[<<<] [Clàr-innse] [>>>]

Leasachadh foghlam na h-Alba: Aithisg le HMIE air sgrdadh agus lirmheas 2005-2008

Earrann 3: Raon Bun-sgoile

Neartan

Gnothaichean rin leasachadh

Dè cho math ’s a tha clann ag ionnsachadh agus a’ coileanadh?

A’ teagasg, ag ionnsachadh agus a’ coinneachadh feumalachdan gach neach

Thug aithisg OECD iomradh gur e an neart as mòtha a th’ ann am foghlam na h-Alba na bun-sgoiltean. Tha seo air a dhearbhadh tro dheagh ìrean ionnsachaidh agus coileanaidh. Tha fhathast, ge-tà, cothrom ann leasachadh a dhèanamh ann an coileanadh agus cha bu chòir a bhith ladarna mun chùis. Tha teagasg math no nas fheàrr anns a’ mhòr-chuid de bhun-sgoiltean, agus ceart gu leòr no nas fheàrr ann cha mhòr a h-uile sgoil. Aon neart a tha follaiseach ’s e bhith a’ cleachdadh deagh astar agus gnìomhan eadar-ghnìomhail ag ionnsachadh matamataig, gu h-àraidh ann an taobhan àireamhachd agus cunntas eanchainn. Tha an tidsearan fhathast a’ mìneachadh gu soilleir agus a’ moladh ann an dòighean iomchaidh gus fèin-mhisneachd chloinne a thogail agus ag aithneachadh mar tha iad a’ coileanadh. Tha tidsearan fhathast a’ cleachdadh grunn innleachdan airson tuigse chloinne a dhaingneachadh agus a thoirt air adhart soirbheachadh. Tha luchd-obrach a tha a’ dèiligeadh ri clann le feumalachdan taic a bharrachd a’ frithealadh an cuid chloinne le deagh fhòcas anns an fharsaingeachd. Ann am beagan shuidheachaidhean, bu chòir gum biodh dreuchdan agus dleastanasan an luchd-taic ionnsachaidh agus tidsearan chlasaichean gu math soilleir ann a bhith a’ cumail taic ri, agus a’ measadh adhartais chloinne, agus, nam measg, clann le prògraman foghlaim fa-leth, nas soilleire.

Thàinig piseach air cuid de thaobhan ionnsachaidh. Tha barrachd sgoiltean a’ frithealadh an cuid chloinne gu h-èifeachdach nan ionnsachadh tro bhith a’ tairgse gnìoman sàr-inntinneach. Freagraidh clann raon de mhodhan-ionnsachaidh èifeachdach gu buadh-mhor. Tha iad nas ceangailte gu gnìomhach nan cuid ionnsachaidh tro mhodhan-ionnsachaidh leithid co-obrachadh agus roinn thargaidean. Tha modhan-obrachaidh Measadh airson Ionnsachadh a-nis air an cleachdadh cha mhòr anns a h-uile bun-sgoil. Tha caochladh innleachdan gan cleachdadh gu h-èifeachdach gus ionnsachadh na cloinne a dhaingneachadh agus airson an coileanadh a thoirt air adhart. Freagraidh clann gu buadh-mhor far a bheil luchd-teagaisg gu cunbhalach a’ fighe a-steach modhan-measaidh dhan teagasg làitheil aca.

Tha barrachd cothrom aig clann ceanglan a dhèanamh eadar diofar thaobhan dhen cuid ionnsachaidh. Mar eisimpleir, tha cuspairean agus gnìomhan ann an iomairt, saoranachd agus leasachadh pearsanta agus sòisealta a’ tabhann raointean oideachaidh a tha dùbhlanach agus tlachdmhor. Tha tidsearan a’ dèanamh barrachd feum de dh’ionnsachadh eadar-chuspaireil. Far am bheil iad sin air a dheagh dhealbhadh le builean ionnsachaidh soilleir, tha buaidh mhòr ann do chloinn gu math tric ann an seadh barrachd misneachd airson ionnsachadh taobh-staigh àrainneachd a tha freagarrach. Tha tidsearan a’ tòiseachadh a’ cleachdadh an stiùir ann an Curraicealam airson Sàr-mhathais gus dèanamh cinnteach gum bheil sgoilearan a’ togail air an cuid sgilean, thar dhiofar ìrean.

