[<<<] [Clàr-innse] [>>>]
Anns na earrann seo, tha sinn a’ cruinneachadh fianais bho sgrùdadh agus lèirmheas thar gach raon airson sùil fharsaing a thoirt air an t-adhartas a rinneadh anns na raointean a chaidh a chomharrachadh mar phrìomhachasan leasachaidh anns a’ chiad iris de Leasachadh Foghlam na h-Alba, foillsichte ann an 2006.
Soirbheachadh
Anns a’ chiad iris de Leasachadh Foghlam na h-Alba, shoilleirich sinn am feum a bhiodh ann na h-earrannan de dh’fhoghlam air a bheil builean, agus gnothachan nas fharsainge air a bheil coileanadh, a thoirt còmhla ann an dòighean a tha a’ tairgse suidheachadh a tha dùbhlanach, buannachdail agus còrdail do luchd-ionnsachaidh air fad. Tha sin a’ ciallachadh cumail a’ dol ag àrdachadh ìrean buileachaidh airson an luchd-ionnsachaidh air fad, a’ brosnachadh, a’ leasachadh agus ag aithneachadh adhartas nas fharsainge ann an dòigh na fhollaisiche, a’ dèanamh cinnteach gum bheil na dòighean anns a bheil sinn ag aithneachadh coileanadh, a’ gabhail a-steach teisteanasan foirmeil, a’ daigneachadh adhbharan a’ churraicealaim.
Raointean de neartan leantainneach → agus adhartas sònraichte ↑
→ Tha an deagh adhartas a tha clann a’ deanamh aig ìre ro-sgoile a’ leantainn. Tha iad fhathast a’ dèanamh adhartas thar cha mhòr a h-uile raon de dh’ionnsachadh agus leasachadh agus tha iad a’ sior dhèanamh adhartas ann a bhith a’ leasachadh sgilean leughaidh agus sgrìobhadh aig ìre thràth. Tha deagh mhodhan gan cleachdadh a thaobh sgilean litearrais chloinne tro dhòighean ponngail cluiche. Tha e còrdadh gu mòr ri cloinn a bhith neo-eisimeileach agus a bhith a’ fàs nas cruthachail tro chluich. Tha iad cuideachd a’ cur rin sgilean bodhaige tro eacarsaich nas cunbhalaiche.
↑ Ann am bun-sgoiltean, tha coileanadh pearsanta agus leasachadh pearsanta agus sòisealta nas làidire aig gach ìre. Tha clasaichean Gàidhlig soirbheachail ann a bhith a’ cur ri leasachaidhean nas fharsainge tro dhràma, ceòl agus tro bhith a’ gabhail pàirt ann am fèisean Nàiseanta. Tha toradh ionnsachaidh ann an èisteachd, còmhradh agus leughadh fhathast làidir. Tha toradh chloinne aig an ìre as ìsle ann am P1-P5 air tighinn air adhart anns na bliadhnachan a chaidh. Tha buil sgrìobhaidh a’ tighinn air adhart anns na bliadhnachan as tràithe.
→ Ann an àrd-sgoiltean, tha soirbheachadh gu math fhathast le òigridh ann an deuchainnean nàiseanta. Tha cothroman cuideachd ga thabhann do chloinn anns na h-àrd-sgoiltean raon nas fharsainge de theisteanas a bhuinnig, le àrdachadh, mar eisimpleir, ann an duaisean òigridh ASDAN4, Urras a’ Phrionnsa, duaisean spòrs coimhearsnachd agus ceannas dannsa, a bharrachd air raon farsaing de dhuaisean eile tro chom-pàirteachas eadar sgoiltean agus colaistean.
↑ Ann an sgoiltean sònraichte, tha luchd-ionnsachaidh a’ dèanamh adhartas math ann an sgilean sòisealta agus pearsanta, agus tha àireamhan susbainteach a’ buinnig duaisean agus teisteanais. Ann an sgoiltean sònraichte còmhnaidh, tha luchd-cùraim agus luchd-teagaisg nas tuigsiche le chèile air amasan ionnsachaidh òigridh agus tha iad a’ cumail taic ri leasachaidhean coileanaidh.
↑ Ann an colaistean, tha an irean coileanaidh oileanaich air prògraman foghlaim air tighinn air adhart. Tha luchd-ionnsachaidh air prògraman foghlaim àrd-ìre agus adhartach a’ togail raon nas fharsainge de sgilean deatamach, a bharrachd air sgilean obrach. Tha fèill mhòr ga chur air soirbheas ann an sgeamaichean duaise agus farpaisean, agus tha aithne fhreagarrach ga thoirt do chom-pàirteachas ann am pròiseictean colaiste agus coimhearsnachd am measg nan colaistean fhèin. Thathas cuideachd a’ sìor leasachadh phrògraman do luchd-ionnsachaidh le feumalachdan a bharrachd anns a’ mhòr-chuid de cholaistean agus tha an luchd-ionnsachaidh sin a’ dèanamh deagh adhartas.
