[<<<] [Clàr-innse] [>>>]

Leasachadh foghlam na h-Alba: Aithisg le HMIE air sgrdadh agus lirmheas 2005-2008

Earrann 3: Roinn ro-sgoile

Neartan

Gnothaichean rin leasachadh

Dè cho math’s a tha clann ag ionnsachadh agus a’ coileanadh?

Tha àrainnean fosgailte agus fàilteachail a’ cuideachadh a’ mhòr-chuid de chloinn gu bhith nam pàistean stèidhichte a bhios a’ com-pàirteachadh gu h-èasgaidh ann an gnìomhan. Tha a’ mhòr-chuid de chloinn air an deagh mhisneachadhl agus toileach nan ionnsachadh. Tha cuideam nas motha ga chur air cleachdadh IT airson taic a chur ri ionnsachadh. Tha ioghnadh nàdarra chloinne ga bhrosnachadh agus tha cothrom aca ùidh fa-leth a shàsachadh. Tha mòran roghainnean ro chloinn ann a gbhith a’ taghadh an cuid ghnìomhan tro chluich. A dh’aindeoin sin, tha cothrom ann am beagan ionadan barrachd roghainnean agus co-dhùnaidhean a thairgse ach an leudaich a’ chlann air an sgilean ionnsachaidh neo-eisimeileach agus gus am bi iad an sàs ann an dealbhadh gnìomhan sgoil-araich.

Anns a’ chiad iris de Leasachadh Foghlam na h-Alba, nochd e nach robh an ìre coluadair eadar inbhich agus clann aig ìre àrd gu leòr gu cunbhalach. Tha cothrom ann fhathast an ire coluadair sin a leasachadh. Far am bheil coluadair èifeachach, tha an luchd-obrach eòlach air a’ chloinn fa-leth, a’ cleachdadh ùine ri cluich gu mòr-fheum, agus a’ nochdadh ìre àrd sgile ann ann ceasnachadh agus eadraiginn aig an àm cheairt. Tha deagh theisteanas agus tòrr eòlais aig a’ mhòr-chuid dhen luchd-teagaisg sin.

Nuair a tha cleachdaidhean èifeachdach, tha luchd-obrach a’ cumail sùil air clann a’ cluich agus a’ cleachdadh an fhiosrachaidh measaidh sin gu h-èifeachdach ann a bhith a’ comharrachadh feumalachdan agus a’ planadh ionnsachadh mu choinneimh ìre leasachaidh na cloinne, agus na dùbhlain agus an taic a bhios a dhìth. Bu chòir barrachd feum a dhèanamh dhen fhiosrachadh a tha luchd-teagaisg a’ tionnail a thaobh adhartas chloinne ach an tèid gnìomhan a thabhann a tha a’ togail air sgilean chloinne agus an t-ionnsachadh a fhuair iad roimhe. Aig àmanan chan eil ìre dùbhlain àrd gu leòr, gu sònraichte don chloinn as comasaiche.

Tha a’ mhòr-chuid de chloinn aig ìre ro-sgoile a’ dèanamh adhartas math no fìor mhath thar prìomh raointean an ionnsachaidh. Tha clann gam misneachadh ann an sgilean sòisealta agus tha iad comasach air barrachd dleastanais a ghabhail airson an cuid ionnsachaidh. Tha iad a’ co-dhùnadh mu chùisean nan gnìomhan cluiche agus a’ fàs neo-eisimealach nan gnìomhan pearsanta.