Tha ana-cothromachd ann fhathast thar chlasaichean agus sgoiltean a thaobh fiosraichidhean ionnsachaidh agus an ìre chun a bheil e comasach do luchd-obrach am feumalachdan fa-leth a choinneachadh. Tha e fìor gum bheil fhathast cus leasain gan toirt seachad a tha gun ghnothach, ceangal no beòthalachd agus nach eil a’ misneachadh luchd-ionnsachaidh. Ged a tha clann anns a’ bhun-sgoil gu math misneachail agus èasgaidh airson ionnsachadh, chan eil luchd-obrach an còmhnaidh soilleir mun dòigh anns an urrainn dhaibh sgilean chloinne mar luchd-ionnsachaidh a thoirt air adhart. Gu sònraichte, chan eil luchd-obrach a’ dèanamh cinnteach gum bheil na sgilean ionnsachaidh neo-eisimeileach aig clann leasaichte gu leòr, mas tig iad gu ìre P7. Tha an t-astar ionnsachaidh ro shlaodach ann an cus leasanan agus ro thric chan eile cùisean a’ dùbhlanachadh luchd-ionnsachaidh gu leòr, gu h-àraidh an fheadhainn as comasaiche. Ged a tha luchd-obrach a’ tabhann barrachd chothroman do chloinn co-obrachadh agus a bhith ag obair leotha fhèin, bu chòir do na cothroman sin a bhith stèidhichte ann an raon de cho-theacsan ionnsachaidh agus le amasan a tha gu math soilleir. Chan eil ann an gnìomhan ionnsachaidh dachaigh gu math tric ach cleachdadh, agus tha iad a’ call cothrom air sgilean rannsachaidh chloinne a leasachadh. Tha tidsearan nas sgileil ann a bhith a’ cumail taic ri agus a’ dùbhlanachadh luchd-ionnsachaidh ann an leasan Bheurla agus matamataig na tha iad ann an raointean eile dhen churraicealam. Chan eil a’ chlann fhèin an còmhnaidh a’ tuigsinn gu soilleir an neartan agus laigsean fhèin, agus chan eil cothrom gu leòr ga thoirt dhaibh a bhith a’ cur thargaidean romhpa fhèin airson ionnsachadh.

AM PRÒISEAS TEAGAISG/FIOSRAICHIDHEAN IONNSACHAIDH CHLOINNE

SGAOILEADH MEASADH COMHARRAN CILEACHD SAN RAON BUN-SGOILE, 2005-2007

Coileanadh

Tha clann gu math tric a’ coileanadh ann an obair matamataig, le tomhas ìosal chloinne nach eil a’ coileanadh mar bu chòir. Chan eil iad, ge-tà, a’ cleachdadh matamataig ann an suidheachaidhean fìrinneach gu leòr no airson adhbharan ciallach. Tha an luchd-teagaisg gu math tric an eisimeil, gu ìre nach bu chòir, eacarsaich leabhraichean bho sgeamaichean coimearsalta. Chan eil sgilean chloinne ann a bhith a’ cleachdadh taghadh de ro-innleachan gus duilgheadasan matamataig fhuasgladh leasaichte gu leòr. Nochd rannsachadh eadar-nàiseanta bho chionn ghoirid10 gun robh an ìre coileanaidh cuibheasach aig P5 ann an Alba airson matamataig gu math faisg air an aon ìre sa bha e ann an 1995 agus 2003. Ann an saidheans, tha clann aig P5 a’ coileanadh mar a bha iad ann an 2003 ach air deireadh air mar bha iad an 1995. Gu h-èiginneach, tha clann ann an dùthchanan eile a’ leasachadh an ìre coileanaidh aig astar nas luaithe na tha clann na h-Alba.