↑ Tha luchd-foghlaim ann an coimhearsnachdan barrachd is barrachd a’ tairgse deagh chothroman do dh’inbhich is do dhaoine òga am misneachd, sgilean bunaiteach, nam measg litearras agus saoranas, a leasachadh, a’ cur gu mòr ri neart inntinn agus a’ brosnachadh conaltradh ann an gnìomhan coimhearsnachd. Taobh-staigh roinn-obrach òigridh, chaidh adhartas mòr a dhèanamh ann a bhith a’ leasachadh dhuaisean do dh’òigridh a tha ag aithneachadh an coileanaidhean as fharsainge. Chaidh cuid de dhuaisean a chothromachadh agus a mheasadh le creideas ri Frèam Teisteanais agus Creideas na h-Alba (SCQF). Air an dòigh sin, chì òigridh luach an cuid ionnsachaidh bho obair phròiseict, gan tomhas a-rèir measadh teisteanasan foirmeil. Ann an grunn raointean, tha luchd-obrach òigridh agus sgoiltean a’ tighinn còmhla gu buannachdail, a’ brosnachadh agus a’ lìbhrigeadh gnìomhan coileanaidh nas fharsainge, agus a’ comharrachadh gach coileanadh.
→ Ann am prìosain, tha trèanadh obrach le structar làidir na mheadhan air luchd-ionnsachaidh a tha a’ gabhail a’ chothrom sgilean freagarrach a thoirt air adhart agus creideas iomchaidh a bhuinnig, teisteanasan le creideas nàiseanta nam measg.
RO-SGOIL

IONNSACHADH AGUS LEASACHADH SGOILTEAN IS COIMHEARSNACHD

COLAISTE

Dè dh’fheumas tighinn air adhart fhathast?
Anns a’ chiad iris de Leasachadh Foghlam na h-Alba, bha sinn gu làidir dhen bheachd gu feumadh an curraicealam a bhith a’ tairgse ionnsachadh anns an robh doimhneachd, seasmhachd agus luach dhan h-uile duine – agus, am measg sin, na leanas.
Thathas a’ dol an sàs anns na puingean sin mar a tha Curraicealam airson Sàr-mhathais agus ro-innleachd sgilean fad-bheatha na h-Alba a leasachadh agus tha aithne air a thoirt dhaibh anns an stiùir a chaidh fhoillseachadh, Togail a’ Churraicealaim 3 nam measg.
Chomharraich sinn cuideachd am feum a bh’ ann air ionnsachadh agus teagasg den chàileachd as àirde gus am mì-chothromachd a tha ri fhaighinn ann an ìrean teagasig agus ionnsachaidh a lùghdachadh agus airson a bhith a’ cur air adhart an leasachaidh ann an eòlas, tuigse, sgilean agus comasan luchd-ionnsachaidh, mar a tha e air a mhineachadh ann an Curraicealam airson Sàr-mhathais agus ro-innleachd sgilean fad-bheatha na h-Alba.
Raointean de neartan leantainneach → agus adhartas sònraichte ↑
→ Tha raointean ann far am bheil neartan leantainneach ann an càileachd a’ churraicealaim ann an suidheachaidhean ro-sgoile agus ann am farsaingeachd a’ churraicealam ann am bun-sgoiltean is àrd-sgoiltean.
↑ Chaidh leasachadh fhaicinn anns na modhan-obrachaidh airson litearras agus àireamhachd na cloinne a leasachadh ann am bun-sgoiltean.