Tha a’ mhòr-chuid de chloinn a’ dèanamh adhartas math no fìor mhath ann an sgilean cànain tràth. Tha iad misneachail ann a bhith a’ còmhradh ri inbhich agus ri chèile agus math air èisteachd ri sgeulachdan ann am buidhnean beaga. Nas trice, chithear barrachd cinnt ann an gnìomhan sgrìobhaidh agus leughaidh aig ìre thràth nan cluich. Tha clann a’ tighinn air adhart ann a bhith a’ tuigsinn àireamhan agus cumaidhean. ’S urrainn dhan mhòr-chuid cunntas, agus rudan a rèiteach agus a chuimseachadh gu dòigheil nan cluich. Tha sgilean nas fharsainge a thaobh matamataig nach eil cho leasaichte nan gnìomhan ge-tà. Tha clann a’ sìor adhartach agus mothachail mun àrainneachd nàdarra agus tha e a’ còrdadh riutha a bhith a’ feòrach mun cuairt orra agus a’ tuigsinn ciamar a tha rudan ag obair. Tha iad sgileil agus èasgaidh ann an gnìomhan mac-meanmnail agus air am mòr mhisneachadh gu bhith a’ seinn agus ri dealbhan-cluiche. Aig àmanan, tha cuid de ghnìomhan air an stiùireadh le inbhich a’ cur bacadh air a’ chloinn agus an cruthachas fhèin. Tha a’ mhòr-chuid a’ tighinn air adhart a thaobh sgilean bodhaige. Barrachd is barrachd, tha iad a’ gabhail pàirt ann an cluiche beòthail àrd-inbhe. Tha cothrom ann fhathast piseach a thoirt air cùisean agus a bhith nas cinntiche gum bheil làn chothrom aig clann uile air cluiche beòthai àrd-inbhe.

ADHARTAS CHLOINNE ANN AN LEASACHADH AGUS IONNSACHADH

SGAOILEADH MEASADH COMHARRAN CILEACHD SAN RAON RO-SGOILE,

Tha prògraman curraicealaim fhathast làidir agus a’ tairgse fiosraichidhean farsaing agus tlachdmhor. Tha luchd-obrach a’ tairgse gnìomhan aonaichte a tha a’ ceangal ionnsachadh chloinne. Tha gnìomhan litearrais agus àireamhachd aig ìre thràth rim faicinn thairis air a’ churraicealaim a’ fuasgladh tuigse chloinne air co-theacsa sgilean. Tha clann cuideachd ag ionnsachadh gu mòr nuair a tha iad a-muigh. Tha gnìomhan gan tairgse a tha a’ misneachadh chloinne gu bhith cùramach mun àireannachd. Tha ICT ga chur gum feum anns a’ mhòr-chuid de dh’ionadan, a’ toirt aithne is sgilean do chloinn air tecneòlas làitheil, leithid camarathan agus coimpiutaran. Tha an curraiceamam a thathas a’ tairgse ann an ionadan foghlam le ùghdarrasan ionadaid nas fheàrr seach anns an roinn phrìbheatach no saor-thoileach. Tha barrachd aithne ga thoirt do na ceithir comasan a tha rin leasachadh tro Curraicealam airson Sàr-mhathais.

RAOINTEAN CURRAICEALAIM

SGAOILEADH MEASADH COMARRAM CÀILEACHD SAN RAON RO-SGOILE,

A bheil stiùireadh soilleir aig ionadan ro-sgoile?

Tha a’ mhòr-chuid de chinn-sgoile no ceannardan-ionaid soirbheachail ann a bhith a’ brosnachadh obair-sgioba am measg an luchd-obrach. Tha iad ag obair gu h-èifeachdach ann a bhith a’ stiùireadh an luchd-obrach, agus tha iad taiceil agus a’ nochdadh dealas a thaobh fiosraichidhean càileachd na cloinne a leasachadh.

Chaidh ceannas a chomharrachadh anns a’ chiad iris de Leasachadh Foghlam na h-Alba mar phrìomh raon a bha feumach air leasachadh sònraichte. Bhon uair sin, tha coltas ann gun tàinig piseach air cùisean, gu sònraichte ann a bhith a’ freagairt iarrtasan Comhairle Sheirbhisean Soisealta na h-Alba (SSSC) a thaobh clàradh agus teisteanais airson manaidsearan ionaid. Tha barrachd aithne ga thoirt a-nis gum bheil ceannas airson ionnsachadh mar phàirt dhen dreuchd aig a h-uile duine. A dh’aindeoin sin, tha barrachd ri dhèanamh gus dèanamh cinnteach gum bheil clann a’ frithealadh ionadan far a bheil deagh theisteanas aig ceannan agus tha a’ tairgse stiùiridh ard inbhe dhan luchd-obrach agus do chloinn. Tha ceannas anns na raointean prìbheatach agus saor-thoileach fhathast air deireadh an seo, an coimeas ri ùghdarrasan ionadail. Cha mhòr anns a h-uile ionad anns an deach ceannas a chomharrachadh mar laigse, bha a’ cheart uibhir de laigse ann an fiosraichidhean ionnsachaidh na cloinne.

