[<<<] [Clàr-innse] [>>>]
Tha mar a th’ air a bhith a’ tachairt bho chionn ghoirid a’ dearbhadh cho luath sa dh’atharraicheas cùisean agus cho eadar-thoinnte sa tha sinn air feadh an t-saoghail. Aig fìor thoiseach m’ aithris anns a’ chiad earrann a sgrìobh mi ann an Leasachadh Foghlam na h-Alba 2002-2005, thuirt mi: "Tha e soilleir gum feum a’ mhòr-shluagh a bhith uidheamaichte le misneachd agus sgilean anns na bliadhnachan a tha romhainn a thig suas ri na dùbhlain a thig an lùib atharrachaidhean obann agus uile-chumhachdach." Tha am briathrachas sin fhathast a’ cothromachadh a’ phrìomh cheist a tha mu choinneimh foghlam, chan ann an Alba a-mhàin ach air feadh an t-saoghail. Tha an aithisg seo ag amas air ìre deisealachaidh ann an Alba airson tighinn suas ri na dùbhlain sin agus a’ stiùireadh dhaoine gu leasachaidhean a bhios cudromach anns an àm ri teachd.
Tha beairteas eaconamach na h-Alba anns an ùine a tha romhainn an crochadh air siostam foghlaim far a bheil a’ mhòr-shluagh gan sgeadachadh fhèin leis an seòrsa eòlais, sgilean agus buadhan a dheisicheas iad airson tighinn-beò gu pearsanta, gu sòisealta agus gu h-eaconamach anns an 21mh linn. Tha e cuideachd a’ cur am feum ìrean buileachaidh agus coileanaidh a tha a-rèir nam feumalachdan sin agus a’ neartachadh suidheachadh na h-Alba gu h-eadar-nàiseanta.
Tha dìleab chumhachdach de leasachadh againn ann am foghlam na h-Alba thar nan còig bliadhna fichead a dh’fhalbh air an gabh togail. Tha leasachaidhean leithid Ìre Choitchinn 5-14, Àrd-ìre Leasaichte agus, bho chionn ghoirid, Measadh airson Ionnsachadh agus Daingeann gus Soirbheachadh air dòighean smaoineachaidh agus obrach a thoirt dhuinn aig am bì buaidh mhaireannach. Le Achd Foghlaim (Taic a bharrachd do dh’Ionnsachadh) (Alba) 2004 ga chur an gnìomh, tha luchd-teagaisg uile nas mothachail mun dleastanasan a thaobh a bhith a’ coinneachadh feumalachdan gach neach-ionnsachaidh fa leth.
Ann an Leasachadh Foghlam na h-Alba 2002-2005 chomharraich sinn feum air; barrachd soillearachaidh mu bhuilean foghlaim; amas nas fheàrr air sgilean beatha deatamach, gu sònraichte a thaobh litearras agus àireamhachd; measadh agus teisteanasan a tha a’ cur ris a’ churraicealam ach nach eil ga rabhaigeadh; cothroman airson teagasg nas mac-meanmnaiche; a bhith a’ cur foghlam nas freagarraiche dhan h-uile duine an àite sgaraidhean eadar foghlam acadaimigeach agus saoghal obrach; fada bharrachd amas air foghlam slàinte; agus dòighean-obrach nas soilleire agus nas cunbhalaiche air foghlam saoranaich. Tha mi air mo mhisneachadh leis an ìre chun a bheil Frèam-obrach nam Bliadhnachan Tràtha, Curraicealam airson Sàr-mhathais, Sgilean airson Alba: Ro-innleachd Sgilean fad-bheatha agus Ga fhaighinn ceart airson gach pàiste (Getting it right for every child – GIRFEC) a’ dol an sàs anns na ceistean sin. Tha dùbhlan romhainn fhathast, ge-tà, rùintean a chur an gnìomh.
Tha dearbhadh againn gum bheil foghlam na h-Alba fhathast a’ nochdadh gach neart a chomharraich sinn eadar 2002-2005 thar gach raon. Bhon uair sin, tha tuilleadh raointean air an neartachadh agus tha foghlam na h-Alba anns a’ chumantas a’ sìor nochdadh adhartas. Aig an aon àm, ge-tà, tha grunn dhuilgheadasan mòra againn fhathast agus tha barrachd feum air tuilleadh leasachaidh, agus nas luaithe.
