharsaingeachd. Bha mòran, a’ gabhail a-steach luchd-teagaisg a bha ag obair nan aonar, air dòighean riaghailteach a stèidheachadh airson càileachd na h-obrach sa chlas agus buannachd nan sgoilearan aig a h-uile h-ìre a mharasglachadh agus a mheasadh.

Ann an àrd-sgoiltean agus bun-sgoiltean bha dùbhlain a bharrachd mu choinneamh cheannardan, co dhiubh a bha Gàidhlig aca no nach robh, a thaobh clasaichean Gàidhlig a mharasglachadh agus a mheasadh. Bha aca ri grunn chomasan a thoirt gu ìre, a’ gabhail a-steach tuigse air:

  • cuimsean buannachd agus mar a bhuineadh iad ri sgoilearan FTMG;
  • ciamar agus dè cho luath ’s a tha clann ag ionnsachadh tro mheadhan na Gàidhlig aig diofar ìrean anns an sgoil;
  • dè na duilgheadasan a dh’ fhaodadh a bhith ag èirigh bho bhrìgh cùrsa seach bho chànan a-mhàin;
  • buannachd agus comas sgoilearan anns a’ Ghàidhlig;
  • dòighean bogaidh agus roi-innleachdan dara cànain;
  • daoine le dà chànan agus dà chultar;
  • miann nam pàrantan agus na coimhearsnachd; agus
  • cultar agus dualchas nan Gaidheal.

An aithnich sibh raointean san sgoil agaibh far a bheil leasachadh a dhìth?

Prìomh raointean leasachaidh ann an ceannardas sgoiltean

 

Anns a’ bheagan cheannardais lag a chunnacas, cha robh ceannardan air co-obrachadh a dhèanamh le clasaichean FTMG no CGBS. Cha tug iad ach beagan taic do luchd-teagaisg agus cha robh mòran ùidh aca ann an gnothaichean Gàidhlig a leasachadh no a bhrosnachadh. Bha e duilich do luchd-teagaisg anns na suidheachaidhean sin misneachd a chumail an àird, coileanadh gu àirde an comais no dearbhadh do phàrantan gu robh an cuid cloinne a’ faighinn deagh chàileachd foghlaim.

Dè an ìre gu bheil an ceannard no ceann roinne agaibh air àrainneachd fhèin-mheasaidh a chruthachadh far a bheil luchd-obrach a’ faireachdainn gu bheil luach ga chur orra agus deònach a bhith taiceil do na modhan-obrach as fheàrr aig a chèile agus ionnsachadh bhuapa?

Ann am beag chuid de roinnean àrd-sgoile bha ceannardan ann nach tug aire gu leòr air modhan-obrach sa chlas a mharasglachadh. Cha robh iad a’ tadhal air na clasaichean tric gu leòr agus mar sin cha b’ urrainn dhaibh comhairle no taic a chuimseachadh far an robh feum air. Uaireannan, fhuair sgoilearan droch ullachadh airson deuchainnean a-muigh air sgàth droch roghainn theacsaichean no mì-thuigse air eagrachadh nan deuchainnean.

Ma tha thu nad neach-teagaisg ag obair nad aonar, càite am faigh thu cuideachadh air gnothaichean Gàidhlig sònraichte?

Ceannardas aig ìre an ùghdarrais ionadail

Bha ceithir ùghdarrasan deug a’ solarachadh FTMG. Bha seachd eile a bha an-sàs ann am foghlam Gàidhlig gu ìre na bu lugha tro, mar eisimpleir, ionnsachadh coimhearsnachd agus pròiseactan leasachaidh. Bha a’ Bhuidheann Ath-bhreithneachaidh Luchd-Riaghlaidh (BAL) airson Thabhartasan Sònraichte don Ghàidhlig ga dèanamh an àird de riochdairean nan ùghdarrasan ionadail a bha a’ faighinn Thabhartasan Sònraichte airson Gàidhlig, 21 uile gu lèir. Bha BAL a’ coinneachadh gu cunbhalach agus thug i cothrom do na h-ùghdarrasan a ghabh compàirt deasbad air na cùisean a bha aca sa chumantas. Cha do ghabh a h-uile h-ùghdarras compàirt ghnìomhach ann am BAL agus cha do chuir cuid aca riochdairean thuice a bha aig inbhe àrd gu leòr. Anns na h-ùghdarrasan ionadail bha na h-oifigearan leasachaidh càileachd a’ dèiligeadh ri leasachadh foghlaim Ghàidhlig agus a’ toirt taic dha mar phàirt den obair aca. Bha cuid de dh’ ùghdarrasan a’ fastadh oifigearan càileachd Gàidhlig no oifigearan leasachaidh Gàidhlig làn- no pàirt-ùine.