Tha Surbhaidh Coileanaidh na h-Alba (SSA)11 air dearbhadh gu math soilleir fhoillseachadh nach eil an t-adhartas a tha clann a’ dèanamh a’ leantainn tron bhun-sgoil. Ann an leughadh, tha còrr is leth de chlann aig ìre P3 agus P5 a tha nas adhartaiche na is còir aig an ìre sin. Ro P7, ged a tha leth dhiubh a’ nochdadh deagh sgilean-leughaidh, ’s e glè bheag dhiubh a tha air thoiseach air an ìre is còir. Ann an sgrìobhadh, tha aon a-mach às gach deichnear aig P3 agus P5, agus aon a-mach à seachdnar aig P7 a’ coileanadh aig ìre nas àirde na is còir. Ann an àireamhachd, tha deagh sgilean aig a’ mhòr-chuid aig P3 (90%) agus aig P5 (80%). Ro P7, chan eil ach dà thrian a’ nochdadh deagh sgilean àireamhachd. Ann an cuspairean sòisealta, tha timcheall air dà thrian de chloinn aig ìre P3 a th’ air an daingneachadh aig an ìre ris am biodh dùil, agus tha treas cuid nas fheàrr na sin. Aig P7, tha leth de chloinn aig an ìre ris am biodh dùil. Ann an saidheans, tha deagh bhunait aig na h-ìrean a bu chòir aig 55% de chloinn ann am P3. Tha beagan nas lugha na 50% aig P5 a tha a’ dèanamh cho math is a dhùilicheamaid bho chlann aig P4. Chan eil ach 6% de chloinn aig P7 a tha a’ nochdadh coileanadh bunaiteach aig an ìre ris am bu chòir dùil a bhith. Tha uireasbhaidhean ann an saidheans gu math follaiseach am measg chloinn à sgìrean far a bheil mòr-bhochdainn.

Ann an cànan Beurla, tha mar a tha clann a’ coileanadh ann an èisteachd, còmhradh agus leughadh fhathast na neart. Thathas a’ coileanadh gu ìre nas fheàrr aig toisech gnothach, ach anns an fharsaingeachd, chan eil seo cho làidir agus a tha sgilean eile. Tha rannsachaidhean eadar-nàiseanta eile12 air nochdadh gum bheil an ìre chun bheil clann aig ìre P5 a’ coileanadh ann an leughadh fhathast nas fheàrr na an tomhas chuibheasach eadar-nàiseanta. Tha a’ bheàrn ge-tà eadar ìrean coileanaidh chloinn nighean agus bhalach nas fharsainge na tha a’ chuibheasach eadar-nàiseanta. Chan eil an dòigh anns a’ bheil clann a’ cleachdadh an sgilean litearrais airson sgilean ionnschaidh eile a thoirt air adhart leasaichte gu leòr.

Ann an clasaichean tro mheadhan na Gàidhlig, tha buileachadh sa Ghàidhlig math, le cuid de bhuilean èisteachd, còmhraidh agus leughaidh fìor mhath.

Ann an ealan agus dealbhachadh, tha a’ mhòr-chuid de chloinn comasach air raon farsaing de stuth agus meadhanan a rannsachsdh agus a chleachdadh. ’S urrainn dhaibh a bhith cruthachail tron dà chuid amharc is mac-meanmna. Tha an ìre chun a bheil an comasan anns na raointean seo gan cuideachadh a thaobh ionnsachaidh anns an fharsaingeachd ro chaochlaideach.

Anns na cànain nuadh, tha sgilean nas fheàrr aig a’ chloinn ann an èisteachd, còmhradh agus leughadh nas fheàrr na tha iad ann an sgrìobhadh. ’S urrainn dhan mhòr-chuid èisteachd ri, agus a bhith a’ leantainn, stiùireadh clasa anns a’ chànan nuadh.

Ann am foghlam corporra, far am bheil cleachdadh as fheàrr, tha clann a’ togail raon farsaing de sgilean gèama. Cleachdar na sgilean sin gu cunbhalach ann an grunn ghnìomhan sgioba agus gu math tric bidhear ag eacarsaich leotha tro chluich air an t-sitig agus gnìomhan corporra. Tha cus thidsearan a’ cur cuideam air sgilean gèama, seach a bhith a’ toirt air adhart taobhan eile dhen chuspair agus chan eileas a’ measadh chaochlaidhean ionnsachaidh gu mionaideach mar bu chòir.