Dè cho math ’s a tha luchd-obrach ag obair còmhla ri feadhainn eile airson taic a chur ri ionnsachadh chloinne?

Tha a’ mhòr-chuid de luchd-obrach ann an raon ro-sgoile math air a bhith lìbhrigeadh cùram treòrachaidh do chloinn agus an teaghlaichean agus air dàimhean buadh-mhor a thogail le pàrantan, luchd-cùraim agus teaghlaichean. Tha a’ mhòr-chuid de dh’ionadan soirbheachail ann a bhith a’ cleachdadh pròiseactan leabhraichean gus litearras a bhrosnachadh ann an com-pàirteachas le pàrantan. Tha pàrantan agus luchd-cùraim gu math tric gu dìcheallach an lùib chòmhraidhean mu leasachadh agus ionnsachadh an cuid chloinne. Tha innleachdan eadraiginn nas bitheanta agus le barrachd focas, gu h-àraidh ann an sgoiltean-àraich le ùghdarrasan ionadail agus ionadan chloinne agus teaghlaich.

Tha clann le feumalachdan taic a bharrachd a’ soirbheachadh le taic bho dhiofar lionraidhean taice anns a’ mhòr-chuid de dh’ionadan le ùghdarrasan ionadail. Ann an timcheall air a’ cheathramh cuid de dh’ionadan prìbheatchd agus saor-thoileach, ge-tà, chan eil uibhir de thaic ga thabhann. Far a bheil cleachdaidhean èifeachdach, tha buaidh mhath aig obair com-pàirteachais air clann agus an teaghlaichean. Tha buidhnean eadar-bhuidhneil a’ tairgse taic èifeachdach do chloinn a tha ciorramach. Tha deagh thaic ann do theaghlaichean le co-obrachadh eadar-bhuidhneil, leithid luchd-tadhail slàinte Sure Start, eòlaichean cainnt agus cànain, taic farsaing agus cùram teaghlaich agus luchd-obrach eile bho chomhairlean. Tha deagh chothrom ann coinneachadh ri raon farsaing de dh’fheumalachdan teaghlaich far a bheil ionadan do dh’aoisean tràth air a fhrithealadh le ùghdarrasan-ionadail tro cho-obrachadh èifeachdach am measg luchd-obrach nan comhairlean agus buidhnean com-pàirteachais, agus gu sònraichte ann an roinnean slàinte. Tha cuid de dh’ùghdarrasan ionadail a’ cumail taic èifeachdach ri sgilean phàrantachd agus leasachadh chloinne fìor-òga. A dh’aindeoin sin, tha feum air barrachd taic do chloinn le feumalachdan iomadh-fhillte tro phlanaichean ionnsachaidh co-ordanaichte agus obair eadar-bhuidhneil gu math nas treasa agus nas èifeachdaiche.

Tha cobhair eadar-ghluasad taiceil aig a’ mhòr-chuid de dh’ionadan, a’ tairgse gluasad rèidh eadar ìrean san sgoil-àraich agus eadar sgoil-àraich agus sgoil. An lùib seo gu math tric bidh prògram tadhal dhachaighean, com-pàirteachas èifeachdach air fiosrachadh mu fheumalachdan agus coileanaidhean chloinne, agus deagh chothroman inntrigidh a’ gabhail a-steach an dà chiud clann fhèin agus pàrantan no luchd-curam. Anns na suidheachaidhean as èifeachdaiche, bidh coinneamhan eadar luchd-obrach an dà chuid anns a bhun-sgoil agus san sgoil-àraich a chothromachadh leantainneachd mar mhodh èasgaidh ionnsachadh.