↑ Am measg nan raointean de adhartas sònracihte tha dòighean soirbheachail agus cruthachail air farsaingeachd chothroman a thairgse do luchd-ionnsachaidh. Tha cothrom aig barrachd dhaoine a dhol an sàs an an dòighean-ionnsachaidh àrd inbhe an co-cheangal ri cosnadh, gu math tric tro chom-pàirteachas eadar sgoiltean agus colaistean agus/no ionnsachadh agus leasachadh coimhearsnachd, ach cuideachd tro gnhìomhan anns na sgoiltean fhèin. Tha cùrsaichean Sgilean airson Cosnadh (Skills for Work) air cothroman ionnsachaidh a tha freagarrach a thairgse do mhòran dhaoine òga. Tha cuid de sgoiltean a’ gluasad a dh’ionnsaigh barrachd cuideam a chur air planadh airson ionnsachadh taobh-muigh na seòmair-sgoile, mar phàirt de shealladh farsaing air a’ churraicealam. Tha barrachd feum ga dhèanmah de ICT (teicneòlas fiosrachaidh agus conaltraidh) airson cothroman ionnsachaidh fhuasgladh le bhith a’ toirt luchd-teagaisg agus luchd-ionnsachaidh nas fhaisge air a chèile gu no-làthaireil. Tha eisimpeirean gu math dòchasach eile ann de churraicealam ùr-ghnàthach, ach ann an raointean far a bheil e ro thràth tomhas a dhèanamh air a’ bhuaidh air luchd-ionnsachaidh anns an fhad-ùine. Tha a’ mhòr-chuid de sgoiltean a’ dèanamh adhartas gu ruige a bhith a’ lìbhrigeadh fiosraichidhean nas bunaitiche de fh’fhoghlam corporra àrd inbhe gach seachdain.
↑ Tha cuid de leasachaidhean com-pàirtichte thar raointean air a bhith èifeachdach. Cho math ri bhith a’ cruthachadh cothroman follaiseach do luchd-ionnsachaidh, tha na leasachaidhean sin air cothroman luachmhor a thairgse airson còmhradh proifeasanta agus ionnsachadh com-pàirtichte mun churraicealam agus dòighean-teagaisg.
→ Tha mòran luchd-teagaisg fhathast a’ sìor bhrosnachadh an luchd-ionnsachaidh agus tha càileachd an teagaisg fhathast math thar raointean, le càileachd àrd san fharsaingeachd ann an raon nan colaistean.
→ Tha ionnsachadh tro chluich fhathast na fheart shoirbheachail anns an raon ro-sgoile, a’ leantainn gu deagh adhartas ann an leasachadh agus ionnsachadh na cloinne. Tha clann san ro-sgoil agus sna bun-sgoiltean fhathast air an deagh mhisneachadh agus èasgaidh gu ionnsachadh.
↑ Tha luchd-teagaisg air a bhith a’ cur ri an cuid sgilean a thaobh doighean ionnsachaidh agus teagaisg, le bhith a’ gabhail pàirt anns an iomart Tha Measadh airson Ionnsachadh. Am measg dhòighean a th’ air soirbheachadh tha co-rùintean ionnsachaidh, conaltradh sgileil le luchd-ionnsachaidh gus tuigse a cheasnachadh agus a neartachadh, a bhith sgaoileadh fiosrachaidh gu tric agus gu h-èifeachdach agus a bhith a’ tighinn chun na h-ìre far a bheil mòran luchd-ionnsachaidh fhèin a’ gabhail barrachd dhen uallach airson an cuid ionnsachaidh.
→ Tha colaistean fhathast a’ tabhann curraiceala a tha a’ freagairt air cosnaidhean agus a’ gabhail a-steach sgilean bunaiteach a tha a’ deisealachadh an luchd-ionnsachaidh airson cosnadh no foghlam aig ìre nas àirde. Ann an com-pàirteachas le buidhnean eile, tha iad a’ cur gu mòr ri bhith lìbhrigeadh litearras agus àireamhachd am measg inbheach.
↑ Tha colaistean nas trice a-nis a tairgse raon farsaing de sgilean deatamach anns a’ churraicealam, gu h-àraidh aig ìre foghlam adhartach. Tha sin a’ gabhail a-steach sgilean deatamach airson ionnsachadh fad bheatha, cosnaidheachd agus saoranachd.
RO-SGOIL

IONNSACHADH AGUS LEASACHADH SGOILTEAN AGUS COIMHEARSNACHDAN

COLAISTEAN

Càite am bheil feum air tuilleadh adhartais?
Anns a’ chiad iris de Leasachadh Foghlam na h-Alba, chomharraich sinn am feum a bh’ air a bhith a’ cur air adhart ceannas a bha cruthachail agus mòr-mhiannach agus a bha an còmhnaidh a’ sireadh càileachd, agus am feum airson comasan ceannais a thogail aig gach ìre.
Raointean de neartan leantainneach → agus adhartas sònracihte ↑
→ Tha ceannas fhathast làidir anns a’ mhòr-chuid, na dheagh bhunait airson na dùbhlain a th’ air thoiseach. Cha mhòr anns a h-uile clas agus buidheann cròileagain air a ruith le ùghdarras ionadail, agus anns a’ mhòr-chuid de bhun –sgoiltean agus àrd-sgoiltean, tha ceannas gu math làidir.