Tha foghlam tràth gu math làidir sa chumantas agus tha an deagh bhunait sin air leantainn a-steach gu bliadhnachan tràth na bun-sgoile. Tha curraicealam gu math farsaing air a thairgse do chloinn sa bhun-sgoil is san àrd-sgoile agus tha sin a-rèir an stiùir nàiseanta aig a’ cheart àm. Fhad ’s a tha sinn ag amas air na rùintean stèidhichte airson eòlas agus sgilean, tha barrachd sgoiltean a-nis a’ cur barrachd cuideam air a bhith a’ coileanadh le farsaingeachd agus a’ deasachadh clann-sgoile airson cinn-uidhe adhartach an dèidh an cuid foghlaim sgoile. Gun teagamh ’s e neart a tha sin anns an t-siostam a tha a’ dearbhadh dealas phroifeiseanta agus comasan ar luchd-teagaisg agus an t-adhartas a tha ga dhèanamh a thaobh leasachaidhean ann an càileachd ceannais nar sgoiltean agus ionadan foghlaim.
Tha raointean eile de dh’fhoghlam na h-Alba cuideachd a’ nochdadh neartan. Tha colaistean a’ tairgse phrògraman a tha freagarrach agus fosgailte agus a’ cuideachadh luchd-ionnsachaidh ann a bhith a’ togail raon nas fharsainge de sgilean cosnaidh is eile a bhios gum feum nan saoghal obrach agus leasachadh phearsanta. Tha An Lèirmheas air Colaistean na h-Alba 20071 a’ dearbhadh cho cudromach agus a tha an obair aig colaistean an lùib leasachaidhean eaconamach. Tha a’ bhuaidh aig ionnsachadh agus leasachadh coimhearsnachd air òigridh agus inbhich air fàs bho Leasachadh Foghlam na h-Alba 2002-2005. Tha suidheachadh ionnsachaidh dhaoine òga agus inbhich anns a’ chumantas làidir.
Tha an co-theacsa anns a bheil ùghdarrasan ionadail a’ lìbhrigeadh foghlaim air atharrachadh gu mòr bho 2005. Tha aontaidhean aon bhuil air sùbailteach a thabhann airson co-dhùnaidhean aig ìre ionadail agus air a’ phàirt chudromach a tha comhairlean a’ gabhail ann a bhith a’ stèidheachadh prìomhachasan agus a’ cur air adhart leasachaidhean a shoillearachadh.Shoirbhich le mòran ùghdarrasan ann a bhith a’ brosnachadh com-pàirteachas agus a bhith a’ cur air dòigh raon de dh’innleachdan airson ionnsachadh chloinne a thoirt air adhart, an dà chuid anns an sgoil agus air an taobh a-muigh. Tha a’ chuid as fheàrr de ar ùghdarrasan ionadail air thoiseach le atharrachaidhean anns a’ churraicealam agus a’ dèanamh cinnteach gu bheileas a’ tairgse fiosraichidhean agus builean àrd inbhe dhan luchd-ionnsachaidh. Tha dùbhlan ann fhathast, gu h-àraid ann an soghal eaconamach dhoirbh, do dh’ùgharrasan ionadail air fad an saorsa a bharrachd a bhuinnig iad a chleachdadh ann an dòighean ùr-ghnàthach airson a dhol an sàs ann an ceistean doirbh agus airson ìrean àrdachadh.