Ann an cuspairean sòisealta, tha clann ag obair còmhla gu h-èifeachdach, a’ rannsachadh agus a’ fuasgladh cheistean agus tha sin gan cuideachadh ann a bhith a’ ceangal chùisean thar a’ churraicealaim gu lèir. Tha deagh eòlas aca air ceistean àrainneachd agus glèidhteachais. Ach chan eil an cuid-eòlais air dreach is cumadh na h-Alba agus sgilean farsaing clàraidh idir leasaichte. Thar gach ìre, tha a’ chlann gu math tuigseach air dreach Albannach an an t-saoghal a bh’ aig ar sinnsirean.

Ann an saidheans, ’s ann a thaobh cùisean a’ dèiligeadh ri gnothaichean a tha fìor-bheò as làidire a tha eòlas agus tuigse chloinne. Tha clann a’ dèanamh adhartas math nuair a tha fiosraichidhean ionnsachaidh a’ gabhail a-steach gnìomhan far am faigh iad a bhith a’ cur làmh ri gnothaichean, agus a bhith a’ rannsachadh agus a’ ceasnachadh ann an dòighean praictigeach. ’S ann aig an ìre as tràithe as fheàrr a tha an t-adhartas. Bu chòir do luchd-teagaisg a bhith a’ dèanamh barrachd feum de chòmhraidhean clas airson a’ chlann a thoirt air adhart ann a bhith a’ gabhail beachd air gnothaichean an latha ann an saidheans. Tha feum aig a’ chlann air barrachd cothrom a bhith a’ daingneachadh agus a’ dol thairis air prìomh chùisean an ionnsachaidh. Tha teachdaireachdan gu math cudromach aig SSA agus TIMSS do bhun-sgoiltean a thaobh laigsean ann an adhartas chloinne agus coileanaidhean ann an saidheans.

Chan eil ach glè bheag de sgoiltean far an lorgar na cleachdaidhean as fheàrr ann an teicneòlasan, le clann a’ cuideachadh a’ chèile agus a’ leasachadh agus a’ leasachadh smuaintean cruthachail agus ùr-ghnàthach. Tha iad deiseil gu bhith a’ fuasgladh cheistean agus a bhith a’ cruthachadh uidheamachd a tha feumail do mhac an duine. Tha iad a’ dol an sàs ann an beachd-smuaintean cruaidh, dealbhachadh, breithneachadh agus measadh. Bu chòir do luchd-teagaisg a bhith a’ cruthachadh gnìomhan teicneòlasach a tha nas ciallaiche do chloinn ach an tog iad air na dh’ionnsaich iad roimhe. Bu chòir cothrom a bhith aig clann barrachd smaoineachaidh a dhèanamh air a’ bhuaidh a th’ aig na teicneòlasan air an saoghal fhèin agus na cothroman a tha ann na teicneòlasan sin a’ tabhann gus dol an sàs ann an gnothaichean mòra sòisealta agus àrainneachd.

Tha clann a-nis nas duallaiche a bhith a’ leasachadh am fèin-mhothachadh agus sgilean cruthachail tro ghnìomhan iomairt agus saoranachd. Tha còir aig foghlam eadar-nàiseanta a bhith nas cinntiche ann a bhith ag amas air cuideachadh a thoirt do chloinn aig ìre bun-sgoile beachd a ghabhail air àite na h-Alba anns an t-saoghal mhòr agus na ghabhas ionnsachadh bho bhith ag amharc air dùthchanan eile. Tha cuid de sgoiltean air ceanglan èifeachdach a thogail le sgoiltean ann an dùthchanan eile, agus ’s ann far am bheil com-pàirteachas cuspair a thaobh taic ionnsachaidh, as mòtha a tha a’ bhuannachd.