Anns na h-ùghdarrasan ionadail a nochd ceannardas èifeachdach bha gealladh poileasaidh soilleir aca airson solarachadh Gàidhlig a leasachadh agus a leudachadh. Bha iad gnìomhach ann an taic agus brosnachadh a thoirt do sgoiltean a thaobh solarachadh Gàidhlig a leasachadh. Bha mòran air com-pàirteachas a dhèanamh le ùghdarrasan eile, stèidhean foghlaim àrd-ìre agus buidhnean eile airson feuchainn ri duilgheadasan practaigeach, leithid gainnead luchd-teagaisg, fhuasgladh.

Bha grunn ùghdarrasan air na dòighean aca fhèin a lorg airson taic a thoirt don Ghàidhlig. Am measg nan iomairtean èifeachdach aig ùghdarrasan fa leth bha:

  • làn roi-innleachd leasachaidh aig Comhairle na Gaidhealtachd le ceangal ri Oilthigh Obar Dheathain airson ciad ionnsachadh luchd-teagaisg a sholarachadh air astar;
  • an leasachadh air prògram CGBS aig Earra-Ghaidheal is Bòid;
  • an dòigh-obrach cho-fhillte a leasaich Siorrachd Lannraig a-Tuath agus Baile Ghlaschu airson ceangal a dhèanamh eadar na roinnean ro-sgoile, bun-sgoile, àrd-sgoile agus ionnsachaidh choimhearsnachd; agus
  • Fèis Ealain Ghàidhlig Bhaile Obar Dheathain.

A thuilleadh air seo, bha an fheadhainn a mheudaich àireamh nan sgoilearan a’ dol a-steach do dh’fhoghlam Gàidhlig a’ nochdadh nam feartan a leanas:

  • co-obrachadh dlùth le pàrantan airson FTMG no CGBS a bhrosnachadh;
  • dealas airson sàr chàileachd eòlais a thoirt do na sgoilearan;
  • brosnachadh sgoiltean gus pròiseactan agus iomairtean inntinneach agus innleachdach a leasachadh;
  • leantaileachd agus adhartas a lìbhrigeadh ann am foghlam Gàidhlig bho ro-sgoil gu àrd-sgoil;
  • deagh dhàimh le buidhnean leasachaidh na Gàidhlig;
  • co-obrachadh eadar grunn sheirbheisean comhairle airson Gàidhlig a bhrosnachadh;
  • tionndaidhean ealanta air iomairtean nàiseanta leithid Tràth Eadraiginn airson piseach a thoirt air ionnsachadh agus teagasg na Gàidhlig;
  • compàirt ann an sàr stòrasan a chruthachadh agus ann an dòighean ionnsachaidh ùra Gàidhlig agus tro Ghàidhlig a bhrosnachadh; agus
  • caitheamh èifeachdach air na Tabhartasan Sònraichte airson àireamh nan sgoilearan ann an clasaichean Gàidhlig a chur am meud.

De cho èifeachdach ’s a tha an t-ùghdarras ionadail agaibh ann a bhith a’ daingneachadh roi-innleachd cho-cheangailte airson taic a thoirt do dh’fhoghlam Gàidhlig anns an sgìre agaibh?

Prìomh raointean leasachaidh airson ceannardas ùghdarrasan ionadail

Anns na h-ùghdarrasan sin nach do chuir uiread cudroim air solarachadh Gàidhlig a leasachadh, bha dìth planaidh roi-innleachdaich follaiseach a dh’ ionnsaigh FTMG a leasachadh. Bha feum aca air barrachd brosnachaidh ghnìomhaich a dhèanamh air FTMG anns na h-àrd-sgoiltean. Bha aca ri:

  • dèanamh cinnteach gu robh cothroman ann FTMG a leantainn bho ro-sgoil gu àrd-sgoil;
  • compàirt nas gnìomhaiche a ghabhail ann an leasachadh co-obrachail le ùghdarrasan eile, mar eisimpleir tro BAL;
  • co-obrachadh a dhèanamh le pàrantan airson àireamhan a chur am meud ann am FTMG san ro-sgoil, bun-sgoil agus àrd-sgoil; agus
  • ceangal teann a dhèanamh le sgoiltean a dhèanamh cinnteach gu robh iad gnìomhach a’ brosnachadh a h-uile gnè de dh’ fhoghlam Gàidhlig agus a’ toirt an aon spèis dha ’s a fhuair a h-uile seòrsa foghlaim eile.