’S e dòigh-obrach ùr a th’ ann an Curraicealam airson Sàr-mhathais. Tha e ag aithneachadh gum bu chòir leasachadh susbainteach agus ciallach a bhith, gu ìre mhòr, ann an làmhan agus fo shealbh an fheadhainn a tha dol ga chur an gnìomh. Taobh-staigh frèam farsaing de fhiosraichidhean agus bhuilean, tha e ag amas air saorsa agus misneachd a thabhann do dh’òigridh an comasan a thoirt air adhart gu bhith nan luchd-ionnsachadh soirbheachail, nan daoine misneachail, nan luchd-compàirt èifeachdach agus nan saoranaich ciallach. ’S e cnag na cùise airson a bhith a’ togail air comasan, àrdachadh ìrean agus a’ coinneachadh ri feumalachdan an luchd-ionnsachaidh gum bi ionnsachadh agus teagasg àrd inbhe ga thairgse, gu cunbhalach. Tha e fìor fhathast gum bheil eadar-dhealachaidhean taobh-staigh sgoiltean nas bitheanta anns a’ chumantas na eadar sgoiltean. Feumaidh sinn dèanamh cinnteach gum bi piseach da-rìreabh an lùib an leasachadh air fèin-mheasadh air a bheil sinn a’ cur fàilte tro fhoghlam na h-Alba, agus gum bheil e a’ dol an sàs gu dìcheallach ann an droch chleachdaidhean far a bheil sin a’ tachairt. Bu chòir fèin-mheasadh a thomhas mar theisteanas le sgioban luchd-obrach gu bheileas airson a bhith breithneachaail agus adhartach, seach a bhith ga fhaicinn dìreach mar mheasadh nas èifeachdaiche le manaidsearan. Tha e misneachail gum bheil luchd-teagaisg nas deònaiche a bhith ri conaltradh agus a’ roinn fiosrachaidh, a’ coimeas agus a’ beachdachadh air càch-a-chèile, ged nach eil sin a’ tachairt gu h-iomlan.
Feumaidh sinn leasachadh phroifeiseanta, a’ gabhail a-staigh an dà chuid stuth agus dòighean teagaisg, a chur aig fìor chridhe an dòigh anns a bheil sinn a’ dèiligeadh ri atharrachaidhean ma tha sinn a’ dol a bhuinnig fiosraichidhean agus builean nas fheàrr do luchd-ionnsachaidh. Bidh impidh ga chur air ùghdarrasan ionadail, ionadan, sgoiltean agus luchd-teagaisg fa-leth barrachd feum buannachdail a dhèanamh dhen ùine agus cothroman a tha rim faotainn son leasachadh phroifeiseanta. Bu chòir an leasachadh sin a bhith a’ gabhail cothroman leithid a bhith a’ cleachdadh lìonraidh phroifeiseanta, mar eisimpleir, an t-inneal cumhachdach Glow2 agus innleachdan eile ICT. Tha gluasad mar seo airson adhartas proifeiseanta gu mòr an urra ri treòrachadh agus ceannardas èifeachdail a tha an conaltradh le agus ag aithneachadh comasan agus misneachd luchd-teagaisg, a tha làidir agus beachdail.
Tha e fìor dheatamach gum bi an curraicealam, teisteanasan agus frèam measaidh ùr a’ gabhail a-staigh an seòrsa impidh inntinn a tha a’ feuchainn an luchd-ionnsachaidh air fad. Tha builean taobh-staigh agus thar raointean foghlaim fa-leth an dràsta no-chòmhnard. Gu sònraichte, chan eil mòran òigridh a’ dèanamh adhartas mar bu chòir bho mheadhan na bun-sgoile gu ìre gu math fad a-staigh dhan àrd-sgoil. Tha duilgheadasan le litearras agus àireamhachd agus leisg no cion-comais a dhol an sàs ann an gnothaichean nas duilighe leithid matamataig, saidheans agus cànain ùra buailteach a bhith a’ fàs nas treasa aig na h-ìrean sin. Tha mi air mo mhisneachadh gum bheil Curraicealam airson Sàr-mhathais an dùil a dhol an sàs ann an litearras agus àireamhachd gu dìreach, a’ daigneachadh am feum a th’ ann na sgilean bunaiteach sin a leasachadh thar a’ churraicealam agus gum feumar adhartas a’ nochdadh gu foirmeil suas gu crìch ùine-sgoile òigridh. Bidh leasachaidhean buileach anns na sgilean agus buadhan a tha nam bunait air na ceithir comasan deatamach ann a bhith a’ deisealachadh ar n-òigridh airson na dùbhlain a tha romhpa. Gu math tric thathas a’ tairgse teisteanas foirmeil air builean agus soirbheas nas fharsainge mar shlighe fa-leth. Chan e sin a th’ annta. Tha an dà chuid air leth feumail airson soirbheas dhaoine fa-leth, an saoghal mòr agus an eaconamaidh gu lèir.