↑ Ann an suidheachaidhean ro-sgoile, tha aithne gu nàiseanta gum feumar teisteanasan agus sgilean cheannais a leasachadh. Tha leasachadh ann an ceannais anns an raon phribheatach agus saor-thoileach a’ nochdadh gum bheil barrachd luchd-obrach a’ cur ri na teisteanasan aca.
↑ Anns a’ mhòr-chuid de cholaistean, tha ceannas foghlaim èifeachdach ro-innleachdail a’ cruthachadh lèirsinn shoilleir le amasan agus mion-amasan stèidhichte air mion-sgrùdadh dearbhte air iarrtasan ionadail agus nàiseanta. Tha ceannas gnìomhach aig gach ìre fhathast èifeachdach agus a’ cruthachadh leasachaidhean ùr-ghnàthach anns a’ churraicealam, ionnsachadh agus teagasg agus seirbheisean do luchd-ionsachaidh.
↑ Tha an ìre gus am bheil luchd-obrach ann an
sgoiltean deònach a bhith ri ceannas a’ sìor
fhàs. Chuidich stèidheachadh dreuchd
prìomh-thidsear ann am bun-sgoiltean agus manaidsearan
gnìomhachais ann an àrd-sgoiltean le bhith a’
leudachadh comasan ceannais gu mòr. Ann an
àrd-sgoiltean, chuidich dreuchdan ùra leithid
ceannard curraicealaim ann a bhith a’ dearbhadh measadh
càileachd agus tha sin a-nis a’ tairgse amasan nas
soilleire a thaobh na prìomh cheistean co-cheangailte ri
ionnsachadh agus teagasg. Tha barrachd dearbhaidh againn cuideachd
air an rud ris an can sinn ‘ceannas airson ionnsachadh’
ga chur an sàs mar phrìomh adhbhar rabhaigidh airson
leasachadh agus ùr-ghnàthaschadh.
↑ Tha an t-slighe sùbailte gu Teisteanas na h-Alba airson Ceannais a-nis stèidhichte. Tha cuid de dh’ùghdarrasan ionadail a’ cur siostaman dealbhte an òrdugh airson luchd-obrach ullachadh airson dreuchdan ceannais formeil, a’ gabhail a-steach fo-fhastaidhean ann an dreucdhan ceannais, cothrom a bhith ag obair fo sgàil luchd-obrach eile agus taic do phrògraman ceannais do mhanaidsearan aig a’ mheadhan-ìre. Tha modhan-obrachaidh nas òrdaile airson dealbhadh leantaileachd a’ fàs nas fhollaisiche.
↑ Tha cuid de dh’ùgharrasan far a bheil àireamhan chuimseach de luchd-teagaisg air prògram Tidsearan Clàraichte a’ cleachdadh seo mar dhòigh shoirbheachail air ceannas a chur air adhart aig gach ìre.
↑ Tha eisimpleirean de dheagh cheannas ann an sgoiltean sònraichte, nam measg sgoiltean sònraichte còmhnaidh, le amasan soilleir air ionnsachadh a leasachadh.
RO-SGOIL

SGOILTEAN, SEIRBHEISEAN CÙRAM CHLOINNE AGUS IONNSACHADH AGUS LEASACHADH COIMHEARSNACHD

COLAISTE

Càit am bheil feum air tuilleadh adhartais?
Anns a’ chiad iris de Leasachadh Foghlam na h-Alba, shoillearaich sinn am feum a bh’ air com-pàirteachasan èifeachdach a stèidheachadh thairis air seirbheisean chloinne. Tha com-pàirteachas le buidhnean eile bunaiteach do dh’aitreabhan foghlaim agus do sheirbheisean ma tha an luchd-cleachdaidh gu bhith a’ gluasad ann an dòigh a bheir piseach air suidheachadh chloinne, òigridh agus inbhich a tha ag ionnsachadh. Tha curraicealam rianail a’ cur feum air co-obrachadh dlùth thairis air gach eadar-ghluasad. Tha seo a’ ciallachadh gum feum luchd-lìbhrigidh foghlaim obrachadh còmhla, le pàrantan agus le seirbheisean eile chloinne agus inbheach, gus cuideachadh leis a ghluasad eadar ìrean agus roinnean foghlaim. Tha eadar-obrachadh mar seo a’ tabhann slighe ionnsachaidh fad-bheatha far a bheil gach bacadh air ionnsachadh air aithneachadh gu soirbheachail agus ga shàsachadh.