5 SOLARACHADH, TRÈANADH AGUS LEASACHADH PROIFEISEANTA LUCHD-TEAGAISG

Trèanadh agus solarachadh luchd-teagaisg

Is e solarachadh agus trèanadh luchd-teagaisg gu leòr aon de na prìomh chùisean a tha air a bhith a’ cur bacaidh air leasachadh ann am fòghlam Gàidhlig anns na bliadhnaichean a chaidh seachad agus tha e fhathast na dhuilgheadas.

Tha ùghdarrasan foghlaim air tuairmeas a dhèanamh air an àireamh luchd-teagaisg a bhios a dhìth anns a’ mheadhan-ùine agus anns an fhad-ùine agus tha iad air iomairtean a chur air dòigh an co-bhonn leis na stèidhean foghlaim aig a bheil gnothach ri Gàidhlig agus ri foghlam luchd-teagaisg. Am measg na tha seo, tha foghlam air astar airson trèanadh a thoirt do luchd-teagaisg anns na sgìrean aca fhèin. Le taic an Riaghaltais, tha stèidhean foghlam luchd-teagaisg air cuibhreann àiteachan oileanach a chumail air leth airson oileanaich leis an uidheamachadh fhreagarrach a dh’ fhaodadh a dhol do FTMG, ann an cùrsaichean fho-cheumnach agus iar-cheumnach. Chan eil na dòighean fàisneachd airson beachd ceart fhaighinn air iarrtas airson luchd-teagaisg Gàidhlig agus luchd-teagaisg FTMG riaghailteach gu leòr aig an àm seo. Tha tuilleadh obrach a dhìth tro BAL, ann an co-bhonn le RFRA agus a’ Chomhairle Teagaisg Choitcheann, airson pàtranan fàs aithneachadh agus fàisneachd iarrtais nas mionaidiche a dhèanamh gu h-àraidh agus na h-àireamhan sgoilearan a’ cur crìoch air FTMG sa bhun-sgoil a’ sìor èirigh.

Am measg nan iomairtean airson cùrsaichean a dheasachadh a bhiodh freagarrach do FTMG aig ìre na ro-sgoile ’s na bun-sgoile agus a leasaicheadh inntrigeadh do thrèanadh luchd-teagaisg, tha cùrsaichean trèanaidh a chuireadh air bhonn o chionn ghoirid eadar Comhairle na Gaidhealtachd agus Oilthigh Obar Dheathain agus eadar Oilthigh Shrath Chluaidh agus Institiùd Oilthigh na Gaidhealtachd ’s nan Eilean nam Mìle Bliadhna, airson luchd-teagaisg FTMG ro-sgoile agus bun-sgoile. Leasaich Oilthigh Obar Dheadhain na cothroman trèanaidh ro-sheirbheis aca airson luchd-teagaisg na Gàidhlig sa bhun-sgoil agus san àrd-sgoil o chionn ghoirid le a bhith a’ tabhann foghlam air astar. Bidh Oilthighean Obar Dheadhain agus Shrath Chluaidh a’ solarachadh trèanadh iar-cheumnach airson luchd-teagaisg Gàidhlig àrd-sgoile. Chan eil trèanadh ro-sheirbheis ann airson luchd-teagaisg chuspairean speisealta meadhain-Ghàidhlig san àrd-sgoil.

A thuilleadh air barrachd luchd-teagaisg ùra a sholarachadh don t-siostam foghlaim, tha oidhirpean a-nis gan dèanamh airson comasan luchd-teagaisg le Gàidhlig ag obair anns na sgoiltean taobh a-muigh foghlaim Gàidhlig, a chur gu feum. Dh’ fhaodadh gum biodh an luchd-teagaisg seo airson a bhith ag obair ann am FTMG ach nach eil misneachd aca gu bheil iad fileanta gu leòr. Tha an Riaghaltas air cùrsa ullachaidh pàirt-ùine a mhaoineachadh tro Shabhal Mòr Ostaig (SMO) airson trèanadh a thoirt do luchd-teagaisg den leithid seo ach is e glè bheag a chuir a-steach air a shon. Tha an cùrsa ga ath-dhealbhadh airson gum faighear air a dhèanamh air astar tron eadarlìon.

Aig an àm seo, ge-tà, chan eil fiù na h-àiteachan a chaidh a shònrachadh do oileanaich Ghàidhlig gan lìonadh gu lèir agus chan eil an àireamh riatanach as lugha de luchd-teagaisg ùra gan solarachadh do FTMG.