Tha measadh cothromach aig fìor mheadhan ar modh-obrachaidh ionnsachaidh agus teagasg agus an dòigh anns am faod sinn earbsa a chur ann an ìrean. Mas gabh sin dèanamh feumaidh luchd-foghlaim a bhith cinnteach gum bheil earbsa aca fhèin mar tha iad a’ breithneachadh air astar agus adhartas ann an ionnsachadh. Tha sin a’ ciallachadh gum bu chòir dhaibh a bhith gu dìcheallach agus dripeil a bhith a’ sireadh dhòighean air eòlas, dàta agus fiosrachadh eile mu choileanadh a rannsachadh agus a roinn ach am bi iad cinnteach gum bheil a h-uile neach a tha ag ionnsachadh a’ coileanadh na bu chòir. Bidh an ath cheum ann an Curraicealam airson Sàr-mhathais a’ mineachadh dòighean ùra a tha a’ gleusadh siostaman measaidh agus teisteanais, gu h-àraidh aig AS4. Tha atharrachadh mar seo na dhùbhlan mòr ann a bhith a’ gealltainn adhartais, leudachadh aithne agus gluasad rèidh bhon ìre as tràithe de dh’fhoghlam coitcheann.
Nuair a chaidh Sgilean airson Alba: Ro-innleachd Sgilean fad-bheatha fhoillseachadh bha e na innleachd air gluasad gu dòighean-obrach a tha a’ cur an amais a bhith a’ deisealachadh dhaoine le sgilean, eòlas agus foghlam airson soirbheachadh air beulaibh gach neach-teagasg fad-bheatha. Tha e air impidh a bharrachd a chur air foghlam na h-Alba a bhith ag obair thar raointean ach an gabh an gluasad eadar ìrean dèanamh nas fhasa agus innleachdan-taice a thairgse do luchd-ionnschaidh gluasad air adhart aig gach ceum. Tha ro-innleachd sgilean fad-bheatha na h-Alba a’ tarraing air a’ chlàr a chaidh a stèidheachadh le Curraicealam airson Sàr-mhathais ann an raointean ro-sgoile agus sgoile, agus a’ cur am feum obair com-pàirteachais eadar sgoiltean agus raointean foghlaim eile, leithid colaistean agus foghlam agus leasachadh coimhearsnachd, ann a bhith a’ togail air sgilean ceum air cheum.
Tha ceanglan buannachdail tro chom-pàirteachas agus luchd-ùidh fìor bhunaiteach an seo. Ma tha dol a shoirbheachadh le atharrachaidhean nar ionadan agus sgoiltean, feumaidh làn-phàirt a bhith aig pàrantan agus luchd-ionnsachaidh ann a bhith a’ tomhas a bhuaidh a dh’fhaodadh a bhith aca fhèin anns a’ chùis. Tha e a’ ciallachadh gum feum ionadan ro-sgoile, sgoiltean agus colaistean a bhith ag obair còmhla, agus cuide ri leasachaidhean agus ionnsachadh coimhearsnachd, luchd-fastaidh agus buidhnean eile ach an tèid an curraicealam a leudachadh agus adhartachadh ach an an urrainn do luchd-ionnsachaidh gluasad air adhart gu cinn-ùidhe a tha gu buannachd dhaibh.