Bhon chaidh a chiad aithris Leasachadh Foghlam na h-Alba fhoillseachadh ann an 2006, tha laghan ùra agus innleachdan cudromach nàiseanta, leithid Curraicealam airson Sàr-mhathais agus ro-innleachd sgilean fad-bheatha na h-Alba, air a bhith a’ cur cuideam mòr air leasachadh leantainneach ann an com-pàirteachas ach an tèid coinneachadh ri feumalachdan gach neach-ionnsachaidh.
Tha Frèam-obrach nam Bliadhnachan Tràtha a’ toirt air proifeiseantaich bho chaochladh chùl-eachdraidhean a bhith a’ neartachadh com-pàirteachas le amas a bhith a’ tairgse builean nas fheàrr dhan chloinn as òige agus an teaghlaichean. Tha seo a’ gluasad ghoireasan bho bhith a’ dèiligeadh ri uireasbhaidhean gu bhith a’ togail air ruighinneachd agus a bhith a’ dèiligeadh ri fìor adhbharan trioblaidean sòisealta an latha an diugh. Tha modh-obrachaidh com-pàirteachais mar seo cuideachd a’ nochdadh ann an GIRFEC a tha ag amas air dèanamh cinnteach gu faigh clann an cobhair a tha a dhìth orra nuair a tha feum air.
Tha Achd Sgoiltean an h-Alba (Com-pàirteachas Phàrantan) 2006 ag amas air ùrachadh agus neartachadh a thoirt dhan frèam-obrach airson taic a chumail ri com-pàirteachas phàrantan ann am foghlam sgoile. Tha e a’ feuchainn ri sgoiltean, ùghdarrasan ionadail agus buidhnean eile a chuideachadh ann a bhith ann an conaltradh ciallach le pàrantan ann am foghlam an cuid chloinne agus anns a’ choimhearsnachd sgoile nas fharsainge na sin le bhith: gan com-pàirteachadh ann am foghlam agus ionnsachadh an cuid chloinne; gam fàilteachadh mar bhuill ghnìomhach de shaoghal na sgoile; agus gam brosnachadh gu bhith a’ cur an cèill am beachdan air foghlam na sgoile gu h-iomlan agus a bhith ag obair gu dlùth leis an sgoil.
Raointean de neartan leantainneach → agus adhartas sònraichte ↑
↑ Tha ionadan ro-sgoile a’ neartachadh ceanglan buannachdail le seirbheisean taice, proifeiseantaich eile agus sgoiltean airson co-obrachadh a thoirt air adhart agus gus dèanamh cinntech gu bheileas a’ coinneachadh gach feumalachd a th’ aig gach neach-cloinne fa leth.
↑ Tha mòran inbheach air an sgilean litearrais agus àireamhachd a thoirt air adhart tro chom-pàirteachas ionadail le ionnsachadh agus leasachadh coimhearsnachd, colaistean agus an raon saor-thoileach.
→ Ann an suidheachaidhean ro-sgoile agus bun-sgoile, agus tro obair sìnidh, tha dol aig luchd-obrach air a bhith ag obair còmhla ri pàrantan agus luchd-cùraim gu buannachdail, a’ cumail taic ri feumalachdan treòrachail chloinne agus an teaghlaichean.
→ Tha tòrr de bhun-sgoiltean agus àrd-sgoiltean math air a bhith a’ com-pàirteachadh phàrantan ann an gnìomhan sgoile. Tha mòran phàrantan a cumail taic ionmholta ri bun-sgoiltan agus àrd-sgoiltean.
→ Am measg nan neartan ann an co-obrachadh thar bhuidhnean bun/àrd-sgoile tha amas èifeachdach air cobhair a thoirt do luchd-ionnsachaidh so-leònta. Tha am modh-obrachaidh seo a’ faighinn taic tro dhàimhean chinneasach bho raon de bhuidhnean com-pàirteachais, nam measg aitreabhan agus seirbheisean foghlaim, na polais, roinnean sòisealta, seirbheisean slàinte, taigheadais agus chur-seachadan, Neach-aithris Chloinne agus buidhnean saor-thoileach agus neo-eisimeileach, le prìomh amas a bhith "a’ lionadh a’ bheàirn".
→ Ann an colaistean, tha manaidsearan agus luchd-obrach ag obair gu h-èifeachdach còmhla ri buidhnean leithid ùghdarrasan ionadail, buidhnean iomairt ionadail, luchd-fastaidh, buidhnean coimhearsnachd, sgoiltean agus oilthighean gus slighean nas adhartaiche a dhealbh do luchd-ionnschaidh a-steach agus a-mach à prògraman cholaistean. Tha an slighe com-pàirteachais seo air a bhunaiteachadh air deagh phlanadh ro-innleachdach agus gnìomhach, a tha cùramach mu fheumalchdan nam ball cho math ri prìomhachasan riaghaltasan ionadail agus nàiseanta.