Tha deagh fhios gur e prìomh bhacadh air adhartas ann an meudachadh FTMG a tha anns na duilgheadasan ann an cruinneachadh agus solarachadh luchd-teagaisg. Airson dòigh a lorg air na duilgheadasan seo fhuasgladh chuir Ministear an Fhoghlaim agus na h-Òigridh air bhonn Buidheann-ghnìomha airson Cruinneachadh agus Solarachadh Luchd-teagaisg ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig tràth ann an 2005. Tha aig a’ bhuidhinn ri plana gnìomha nàiseanta a dheasachadh ron Chèitean 2005.

Leasachadh proifeiseanta leantainneach

Feumar cuideachd leasachadh proifeiseanta leantainneach (LPL) luchd-teagaisg ann am foghlam Gàidhlig a cho-òrdanachadh aig ìre nàiseanta cho math ri gluasad aig ìre sgoiltean agus ùghdarrasan. A chionn ’s gu bheil àireamhan luchd-teagaisg FTMG beag, uile gu lèir, agus gu bheil feum air sìor leasachadh air poileasaidh, modhan-obrach agus stòrasan, tha cuibhreann coimeasach mòr de luchd-obrach air a bhith an-sàs ann an leasachadh nàiseanta. Tha seo air sealladh nas farsainge a thoirt do luchd-teagaisg clasa air an obair aca agus air beagan a dhèanamh gus an luchd-teagaisg uile a tharraing ri chèile, a dh’ aindeoin astair agus iomallachd phroifeiseanta. Anns na suidheachaidhean a b’ fheàrr ann an sgoiltean, ghabh luchd-teagaisg FTMG compàirt ann an dòighean marasglachaidh agus fèin-mheasaidh na sgoile fhèin. Ghabh iad cothroman LPL na sgoile agus an ùghdarrais agus thionndaidh iad na cinn-uidhe a rèir nam feuman aca fhèin. Ach, cha robh a h-uile sgoil no ùghdarras fhathast air iomradh a thoirt anns an LPL aca air feuman sònraichte luchd-teagaisg FTMG leithid sgilean agus misneachd luchd-teagaisg ann a bhith a’ leasachadh an cuid cànain fhèin no ann a bhith a’ measadh agus a’ cuideachadh sgoilearan le feuman ionnsachaidh a bharrachd.

Airson leigeil le luchd-teagaisg FTMG a thighinn còmhla a cho-roinn mhodhan-obrach agus a chomharradh phrìomhachasan airson leasachaidh, chum LSBF coinneamh (A’ Chuisle) airson a h-uile neach-teagaisg bun-sgoile FTMG ann an Albainn anns an t-Samhain 2002. Chum Ionnsachadh agus Teagasg Alba an ath choinneamh sa Mhàirt 2004 a bha a’ cuimseachadh air na h-ealain fhaireachail. Tha coinneamh eile, A’ Chuisle 3 san amharc anns an Òg-mhìos 2005, a bhios a’ beachdachadh air cuspairean sòisealta agus TFC ann an ionnsachadh agus teagasg. Sheall measadh luchd-teagaisg gu robh fìor dheagh bheachd aca air coinneamhan na Cuisle. Tha LSBF air mothachadh gu bheil iomadh smuain agus modh-obrach a dh’ èirich anns na coinneamhan a-nis a’ nochdadh anns an t-seòmar sgoile. Tha Ionnsachadh agus Teagasg Alba air a bhith gnìomhach a’ toirt air adhart mòran de chinn-uidhe na Cuisle, a’ gabhail a-steach stèidheachadh a’ phròiseict Gàidhlig air-loidhne.

Tha buidhnean eile air compàirt a ghabhail ann an lìonraidhean a thogail agus taic a thoirt do luchd-teagaisg ann am foghlam Gàidhlig. Bha Comunn na Gàidhlig aig cridhe chùisean a’ cur CLAS (Comann Luchd-teagaisg nan Àrd-sgoiltean) air bhonn agus a’ cur fèilltean dhreuchdan Gàidhlig agus co-labhairtean sgoilearan an t-siathamh bliadhna air dòigh. Bhiodh e na leas tuilleadh chothroman lìonra a thoirt gu buil airson luchd-obrach an-sàs ann an cuspairean eile san àrd-sgoil tro mheadhan na Gàidhlig.