Am bheil luchd-obrach agus clann gu gnìomhach an sàs ann a bhith a’ leasachadh coimhearsnachd an ionaid ro-sgoile?

Tha luchd-obrach nas deiseile a bhith ag èisteachd ri beachdan chloinne agus gam freagairt gu freagarrach. Tha cothrom ann airson barrachd cuideam a chur air a bhith a’ sireadh bheachdan chloinne agus dèanamh cinnteach gum bheil iad fhèin gu h-èasgaidh an sàs ann a bhith a’ dealbh an gnìomhan.

Tha aon phrìomh mhodh-obrachaidh a tha a’ leantainn anns an raon ro-sgoile agus ’s e sin obair-sgioba làidir le luchd-obrach a tha dealasach a thaobh foghlam agus cùram chloinne do na h-uile. Tha an raon ro-sgoile ri aithneachadh airson na dàimhean buadh-mhor obrach agus dealas an luchd-obrach nan dreuchdan. Thàinig piseach air ìre teisteanais an luchd-obrach , le barrachd luach ga chur air trèanadh cheannais tron SSSC agus slighean eile gu bhith a’ leasachadh teisteanasan proifeiseanta. A dh’aindeoin sin, tha ana-cothromachd ann fhathast eadar an raon phrìbheatach agus saor-thoileach agus an raon phoblach a thaobh ìrean teisteanais.

Ged a tha modh-obrachaidh fèin-mheasaidh ga chur air dòigh anns a’ mhòr-chuid de dh’ionadan, chan eil an luchd-obrach air an gabhail a-staigh gu h-iomlan agus, leis sin, tha a’ bhuaidh cuingealaichuicte. Tha ionadan air caochladh sheòrsaichean siostaman agus modhan-obrachaidh measaidh a dhealbh. Mar eisimpleir, tha luchd-obrach gu cunbhalach a’ faighneachd do phàrantan mu na fiosraichidhean th’ air an tairgse. Ach, chan eil fiosrachadh a th’ air a thionnal bho fhèin-mheasadh an còmhnaidh air amas air dèanamh cinnteach gum bheil leasachaidhean ionnsachaidh chloine na cheann-uidhe. Tha feum air barrachd taic airson measadh agus breithneachadh le co-obraichean, gu h-àraidh anns na raointean prìbheatach agus saor-thoileach, a dhearbhadh gum bi leasachadh leantainneach ann dhan luchd-obrach gu lèir. Cha mhòr anns a h-uile ionad far an robh laigsean ann am fèin-mheasadh, bha laigsean cuideachd ann an fiosraichidhean chloinne san fharsaingeachd. Tha tòrr romhainn fhathast gus dèanamh cinnteach gum bi cultar leasachaidh breithneachail ann tro fhèin-mheasadh am measg an luchd-obrach.

A bheil ionadan ro-sgoile a’ dùileachadh tòrr bhon chloinn gu lèir?

Tha an gnè no spiorad ann an ionadan ro-sgoile fhathast fìor mhath. Tha ionadan ro-sgoile a’ dèanamh deagh oidhirp ann a bhith ag in-ghabhail chloinne agus pàrantan, gam fàilteachadh gu àrainneachdan a tha cùramach far a bheil co-ionnanachd agus cothromachd. Tha an luchd-obrach dìcheallach ann a bhith a’ leasachadh agus a’ neartachadh dàimhean buadh-mhor leis a’ chloinn, le pàrantan agus leis a’ choimearsnachd nas fharsainge. Tha iad a’ dùileachadh mòran bhon chloinn, a’ togail am misneachd agus neo-eisimeileachd nan ionnsachadh tro chluich. Tha ioghnadh nàdarra chloinne gam brosnachadh agus tha roghainn aca ann a bhith a’ co-dhùnadh mun ghnìomhan ionnsachaidh agus a bhith a’ leasachadh an ùidhean agus am beachd-smuaintean.

[<<<] [Clàr-innse] [>>>]