RO-SGOIL

SGOILTEAN AGUS IONNSACHADH AGUS LEASACHADH COIMHEARSNACHD
Càite am bheil feum air tuilleadh adhartais?
Anns a’ chiad fhoillseachadh de Leasachadh Foghlam na h-Alba, chuir sinn cuideam mhòr air a bhith a’ toirt barrachd cothrom do dh’aitreabhan agus an luchd-obrach a bhith a’ cur an gnìomh an dreuchdan proifeiseanta. Tha Alba fortannach gum bheil luchd-teagaisg ag obair aig fìor àrd-ìre phroifeasantachd. Tha e deatamach gum bi obair-sgioba na phàirt dhen phroifeasantachd sin, cho math ri roinn deagh chleachdaidhean, gabhail ri ùrachadh, gabhail an uallaich airson adhartas agus leasachadh pearsanta, agus a bhith a’ misneachadh agus a’ toirt taic do gach neach-ionnsachaidh fa leth.
Ann an 2000, stèidhich Achd Pàrlamaid an Alba7 dleastanas gach ùghdarras foghlaim gu bhith a’ tairgse foghlam a bha a’ bualadh dìreach air leasachadh pearsa gach pàiste, an tàlantan agus comasan inntinn agus bodhaige, chun na h-ìre as àirde. Tha na rùintean sin aithnichte ann an Curraicealam airson Sàr-mhathais agus tha e airson a bhith a’ misneachadh coileanadh do na h-uile. Ann a bhith a’ coileanadh gach aman, feumaidh luchd-ionnsachaidh buannachd fhaighinn à seirbheis foghlaim a tha misneachail agus proifeasanta le buaidh làidir agus maireannach air an cuid ionnsachaidh – seirbheis cho math ’s a th’ air thalamh an 21mh linn.
Raointean de neartan leantainneach → agus adhartas sònraichte ↑
→ Chaidh proifeasantachd thidsearan na h-Alba aithneachadh ann an aithisg OECD an 2007.8 Thuirt an aithisg cuideachd gu robh an dòigh anns an robh luch-teagasg ùra gan tòiseachadh cho math ri siostam feadh an t-saoghail. Tha taic do thidsearan ùra, an t-ùrachadh beòthalachd gnìomhail a tha mòran dhiubh a’ tabhann ann dealas agus ìre-obrach a tha luchd-teagaisg a’ nochdadh anns a’ mhòr-chuid den cuid-obrach fhathast na adhbhar moit.
↑ Tha coltas ann gum bheil barrachd fèill air co-obrachadh ann an cuid de sgoiltean far a bheil, mar eisimpleir, luchd-obrach an sàs ann am buidhnean-obrach agus a’ gabhail an uallaich airson a bhith a’ breithneachadh air cùisean cudromach a thaobh obair na sgoile agus gan cur an gnìomh. Tha deagh chothrom aig tidsearan a bhith a’ nochdadh ceannas le bhith nan cathraichean air buidhnean mar sin.
↑ Chuidich Aonta nan Tidsearan ann a bhith a’ fuasgladh chothroman airson Leasachadh Phroifeasnta Leantainneach (CPD), agus tuigse gum faodadh gum biodh raointean nas fharsainge air an gabhail a-steach ann, leithid rannsachadh pearsanta, goireasan air-loidhne, faileasachd agus ionnsachadh measg cho-obraichean, taic cho-obraichean, fo-fhastaidhean agus coidseadh agus gnìomhan eile gus cur ri cùrsaichean àbhaisteach agus coinneamhan in-sheirbheis. Tha luchd-obrach ann an suidheachaidhean ro-sgoile agus an sgoiltean a-nis a’ buannachd tro amas nas cinntiche air trèanadh agus teisteanas a tha freagarrach agus leasachaidhean ionmholta ann farsaingeachd agus càileachd chothroman. Tha mòran ùghdarrasan ionadail a’ tairgse deagh chothroman do thidsearan beachdachadh air buaidh Curraicealam airson Sàr-mhathais agus a’ cur barrachd diù ann a bhith a’ cur ri comasan ceannais an luchd-obrach. Tha leasachaidhean ICT agus innleachdan leithid Measadh airson Ionnsachadh air barrachd aire a tharraing gu ceàird teagaisg. Tha cothroman air CPD ann an Gàidhlig agus barrachd coluadair air cuideachadh leis an aonranachd a bha tidsearan clasa agus sgoile Gàidhlig a’ faireachdainn.