6 CO-DHÙNAIDHEAN, PRÌOMH NEARTAN AGUS RAOINTEAN LEASACHAIDH

Uile gu lèir, tha e follaiseach gun deach adhartas a dhèanamh ann an iomadh raon de dh’ foghlam Gàidhlig anns na beagan bhliadhnaichean a chaidh seachad, ged a tha duilgheadasan leasachaidh ann an cuid de phrìomh raointean fhathast. Cha deach foghlam Gàidhlig air stèidh fhoirmeil gu 1986 ach tha e air a bhith a’ fàs gu cunbhalach bhon àm sin. Tha càileachd an t-solarachaidh ann am FTMG sa bhun-sgoil math, anns an fharsaingeachd, agus tha e a-nis ga neartachadh le deagh sholarachadh foghlaim ro-sgoile ann an iomadh ceàrnaidh. Tha sgoilearan air taic agus brosnachadh fhaighinn a bhith a’ coileanadh aig àrd ìre agus tha mòran air sin a dhèanamh. Tha mòran de na sgoilearan a thòisich ann am FTMG ann am P1 aig deireadh na 1980an a-nis a’ dol do na siostaman foghlaim agus eile mar phroifeiseantaich bharrantaichte agus tha buaidh fhiùghantach aca air na raointean a thagh iad.

A rèir na fianais, tha buannachd mhath aig sgoilearan bun-sgoile FTMG, uile gu lèir. Tha neartan sònraichte ann am buannachd ann an cuid de raointean, ged a tha e soilleir cuideachd gu bheil raointean ann far a bheil leasachadh a dhìth, gu h-àraidh ann an sgrìobhadh. Tha na pàtranan adhartais agus buannachd ann am FTMG diofraichte, ann an cuid de dhòighean, bhon phàtran àbhaisteach ann an sgoiltean meadhain-Bheurla. Air an adhbhar seo, bidh e cudromach gum bi na buidhnean uile a tha an-sàs sa chùis a’ geur amharc air buannachd sgoilearan ann am FTMG aig gach ìre. Mar a tha eagrachadh ùr ga chur air dòigh aig ìre nàiseanta airson buannachd a mharasglachadh mu choinneamh inbhean 5-14 stèidhichte air an t-Suirbhidh Coileanaidh Albannach, feumar suim a ghabhail do dh’àireamhachd a chruinneachadh air buannachd sgoilearan ann am FTMG. Nì fiosrachadh den t-seòrsa seo cinnteach gum faighear beachd soilleir aig ìre nàiseanta air ciamar a tha sgoilearan FTMG a’ buannachd an coimeas ri an co-aoisean ann am foghlam meadhain-Bheurla. Aig an aon àm bidh iad nan slatan-tomhais luachmhor do dh’ ùghdarrasan-ionadail agus sgoiltean ann a bhith a’ measadh an coileanaidh. Ann an àrd-sgoiltean tha solarachadh cànain Gàidhlig làidir, uile gu lèir, far a bheil e ri lorg.

Tha àireamh nan sgoilearan a tha a’ dèanamh theisteanasan na h-Ìre Coitchinne, na h-Àrd Ìre agus eile a’ sìor fhàs, agus tha buannachd mhath aca, anns an fharsaingeachd. Tha òigridh gam brosnachadh cuideachd gus Gàidhlig a chleachdadh ann an caochladh shuidheachaidhean taobh a-muigh clasaichean foirmeil na sgoile agus gus tuigsinn gur e pàirt nàdarra den bheatha làitheil a tha anns a’ chànan seach rud a bhuineas don sgoil a-mhàin.

Tha solarachadh chlasaichean luchd-ionnsachaidh cuideachd gealltanach. Tha leasachadh CGBS air spreigeadh as ùr a thoirt don raon solarachaidh seo a tha a-nis a’ toirt inntrigidh don chànan do thomhas math sgoilearan ùra gach bliadhna. Tha feum air ath-bhreithneachadh air solarachadh àrd-sgoile airson luchd-ionnsachaidh ann an iomadh àite airson am piseach as motha fhaighinn bhon tòiseachadh tràth a tha luchd-ionnsachaidh a-nis a’ dèanamh, agus an àireamh sgoilearan a chur am meud a tha a’ dèanamh Gàidhlig gu ìre teisteanais. An coimeas ri FTMG, dh’ fhaodadh clasaichean CGBS agus luchd-ionnsachaidh san àrd-sgoil a thabhann do àireamhan mòran nas motha de sgoilearan air feadh na h-Albann gu lèir aig a bheil ùidh ann an cànan agus cultar nan Gaidheal. Tha an t-àrdachadh àireamhan math gun teagamh airson leasachadh na Gàidhlig san fharsaingeachd agus, an ceann tìde, dh’ fhaodadh do bharrachd sgoilearan fàs fileanta tro fhoghlam Gàidhlig a leantainn do dh’ìrean nas àirde.