Tha modhan-obrachaidh GIRFEC ag amas air a bhith cinnteach gum bheil ionadan, sgoiltean agus seirbheisean foghlaim a’ co-obrachadh nas dlùithe le buidhnean com-pàirteachais ach am faigh clann gach cobhair a tha a dhìth nuair a tha feum air. Dh’aithnich an aithisg Quality and Equity of Schooling in Scotland3 , foillsichte ann an 2007 leis A’ Bhuidheann airson Co-obrachadh agus Leasachadh Eaconamach (OECD), gum bheil siostam foghlaim na h-Alba, an coimeas ris a’ mhòr-chuid de dhùthchanan OECD, ag obrachadh aig fìor àrd-ìre agus co-ionnan a thaobh builean luchd-ionnsachaidh agus càileachd sgoile. A dh’aindeoin sin, chomharraich an aithisg cho beag adhartais a chaidh a dhèanamh ann an sgoiltean na h-Alba ann a bhith a’ dol an sàs anns na h-eadar-dhealaichean a tha co-cheangailte ri duilgheadasan sòisealta agus eaconamach. Tha grunn cheumanan gan gabhail airson dèiligeadh ri na ceistean bunaiteach seo, agus gu sònraichte tro bhith a’ dèiligeadh riutha cho tràth sa ghabhas. Bu chòir gun toireadh atharrachaidhean anns a’ churraicealam, rè ùine, buaidh air seo tro bhith brosnachadh misneachd agus freagarrachd.
Tha toradh ar sgrùdaidh air cùram chloinne a’ dearbhadh nach eil an t-seirbheis èifeachdach tro Alba agus gu bheil eadar-dhealaichean mòra rim faicinn. Tha neartan san taic a thathas a’ tairgse bho thùs do chloinn airson an cumail sàbhailte aig àmanan ach chan eileas a’ togail air sin an còmhnaidh. Tha feum air fada bharrachd dealbhachaidh èifeachdach a thig a-rèir feumalachdan chloinne, stèidhichte air measadh mionaideach chunnartan. Tha leasachaidhean cuideachd a dhìth far a bheil grunn bhuidhnean an sàs ann am fèin-mheasadh ach am bi e cinnteach gun tèid na thathas ag ionnsachadh bhon chuairt seo de sgrùdaidhean cùram chloinne gan cur an sàs ann am modhan-obrachaidh.
Anns an aithisg mu dheireadh againn thuirt sinn gum feumadh na siostaman cunntasachd atharrachadh a shealltainn gu robh modhan-obrachaidh agus cultar ùra gan cur an sàs a’ freagairt air doighean-obrach ùra. Bhon uair sin, tha HMIE air sgrùdaidhean agus lèirmheas atharrachadh gu mòr agus ag amas air na gnothaichean as cudromaiche do luchd-ionnsachaidh, a’ togail gu dìreach air fèin-mheasadh agus a’ cur ri comasan le bhith a’ brosnachadh ùrachadh cothromach. Neartaich sinn cuideachd an obair a rinneadh ann a bhith ag aithneachadh agus a’ sgaoileadh deagh mhodhan-obrachaidh, tro, mar eisimpleir, An t-Slighe gu Sàr-mhathais, agus co-labhairtean air a leithid. Chaidh againn air na h-atharrachaidhean sin a thoirt gu ìre air sgàth deagh adhartas ann am fèin-mheasadh èifeachdach a rinneadh le sgoiltean agus colaistean thar iomadh bliadhna. Tha an tràth-eòlas air ar modhan-obrachaidh ùra a-rèir coltais a’ dearbhadh ar cinnt anns a’ ghnothach ach feumar barrachd a dhèanamh airson cultar cinnteach a stèidheachadh airson leasachadh an lùib fèin-mheasadh.
Tha an aithisg seo a’ comharrachadh raon de neartan air an gabh foghlam na h-Alba togail. Tha e cuideachd a’ dèanamh gu math soilleir far a bheil feum air piseach mòr ann an àiteachan eile. Leanaidh HMIE ag obair còmhla ri buidhnean eile airson dèanamh cinnteach gum bheil siostam foghlaim ùrachail agus beothail aig luchd-ionnsachaidh de gach aois, agus gum bi sinn a’ lìbhrigeadh na seirbheisean èifeachdach a tha a dhìth air clann airson coinneachadh ri dùbhlain an 21mh linn.
GRAHAM DONALDSON
Àrd Phrìomh Neach-sgrùdaidh na
Bànrighe
[<<<] [Clàr-innse] [>>>]