↑ Ann an colaistean na h-Alba, tha deagh theisteanas phroifeasanta aig an luchd-obrach agus tha an tomhas le teisteanas teagaisg air àrdachadh ceum air cheum chun na h-àrd-ìre aig a bheil e nis. Tha eòlas cosnaidheachd gu math ùr agus freagarrach aig luchd-teasgag ann an colaistean cuideachd.
→ Ann an colaistean na h-Alba, tha deagh theisteanas phroifeasanta aig an luchd-obrach agus tha an tomhas le teisteanas teagaisg air àrdachadh ceum air cheum chun na h-àrd-ìre aig a bheil e nis. Tha eòlas cosnaidheachd gu math ùr agus freagarrach aig luchd-teasgag ann an colaistean cuideachd. Tha siostaman lèirmheas luchd-obrach ann an colaistean a’ comharrachadh feumalachdan proifeasanta fa-leth ann an dòigh fheumail agus tha an leasachadh phroifeasanta a tha luchd-obrach a’ dèanamh ’sa chumantas air a phòsadh ri sin. Tha luchd-obrach cholaistean gu mòr airson obair-sgioba, a’ nochdadh deagh eòlas air modhan càileachd agus dìcheallach ann an bhith a’ leasachadh càileachd ann am fiosraichidhean luchd-ionnsachaidh. Tha iad gu cothromach an sàs ann am fèin-mheasadh agus in-lèirmheas sa mhòr-chuid de cholaistean.
→ Ann am bun-sgoiltean agus àrd-sgoiltean, tha fèin-mheasadh air a bhunaiteachadh gu math mar mhodh-obrachaidh. Tha na sgoiltean as fheàrr cleachdeach ri bhith measadh a’ chèile agus a’ roinn cleachdadh as fheàrr airson adhartas nan cuid-obrach. Tha buaidh An t-Slighe gu Sàr-mhathais, a’ gabhail a-steach an treas fhoillseachadh de Dè cho math sa tha an sgoil againn? air focas nas mionadaiche agus impidh leasachaidh adhbhrachadh. Tha àrd-sgoiltean nas gleusda ann a bhith a’ tionnal agus mion-sgrùdadh data gnìomha.
↑ Anns an roinn ionnsachadh agus leasachadh coimhearsnachd, tha ùidh mhòr ann a bhith a’ brosnachadh leasachadh tro fhèin-mheasadh. Tha taic airson seo aig ìre nàiseanta tro phròiseactan leasachaidh gus luchd-obrach a’ chuideachadh le bhith ag amas nas cinntiche air builean agus buaidh an cuid obrach.
Càite am bheil feum air tuilleadh adhartais?
Airson soirbheachas a bhuinnig dhan luchd-ionnsachaidh gu lèir, feumaidh aitreabhan agus seirbheisean foghlaim dàimhean buadh-mhor a dhaingneachadh aig gach ìre. Feumaidh iad beachdan agus measadh luchd-ionnsachaidh, phàrantan agus phroifeiseantaich a shireadh agus togail orra. Feumaidh iad a bhith a’ cruthachadh cultar de choileanadh agus a bhith a’ tairgse cothroman dhan h-uile duine a bhith soirbheachail agus a bhith a’ buileachadh a h-uile nì as urrainn dhaibh. Anns a’ chiad aithisg Leasachadh Foghlam na h-Alba, chomharraich sinn mar bu chòir a bhith a’ toirt piseach air buileachadh luchd-ionnsachaidh so-leònta, a bhith a’ dol an sàs gu dìcheallach ann an ceistean co-ionnanachd agus iomadachd agus a bhith a’ dèiligeadh le dealas nas motha ri suidheachaidhean far an robh laigsean ann a bhith a’ coinneachadh ri feumalachdan luchd-ionnsachaidh fa-leth.
Bhon uair sin, tha pìosan lagha agus innleachdan cudromach le Riaghaltas na h-Alba leithid GIRFEC, Frèam-obrach nam Bliadhnachan Tràtha agus Barrachd Roghainnean, Barrachd Chothroman (MCMC) air a bhith ag amas air builean bhuidhnean so-leònta a leasachadh. Stèidhich Achd Foghlam (Barrachd Taic airson Ionnsachadh) (Alba) 2004 mìneachadh nas fharsainge de dh’fheumalachdan taic a bharrachd, agus barrachd cuideam air modhan-obrachaidh in-ghabhaltach agus am feum a th’ ann a bhith a’ cumail phàrantan agus sgoilearan a-staigh air còmhraidhean mun dòigh anns a bu chòir a bhith a’ coinneachadh feumalachdan ionnsachaidh.