Ach, tha lochdan dona anns an ìre gu bheil solarachadh meadhain-Ghàidhlig a’ leantainn gu riaghailteach bho bhun-sgoil gu àrd-sgoil. Chan eil feuman nan sgoilearan uile a tha air seachd bliadhna de FTMG a choileanadh, agus a tha air tighinn gu fileantachd, gam freagradh gu h-iomlan. Chan eil aon chùrsa cànain Gàidhlig, le beagan cothroim air a’ chànan a h-uile latha, no fiù nas ainneamh a rèir feumalachdan a’ chlàir-ama, gu leòr airson fileantachd a chumail an àird agus a leasachadh ann an caochladh àrainn cànain. Ann an 2004 cha do chlàraich ach 55% de sgoilearan P7 bho FTMG ann am foghlam Gàidhlig ann an A1. Tha na h-àireamhan sin nan droch chomharradh airson seasmhachd cànain. Tha leasachadh susbainteach a dhìth air foghlam meadhain-Ghàidhlig san àrd-sgoil airson dèanamh cinnteach gu bheil feuman agus miannan nan sgoilearan gam freagradh. Tha cus àrd-sgoiltean anns na ‘sgìrean Gàidhlig’ nach eil fhathast air gabhail ris a’ bheachd gum bu chòir FTMG a sholarachadh ann an iomadh cuspair, agus gum faodadh sochairean a thighinn an lùib sin.

Dh’ aithnich Ministear an Fhoghlaim agus na h-Òigridh gu robh dìth adhartais ann an solarachadh FTMG ann an cuspairean seach cànan a-mhàin san àrd-sgoil agus chuir e buidheann-obrach air bhonn a dhèanadh ath-bhreithneachadh air cùisean agus molaidhean airson adhartais ann an ùine ghoirid. Is e seo an dearbh àm airson iomairt den t-seòrsa seo, a’ rannsachadh TFC gu h-iomlan a dh’ fhaicinn ciamar a chleachdar nan sochairean aige airson co-obrachadh a thoirt gu buil eadar sgoiltean agus ùghdarrasan a dh’ionnsaigh soirbheachadh anns an raon seo. Bu chòir don mhaoineachadh a tha am Ministear a’ toirt seachad aig an aon àm airson meudachadh Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu do ìre na h-àrd-sgoile stòrasan a lìbhrigeadh a bhios cuideachail anns a’ chùis seo.

Ged a rinneadh tomhas de dh’ adhartas, tha duilgheadasan le dealas, cruinneachadh, trèanadh agus solarachadh luchd-teagaisg nan dùbhlain dho-sheachanta ann an roi-innleachd nàiseanta sam bith airson leasachaidh ann am foghlam Gàidhlig. Tha gainnead luchd-obrach fhathast na phrìomh bhacadh air meudachadh solarachaidh, gu h-àraidh san àrd-sgoil. A-rithist tha am Ministear air tuigsinn gu bheil feum air gluasad agus gnìomhan as ùr, agus tha e air buidheann-obrach a chur air bhonn airson ath-bhreithneachadh air cruinneachadh agus trèanadh luchd-teagaisg, agus molaidhean a dhèanamh airson adhartais ann an ùine ghoirid. Bidh e cudromach gun èirich roi-innleachd phractaigeach à obair na buidhne seo airson solarachadh luchd-teagaisg a chur am meud agus gum freagair tidsearan le Gàidhlig na molaidhean le gnìomhan èifeachdach.

Anns na bliadhnaichean a chaidh seachad bha aig luchd-leasachaidh foghlaim Ghàidhlig ri poileasaidh a chur air dòigh ann an àrainneachd thoinnte far an robh mòran bhuidhnean le ùidh sa chùis ach le seallaidhean eadar-dhealaichte, agus às aonais buidhne os cionn chùisean aig an robh ùghdarras soilleir roi-innleachdail. Tha stèidheachadh Bòrd na Gàidhlig o chionn ghoirid, le dleastanas airson roi-innleachd nàiseanta a dheasachadh, air an t-suidheachadh seo atharrachadh, a’ toirt cothroim seachad airson barrachd co-fhillidh agus ceannardas nas làidire ann am poileasaidh Gàidhlig air fad.