Aig a h-uile ìre, tha mar a bhuilicheas le clann gu pearsanta ann an raon de ghnothaichean cuideachd na neart. Tha clann a’ gabhail barrachd uallaich tro bhith nam buill air comhairlean sgoile, buidhnean slàinte agus eco. Tha iad air am misneachadh tro bhith nam pàirt de thachartasan leithid co-chruinneachaidhean, cuirmean-sgoile agus cuairtean tadhail. Cha mhòr anns a h-uile sgoil, bha deagh bhuaidh aig tachartasan taobh-muigh uairean na sgoile air misneachd agus coileanadh chloinne. Ach ann an cus sgoiltean tha cuid de chloinn nach eil a’ gabhail pàirt anns na gnothaichean sin agus nach eil a’ buannachd anns an dòigh seo. Bu chòir do luchd-teagaisg sùil nas èifeachdaiche a chumail air seo.

Curraicealam

Tha curraicealam farsaing agus cothromach fhathast na neart ann am bun-sgoiltean. Tha foghlam slàinte agus leasachadh ionnsachaidh tro chluich aig ìrean tràth cuideachd a’ neartachadh tòrr sgoiltean. Tha barrachd bhun-sgoiltean a-nis a’ tairgse, no ag obair a dh’ionnsaigh tairgse, dà uair a thìde de dh’fhoghlam corporra gach seachdainn. Tha taghadh de luchd-tadhail a’ cur ri beairteas fiosraichidhean an luchd-ionnsachaidh ann an diofar thaobhan a’ churraicealaim leithid litearras, cuspairean sòisealta, foghlam airson seasmhachd agus iomairt ann am foghlam. Tha a’ Ghàidhlig a’ nochdadh anns a’ churraicealam ann am barrachd sgoiltean. Tha sgilean ICT na cloinne a’ tighinn air adhart le barrachd chothroman airson na sgilean sin a chur gu feum tro leasachadh eòlas ann an raointean curraicealaim eile. Ann am fìor bheagan sgoiltean chithear oidhirp a dhol an sàs gu structarail ann an prionnsabalan a’ churraicealaim a tha bunaiteach don Churraicealam airson Sàr-mhathais. Tha deagh eisimpleirean de dh’obair ùr-ghnàthach ga phlanadh gu sònraichte tro obair chuspaireil rè seachdainne agus foghlam eadar-sgileil. Tha tidsearan ann an grunn sgoiltean a-nis a’ leasachadh agus a’ cur an sàs sgilean chloinne ann an litearras agus àireamhachd thar grunn chuspairean.

Am bheil stiùireadh soilleir aig bun-sgoiltean?

Tha ceannas làidir fhathast anns a’ mhòr-chuid de bhun-sgoiltean. Tha e math, fìor mhath no sàr-mhath ann an timcheall air 80% de sgoiltean. Chithear neartan ceannais leithid lèirsinn agus luachan co-roinnte thar choimhearsnachd sgoilte, agus dealas shoilleir airson a bhith a’ gabhail a-steach clann uile ann an saoghal na sgoile agus ann a bhith a’ leasachadh com-pàirteachasan èifeachdach.

Nochd nas lugha na 10% de sgoiltean laigsean cudromach ann an ceannas. Cha robh ach 2% le laigsean mòra. Far am bheil sin a’ tachairt, gu math tric thathas ag amas air gnothaichean obrachail làitheil seach a bhith a’ coimhead ri teagasg is ionnsachadh a leasachadh. Chan eil tidsearan an còmhnaidh a’ faighinn taic no dùbhlan airson an cuideachadh an cleachdaidhean a thoirt air adhart. Tha feum air tuigse nas fheàrr a leasachadh airson comasan adhartachaidh sgoiltean àrdachadh. Tha Teisteanas na h-Alba airson Ceannais (SQH), a tha a’ gabhail a-steach cleachdadh slighean sùbailte, air cothrom a thoirt do bharrachd dhaoine an sgilean ceannais airson ionnsachadh a leasachadh.