Raointean de neartan leantainneach → agus adhartas sònraichte ↑
→ Tha ceanglan làidir agus cuideachail eadar luchd-ionnsachaidh agus tidsearan rim faicinn cha mhòr anns a’ h-uile ionad ro-sgoile, sgoil agus colaiste ann an Alba. Tha taic do phrionsabalan in-ghabhaltais a’ sìor leantainn thar aitreabhan agus seirbheisean a tha a’ cur ri foghlam na h-Alba. Dhearbh Aithisg OECD ann an 20079 gum bheil sgoiltean na h-Alba aig fìor àrd-ìre a thaobh builean luchd ionnsachaidh agus càileachd na sgoile fhèin. Anns an fharsaingeachd ’s e an t-amas a bhith a’ leasachadh agus a’ coileanadh chomasan gach neach fa-leth agus a’ cur às do bhacadh sam bith an aghaidh adhartais.
↑ Tha e nas follaisiche nis gum bheil barrachd
sgoiltean agus ùghdarrasan foghlaim a’ fàs nas
taiceil ann a bhith a’ gabhail a-steach clann agus
òigridh nuair thig e gu bhith a’ tighinn gu
co-chùnaidhean. Tha comhairlean sgoilearan air leth
cudromach ann a bhith a’ toirt barrachd àite do
luchd-ionnsachaidh ann a bhith a’ dealbh chùisean agus
a’ co-dhùnadh dè bu chòir tachairt. Tha
a’ soirbheachadh le colaistean ann a bhith a’ gabhail
a-steach beachdan luchd-ionnsachaidh agus tha iad barrachd is
barrachd gan tarraing a-steach ann a bhith a’ measadh am
prògraman fhèin agus seirbheisean eile anns na
colaistean.
→ Tha colaistean na h-Alba ag amas air buidhnean nach eil air an riochdachadh chun na h-ìre a bu choir agus luchd-ionnsachaidh a tha fad às, nam measg daoine bho sgìrean le ioma-bhochdainn agus suidheachaidhean iomallach dùthchail. Tha iad air a bhith dripeil ann a bhith a’ fosgladh thoglaichean, an curraicealam agus goireasan ionnsachaidh chun mhòr-shluaigh gu h-iomlan. Tha com-pàirteachasan agus ceanglan èifeachdach le luchd-ùidh a’ cuideachadh ann a bhith a’ toirt farsaingeachd dhan raon de luchd-ionnsachaidh a tha an sàs ann am prògraman colaiste. Tha deagh obair a’ dol air adhart eadar colaistean agus sgoiltean agus buidhnean eile ann a bhith a’ dealbhadh taic dhan luchd-ionnsachaidh as so-leònta. Tha prògraman cuideachd a’ sìor bhrosnachadh beachdan buadh-mhor air farsaingeachd sòisealta agus iomadachd.
↑ Tha mòran aitreabhan anns gach raon agus iomadh ùghdarras foghlaim air am poileasaidhean a thaobh iomadachd, co-ionnanachd agus cothromachd a neartachadh. Tha dòighean teagaisg nas sùbailte agus nas mac-meanmnaile aig ìreean ro-sgoile, bun-sgoile agus àrd-sgoile, agus ann an sgoiltean sònraichte, a’ cuideachadh a bhith nas fheàrr air coinneachadh feumalachdan gach pàiste. Ged is ann ag amas air feumalachdan gach neach fa-leth a thathas anns an fharsaingeachd, tha mòran dhen impidh bho chionn ghoirid ann an leasachadh sgoiltean air a bhith a’ feuchainn ri leasachadh bhuilean do bhuidhnean chloinne agus òigridh fa-leth le feumalachdan a bharrachd no a tha ann an suidheachaidhean fìor so-leònta airson grunn adhbhair.
↑ Ann an CLD, tha struth làidir a’ nochdadh cho cudromach sa tha obrachadh le pàrantan, a’ toirt cothrom dhaibh taic a chur ri foghlam an cuid chloinne. Tha gnìomhan ionnsachadh inbheach agus ceanglan coimhearsnachd a’ togail air misneachd agus deagh-ghean phàranatan agus luchd-cùraim. Tha buaidh fheumail aig seo air an dàimh a th’ aca len cuid chloinne agus an taic a bheir iad dhaibh.
RO-SGOILE

SGOILTEAN

COLAISTEAN

Càite bheil feum air tuilleadh adhartais?
[<<<] [Clàr-innse] [>>>]