Tha roi-innleachd nàiseanta a ghabhas a-steach plana co-cheangailte airson foghlam Gàidhlig ann an sgoiltean, riatanach ma thathas a’ dol a lorg dòigh sheasmhach air car a chur anns an lùghdachadh ann an àireamhan luchd-labhairt. Tha an aithisg seo a’ cuimseachadh air prìomh chùis a dh’ fheumas a bhith anns an roi-innleachd, sin, solarachadh Gàidhlig do chloinn agus do dhaoine òga anns an sgoil agus an ro-sgoil. Chan eil teagamh nach e cuspair air leth cudromach a tha ann, ach chan e seo idir an aon chuspair air am bu chòir beachdachadh. Bidh raointean leithid brosnachadh Gàidhlig agus cultar nan Gaidheal anns na meadhanan agus na h-ealain, agus ionnsachadh a’ chànain seachad air ìre na sgoile, ann an suidheachaidhean foirmeil agus neo-fhoirmeil, a cheart cho cudromach. Dh’ fhaodadh gum bi meudachadh solarachaidh sgoile gu leòr na aonar airson gu leòr luchd-labhairt ùra a thoirt gu buil anns na bliadhnaichean a tha romhainn. Ach, feumar cur ris le barrachd chothroman airson inbhich ionnsachadh agus na comasan cànain aca a chumail agus a ghleusadh.

Le a bhith a’ togail air toraidhean iomairtean an Riaghaltais, feumaidh Bòrd na Gàidhlig, RFRA agus BAL taic a lìbhrigeadh do na h-ùghdarrasan ionadail a tha a’ solarachadh foghlaim Ghàidhlig airson a’ chiad uair agus ceannardas ùr roi-innleachdail a thoirt don fheadhainn a tha an-sàs ann mar-thà. Feumaidh ùghdarrasan ionadail agus sgoiltean freagairt a thoirt don cheannardas seo le a bhith a’ gabhail làn chompàirt ann am fàs agus leasachadh na Gàidhlig a bhrosnachadh anns na sgìrean aca fhèin. Ag obair còmhla, bu chòir gun dèanadh iad cinnteach gu bheil ginealaich ùra de luchd-labhairt òga a’ tighinn tro na sgoiltean airson cànan agus cultar beòthail a dhaingneachadh airson nan ginealach ri teachd.

Prìomh neartan

B’e na prìomh neartan ann an solarachadh foghlaim Ghàidhlig.

Prìomh raointean leasachaidh

Bu chòir do sgoiltean agus ùghdarrasan foghlaim:

Bu chòir do na buidhnean nàiseanta freagarrach (a’ gabhail a-steach RFRA, Bòrd na Gàidhlig, UTA agus Ionnsachadh agus Teagasg Alba), ag obair mar a tha riatanach le stèidhean foghlaim àrd-ìre agus ùghdarrasan ionadail:

PÀIPEAR-TAICE A DHÀ: ÙGHDARRASAN IONADAIL A THA A’ FAIGHINN THABHARTASAN SÒNRAICHTE AIRSON FOGHLAIM GHÀIDHLIG

1985

Dh’ fhosgail a’ chiad ionad FTMG. Àireamhan sgoilearan ann am FTMG sa bhun-sgoil a’ sìor fhàs mean air mhean gu còrr is 2000 sgoilear ann an 2004-2005.

1992

Comhairle na Roinn Eòrpa: Cairt nan Cànanan Roinneil agus Mion-chànanan. Chuir riaghaltas na RA ainm ris ann an 2000 agus dhaingnich iad e ann an 2001 airson Gàidhlig ann an Albainn.

1992

Stiùireadh Nàiseanta Gàidhlig 5-14 (Clàr-oideachaidh agus Measadh). Coltach ris an Stiùireadh Bheurla ann an cruth agus brìgh.

1994

Solarachadh Foghlaim Ghàidhlig ann an Albainn: Aithisg le LSBF. Chuireadh gnìomh air dòigh ann an 2003/04 airson ath-bhreithneachadh air an aithisg seo.

1995-97

Dh’fhoillsich Comhairle Clàr-oideachaidh na h-Albann 5-14 Stòrasan Eisimpleir.

1997

Stiùireadh Clàr-oideachaidh Ro-sgoile agus stòrasan eisimpleir.

1999

Chuireadh an Stòrlann air bhonn. Aithisg Aonad Rannsachaidh RFRA leis an Ionad Albannach airson Fiosrachaidh air Teagasg Chànanan: Buannachd Sgoilearan ann am FTMG Bun-sgoile ann an Albainn.

2000

Achd Inbhean ann an Sgoiltean na h-Albann etc.— ga shùileachadh/mar dhleastanas air ùghdarrasan foghlaim gun cuir iad solarachadh agus leasachadh FTMG anns na planaichean adhartais aca.

2002

Aithisg na Buidhne-gnìomha Ministreil air Gàidhlig a’ foillseachadh: Cothrom Ùr don Ghàidhlig. Tha na Prìomhachasan Nàiseanta Ùra airson Foghlaim Sgoile a’ cur cudroim shònraichte air a’ Ghàidhlig. Bòrd na Gàidhlig air a stèidheachadh. A’ Chuisle: co-labhairt airson luchd-teagaisg bun-sgoile FTMG a chuireadh air dòigh le LSBF.