Bhon chiad iris de Leasachadh Foghlam na h-Alba, tha measadh cheannais ann an aithisgean sgrùdaidh HMIE a’ gabhail barrachd suim de dhòighean anns am bheil luchd-obrach eile agus agus t-ùghdarras ionadail a’ soirbheachadh ann a bhith a’ leasachadh ionnsachash nan solar. Tha e nas cumanta a bhith a’ dearbhadh gu bheil an luchd-teagaisg gu lèir a’ gabhail uallach co-cheangailte ri ceannas nan sgoiltean. Tha prìomh thidsearan agus luchd-obrach chlasaichean, nam measg cuid de Thidsearan Clàraichte, a’ gabhail barrachd gnothach ri bhith a’ stiùireadh leasachaidhean ùra. Nam measg sin tha, mar eisimpleir, a bhith an lùib bhuidhnean-obrach, leasachadh phròiseactan, coidseadh agus buachailleachd.

Dè cho math ’s a tha luchd-obrach ag obair còmhla ri feadhainn eile airson taic a chur ri ionnsachadh chloinne?

Tha a’ mhòr-chuid de luchd-obrach bhun-sgoiltean mothachail dhen luach a th’ ann a bhith a’
co-obrachadh gu h-èifeachdach le pàrantan. Tha Comhairlean Phàrantan agus Co-chomainn Luchd-teagaisg agus Phàrantan (PTAs) fhathast a cumail taic làidir ri obair sgoiltean. Am measg eisimpleirean de chom-pàirteachasan èifeachdach ann a bhith a’ cur air adhart ionnsachadh chloinne, gu h-àraidh sna bliadhnachan tràtha, tha grunn iomartan airson sgilean àireamhachd agus litearrais chloinne a leasachadh. Tha buannachd air a bhith ann do bhun-sgoiltean a bhith am barrachd com-pàirteachais le gnìomhachasan agus luchd-fastaidh ionadail. Tha e air còrdadh ris a’ chloinn a bhith a’ faicinn agus a’ togail rudan inntinneach is fìrinneach tron seo agus tha e na bhuannachd dhan churriculam anns an fharsaingeachd.

Tha com-pàirteachasan foghlaim slàinte gu math follaiseach cha mhòr anns a h-uile sgoil. Tha co-òrdanaichean sgoile ag obrachadh gu h-èifeachdach le sgoiltean agus eòlaichean foghlam corporra. Tha luchd-frithealaidh bidhe a’ tairgse taghadh de ghnìomhan agus de bhiadh falainn a tha a’ còrdadh ris a’ mhòr-chuid de chloinn. Tro cheanglan èifeachdach le luchd-frithealaidh bidhe agus buidhnean brosnachaidh slàinte, tha bun-sgoiltean, ann an iomadh suidheachadh, air a bhith a’ lìbhrigeadh na molaidhean ann an Acrach airson Soirbheas. Tha coltas ann gu bheil piseach a’ tighinn air ceanglan eadar sgoiltean agus buidhnean proifeiseanta leithid polas, leasaichean còmhraidh is cànain, saidhgeòlaichean, luchd-obrach sòisealta agus proifeiseantaich slàinte. Tro cho-obrachadh, tha luchd-obrach air a bhith a’ cur às do bhacaidhean air ionnsachadh àireamh mhòr chloinne.

Tha goireasan eadar-ghluasad èifeachdach stèidhichte aig sgoiltean gus taic a chumail ri clann mar a tha iad a’ dol air adhart tro dhiofar ìrean suas gu foghlam àrd-sgoile. Tha luchd-obrach aig ìrean tràth bun-sgoile a’ dèanamh fada bharrachd feum de dh’fhiosrachadh bho chom-pàirtichean ro-sgoile. Tha cothroman ann fhathast eadar-ghluasad a leasachadh thar ìrean na bun-sgoile agus bho P7 gu S1 gus dèanamh cinnteach à leantainneachd agus adhartas.