2003-04

Co-chomhairle Dreachd Bile na Gàidhlig a’ faighinn còrr is 3000 freagairt.

2004

A’ Chuisle 2: co-labhairt airson luchd-teagaisg bun-sgoile agus àrd-sgoile FTMG a chuireadh air dòigh le Ionnsachadh agus Teagasg Alba le gealladh air tachartasan bliadhnail eile. Co-labhairt CGBS ann an Oilthigh Shruighlea. Taisbeanadh air measadh agus toradh rannsachaidh bho chòig ùghdarrasan foghlaim. Gàidhlig air-loidhne air a stèidheachadh. Planaichean airson Àrd-sgoil Ghàidhlig ann an Glaschu le taic bho RFRA. Thugadh stiùireadh do dh’ ùghdarrasan ionadail mu na dleastanasan aca a thaobh foghlaim Ghàidhlig fon Achd 2000. Pròiseact Àrd-sgoile FTMG Brìgheil air a stèidheachadh.

2005

Buidheann-ghnìomha Cruinneachaidh agus Solarachaidh Luchd-teagaisg FTMG air a chur air bhonn. Bile na Gàidhlig a’ faighinn aonta na Pàrlamaid agus na Ban-rìgh.

PÀIPEAR-TAICE A H-AON: CINN-LATHA CUDROMACH ANN AN LEASACHADH FOGHLAIM GHÀIDHLIG O CHIONN GHOIRID

Ùghdarras
Comhairle Baile Obar Dheadhain
Comhairle Aonghais
Comhairle Earra-Ghaidheal agus Bhòid
Comhairle Chlach Mhanainn
Comhairle nan Eilean Siar
Comhairle Siorrachd Àir an Ear
Comhairle Siorrachd Dhùn Bhreatainn an Ear
Comhairle Lodainn an Ear
Comhairle Siorrachd Rinn Friù an Ear
Comhairle Baile Dhùn Èideann
Comhairle na h-Eaglaise Brice
Comhairle Baile Ghlaschu
Comhairle na Gaidhealtachd
Comhairle Inbhir Cluaidh
Comhairle Siorrachd Àir a-Tuath
Comhairle Siorrachd Lannraig a-Tuath
Comhairle Pheairt is Chinn Rois
Comhairle Crìochan na h-Albann
Comhairle Siorrachd Lannraig a-Deas
Comhairle Shruighlea
Comhairle Siorrachd Dhùn Bhreatainn an Iar
Geàrr-chunntas air solarachadh
Foghlam Tro Mheadhan na Gàidhlig (FTMG) sa bhun-sgoil agus san àrd-sgoil
FTMG san ro-sgoil, sa bhun-sgoil agus san àrd-sgoil.
FTMG san ro-sgoil agus sa bhun-sgoil. FTMG agus cànan Gàidhlig san àrd-sgoil, CGBS.
Foghlam inbheach.
FTMG san ro-sgoil agus sa bhun-sgoil. Cànan Gàidhlig anns a h-uile h-àrd-sgoil. CGBS, taic do na h-ealain fhaireachailail agus do stòrasan.
FTMG san ro-sgoil, sa bhun-sgoil agus san àrd-sgoil, CGBS ann an 5 bun-sgoiltean.
FTMG san ro-sgoil agus sa bhun-sgoil. Cànan Gàidhlig san àrd-sgoil.
Cosgaisean siubhail a-mhàin.
Cosgaisean siubhail a-mhàin.
FTMG san ro-sgoil agus sa bhun-sgoil. Cànan Gàidhlig san àrd-sgoil.
Ionnsachadh agus Leasachadh Coimhearsnachd (ILC), cosgaisean siubhail.
FTMG san ro-sgoil, sa bhun-sgoil, san àrd-sgoil agus ILC.
FTMG san ro-sgoil, sa bhun-sgoil agus cànan Gàidhlig agus FTMG san àrd-sgoil agus ILC.
FTMG san ro-sgoil agus sa bhun-sgoil.
ILC.
FTMG san ro-sgoil, sa bhun-sgoil agus san àrd-sgoil.
FTMG sa bhun-sgoil agus san àrd-sgoil, ILC.
Cosgaisean siubhail a-mhàin.
FTMG san ro-sgoil, sa bhun-sgoil agus san àrd-sgoil.
FTMG san ro-sgoil, sa bhun-sgoil agus san àrd-sgoil.
ILC.

Footnote

1 Solarachadh na Gàidhlig ann am Foghlam ann an Albainn, Luchd-sgrùdaidh na Bànrighe airson Sgoiltean, 1994.