Bu chòir e bhith na phrìomhachas ann am bun-sgoiltean gu lèir a bhith a’ lìbhrigeadh seirbheisean taic àrd inbhe airson clann a tha so-leònta agus an teaghlaichean ach an tèid ìrean soirbheachaidh chloinne nach eil a’ buannachd mar bu chòir a thoirt air adhart. ’S ann nuair a tha buill a tha an sàs ann am com-pàirteachas le buidhneanan proifeasanta eile a’ taobhadh gu làidir ris an sgoil agus ag obair còmhla gu dlùth as fheàrr a tha iad a soirbheachadh. Chan eil modhan-obrachaidh co-cheangailte ri taic a thoirt do chloinn aig am bheil Beurla mar chànan a bharrachd agus an cuid theaghlaichean co-òrdanaichte gu leòr airson a’ bhuaidh as mòtha fhaighinn do dh’ionnsachadh chloinne. Tha luchd-obrach sgoile nis nas eòlaiche mun dleastanas chorparra a th’ orra a thaobh pàrantachd chloinne a tha fo chùram agus ann an cùram-còmhnaidh. An dèidh sin a ràdh, bu choir barrachd aire a thoirt do bhith a’ dèanamh cinnteach gu bheil a’ chlann sin a’ dèanamh adhartas math nan ionnsachadh. Bu chòir planaichean taice co-òrdanaichte a bhith ann. Far an tèid planaichean a chur an gnìomh gu h-èifeachdach, tha iad stèidhichte air ceanglan math le buidhnean taice com-pàirteachais agus fo sgrùdaidh gu cunbhalach.

Am bheil luchd-obrach agus clann gu gnìomhach an sàs ann a bhith a’ leasachadh coimhearsnachd na sgoile?

Tha dealas luchd-obrach agus càileachd obair-sgioba anns a’ mhòr-chuid de bhun-sgoiltean làidir. Tha an impidh a thathas air a bhith a’ cur air sgaoileadh ceannais agus roinn dhleastanasan air seo a chomharrachadh mar phrìomh dhòigh air sgoil a leasachadh.

Tha innleachdan gu math stèidhichte aig a’ mhòr-chuid de bhun-sgoiltean airson a bhith a’ measadh coileanaidhean sgoiltean. Tha luchd-obrach nas trice a-nis ag obair nas dlùithe còmhla ach an gabh an cuid-obrach a mheasadh. Thathas a’ cur an dàta a th’ air a chruinneachadh gu feum ann a bhith a’ cur ri planadh leasachaidhean sgoile agus ag aithris air ìrean agus càileachd. Tha dearbhadh air a thionnal bho lèirmheas air ionnsachadh agus teagasg gu math tric air a chur gu feum còmhla ri breithneachadh bho cho-obraichean airson cleachdaidhean a thoirt air adhart. Faodaidh na h-innleachdan sin a bhith gu math farsaing agus a’ gabhail a-steach conaltradh agus beachdan a tha luachmhor. Far am bheil na cleachdaidhean as fheàrr, tha luchd-obrach anns a’ mhòr-chuid de bhun-sgoiltean air siostaman èifeachdach chunbhalach a dhealbh leis am bi iad a’ tomhas adhartas chloinne. Tha seo gu math tric a’ cleachdadh ICT a tha a’ leigeil leis an luchd-obrach a bhith a’ sgrùdadh agus a rannsachadh an dàta feuch an gabh taic amas gu freagarrach. Nas trice a-nis, tha sgoiltean a’ cleachdadh dàta airson slatan-tomhais ach an urrainn dhaibh measadh a dhèanamh an coimeas ri sgoiltean dhen aon sheòrsa.

Chan e gu leòr a th’ ann, ge-tà, a bhith a’ cur modhan-obrachaidh air dòigh airson fèin-mheasadh. Tha a bhith ag adhartachadh tro fhèin-mheasadh fhathast na laigse ann an cus sgoiltean. Ann an cuid de shuidheachaidhean, chan eil na thathas a’ togail bho bhith a’ cumail sùil air ionnsachadh agus teagasg ga chur chun an fheum a bu chòir ann a bhith a’ leasachadh chleachdaidhean anns a’ chlas. Tha fèin-mheasadh air a chomharrachadh mar phrìomh adhbhar gnìomha ann am faisg air a’ cheathramh cuid de dh’aithisgean sgrùdaidh bhun-sgoiltean air am foillseachadh bhon chiad Leasachadh Foghlam na h-Alba. Am measg ceistean fa-leth a tha feumach air an leasachadh tha cion conaltraidh èifeachdach le clann, pàrantan agus luchd-obrach agus cion fòcas air a bhith a’ leasachadh agus teagasg. A bharrachd air sin, cha bhi luchd-obrach aig amanan a’ gabhail gnothach gu leòr ri modhan-obrachaidh fèin-mheasaidh no a’ cur taic ris, agus ro thric tha e gu math follaiseach nach eil fèin-mheasadh ag adbhrachadh adhartas ann am fiosraichidhean chloinne.

ÀRAINNEACHD AGUS DÀIMHEAN

SGAOILEADH MEASADH COMHARRAN CÀILEACHD SAN RAON BUN-SGOILE, 2005-2007

Am bheil bun-sgoiltean a’ dùileachadh tòrr bho chloinn gu lèir?

Chan mhòr anns a h-uile suidheachadh, tha bun-sgoiltean a’ targse àrainneachd a tha taiceil agus cùramach a thaobh ionnsachaidh. Am measg gach neart tha dàimhean cuideachail eadar luchd-teagaisg agus luchd-ionnsachaidh agus an deisealachadh èifeachdach a tha stèidhichte le sgoiltean gus an tèid aca air a bhith a’ coinneachadh feumalachdan cùraim agus maitheis an cuid chloinne, a’ gabhail a-steach cobhair medigeach. Tha luchd-obrach agus clann a’ taobhadh gu làidir rin sgoiltean agus tha clann ag innse gu bheil iad toilichte san sgoil. Tha làthaireachd anns a’ bhitheantas fìor mhath anns a’ mhòr-chuid de sgoiltean agus tha luchd-obrach a’ dùileachadh mòran a thaobh deagh ghiùlan agus miann obrach. Tha luchd-obrach fiosrachail mu mhodhan-obrachaidh dìon chloinne. Tha barrachd ùghdarrasan foghlaim a’ dèanamh cinnteach gum bheil fios mionaideach agus ris an uair aca mu càite am bheil clann nach nochd san sgoile. Bu chòir do sgoiltean leantainn le bhith a’ dèiligeadh ri droch bhuaidh giùlain chloinne a tha a’ milleadh chothroman ionnsachaidh chàich.

Ann an cuid de sgoiltean bha an dòigh san robhas a’ dèiligeadh ri co-ionnanachd agus cothromachd sàr-mhath. Tha na sgoiltean sin a’ daingneachadh faireachdainnean làidir co-ionnanachd agus cothromachd agus gu gnìomhach a’ brosnachadh iomairtean tron sgoil gu lèir ann an raon de shuidheachaidhean co-ionnanachd. Tha an luchd-obrach a’ cleachdadh grunn mhodhan-obrachaidh a tha air an deagh phlanadh airson co-ionnanachd cinnidh a bhrosnachadh agus gus a’ chloinn a chuideachadh ann a bhith ag aithneachadh agus a’ deiligeadh ri leth-bhreith agus treubhalachd. Tro na sgoiltean sin, thathas a’ deasbad ceistean co-ionnanachd gu math tric agus gu fosgailte agus thathas a’ dol an-sas ann am bacaidhean sam bith a tha a’ tighinn an aghaidh co-thionnail agus in-ghabhaltas gu h-èifeachdach. Chan eil, ge-tà, càileachd dhòighean-obrach air a dheagh leasachadh air feadh na sgoiltean air fad. Tha deagh mhodhan-obrachaidh leasaichte aig a’ mhòr-chuid de bhun-sgoiltean gus sùil a chumail air ana-cothromachd gnè a nochdadh ann am buileachadh, ach feumar a bhith a’ cleachdadh fiosrachadh ann an dòigh nas èifeachdaiche airson a dhol an sàs ann an suidheachaidhean a thig am follais.

A’ DÙILEACHADH AGUS A’ BROSNACHADH COILEANADH

SGAOILEADH MEASADH COMHARRAN CÀILEACHD SAN RAON BUN-SGOILE, 2005-2007

[<<<] [Clàr-innse] [>>>]