[<<<] [Clàr-innse] [>>>]

Leasachadh foghlam na h-Alba: Aithisg le HMIE air sgrdadh agus lirmheas 2005-2008

Earrann 3: Raon Àrd-sgoile

Neartan

Gnothaichean rin leasachadh

Dè cho mhath ’s a tha òigridh ag ionnsachadh agus a’ soirbheachadh?

Teagasg, ionnsachadh agus a’ coinneachadh ri feumalachdan fa-leth.

Tha càileachd teagasg fhathast math anns a’ mhòr-chuid de sgoiltean. Tha mòran thidsearan a’ misneachadh an luchd-ionnsachaidh le bhith gan toirt a-steach do chòmhraidhean agus gam piobrachadh le ceistean geur agus mìneachadh èifeachdach. Tha an iomairt Measadh airson Ionnsachadh air mòran thidsearan a bhrosnachadh gu bhith a’ tarraing òigridh gu bhith a’ smaoineachadh mun ionnsachadh fhèin. Tha tidsearan agus luchd-ionnsachaidh a’ dèanamh barrachd feum de ICT mar inneal ionnsachaidh agus teagaisg ged nach deach a chur an sàs chun na h-ìre fhathast far an deach fìor bhuannachd a bhuinnig. Bu chòir an raon de mhodhan teagaisg a thathas a’ cleachdadh ann am beagan sgoiltean a leudachadh, leithid a bhith ag amas dòighean-teagaisg nas cinntiche air rùintean buileachaidh agus gu feumalachdan ionnsachaidh an òigridh. Ro thric, chan eil òigridh a’ gabhail gnothach ri leasanan. Ann an tòrr shuidheachaidhean, tha astar agus doimhneachd an ionnsachaidh feumach air a thogail le barrachd amas ga dhèanamh air smaoineachadh agus ionnsachadh dùbhlanach.

AM MODH-OBRACHAIDH TEAGAISG/FIOSRAICHIDHEAN IONNSACHAIDH CHLOINNE

SGAOILEADH MEASADH COMHARRAN CÀILEACHD SAN RAON ÀRD-SGOILE, 2005-2007

Airson a’ mhòr-chuid de sgoiltean, bu chòir e bhith na phrìomhachas a bhith a’ toirt air adhart càileachd an ionnsachaidh agus an teagaisg. Ann am fìor bheagan sgoiltean, chan eil cothroman gu leòr aig òigridh a bhith a’ rannsachadh ceistean dhaibh fhèin agus a’ tighinn gu co-dhùnaidhean air an ceann fhèin. Bu chòir do leasachaidhean luchd-obrach a bhith ag amas air dòighean anns am bheil òigridh ri ionnsachadh. Gu sònraichte, feumaidh luchd-obrach òigridh fa-leth a tharraing a-steach gu gnìomhach nan cuid ionnsachaidh airson a bhith gam brosnachadh gu bhith a’ smaoineachadh gu neo-eisimealach agus cruthachail.

Tha ùrachadh anns a’ churraicealam a’ toirt piseach air càileachd fiosraichidhean luchd-ionnsachaidh agus a’ coinneachadh feumalachdan fa-leth ann an dòigh nas è ifeachdaiche. Tha cuid de sgoiltean a’ cleachdadh barrachd shuidheachaidhean fìrinneach, dòighean-obrach eadar-sgileil agus a’ meòrachadh air cùisean nas freagarraiche. Ged a tha cuspairean fa-leth fhathast nan neart ann an àrd-sgoiltean, feumaidh iad a bhith a’ cur nas fheàrr ri ceanglan eadar sgilean ged bu chòir a bhith a’ glèidheil an stèidh fa-leth aig an aon àm airson aithne agus creideas. Le bhith a’ dèanamh sin, coinnichidh iad ri feumalachdan ionnsachaidh òigridh agus cuidichidh iad ann a bhith a’ cur às don sgaradh eadar ionnsachadh sgoilearach agus gnìomhail.

Tha sgoiltean nas trice a-nis a’ roinn an uallaich airson a bhith a’ dèiligeadh ri feumalachdan ionnsachaidh air feadh an luchd-obrach gu lèir. Tha mòran sgoiltean ag aithneachadh gu bheil taic pearsanta, còmhraidhean bunaiteach cunbhalach mu adhartas agus tuigse air dè tha a’ misneachadh òigridh fhathast aig fìor chridhe soirbheis do luchd-ionnsachaidh fa-leth. Feumaidh sgoiltean dèanamh cinnteach a-nis gu bheil iad fhèin agus an com-pàirtichean a’ tairgse slighean ionnsachaidh a tha a’ freagairt air gach neach òg. Tha dòighean ro-innleachdail a’ gabhail a-steach siostaman agus poileasaidheana tha freagarrach ann an raointean leithid dìon chloinne agus ceistean nas fharsainge mu dhìon agus cùram, a’ gabhail a-steach a bhith a’ comharrachadh agus a’ cumail taic ri òigridh a tha so-leònta no a tha dualach a bhith gam fàgail air an iomall. Far am bheil feum aig luchd-ionnsachaidh air taic a bharrachd, anns a mhòr-chuid de shuidheachaidhean tha an luchd-obrach gan aithneachadh agus a’ dèiligeadh riutha gu sùbailte agus le deagh amas. Tha seo na neart ann am mòran sgoiltean. Ann an cuid de sgoiltean, ge-tà, feumar dèanamh cinnteach gu bheil gach amas a tha mu choinneimh prògraman foghlam pearsanta agus planaichean taice co-òrdanaichte soilleir agus gu bheil an òigridh fhèin agus am pàrantan air an gabhail a-staigh ann a bhith gan dealbh agus gan sgrùdadh. Tha cuid de sgoiltean a’ coinneachadh gu math ri feumalachdan a bharrachd a tha a’ tighinn orra le luchd-ionnsachaidh aig am bheil Beurla mar dhara cànan, ach tha feum air barrachd impidh a chur air a bhith a’ co-roinn agus a’ togail air deagh chleachdadh anns an raon seo. Tha cuid de sgoiltean a’ dol an sàs ann an gnothaichean leithid ana-cothromachd gnè far am bheil buaidh aig sin air coileanadh.

Coileanadh

Tha sgoiltean nas deiseile a bhith ag aithneachadh agus a’ brosnachadh barrachd raointean anns am bi òigridh a’ coileanadh. Tha grunn a’ ceangal nan diofar chothroman farsaing a th’ ann taobh-muigh agus ann an clasaichean agus thar chuspairean, airson feumalachdan luchd-ionnsachaidh fa-leth a shàsachadh. A’ togail air fiosraichidhean mar sin, tha iad air am misneachadh gu bhith leasachadh leithid sin de sgilean, buadhan agus comasan a tha am measg nan ceithir comasan. Bu chòir an dearbh innleachd a bhith na phrìomhachas ann an àrd-sgoiltean gu lèir, gu h-àraidh aig na h-ìrean as tràithe. ’S ann ann an AS1 agus AS2 as lugha a thathas a’ cur ri foghlam agus soirbheachadh mòran òigridh. Sin ann no às, ann an cuid de sgoitean, cuspairean no clasaichean, tha coileanadh ann an obair-clas aig na h-ìrean sin air a chomharrachadh le doimhneachd agus cruas eanchainn.

Bho AS3-AS6, tha a’ mhòr-chuid de sgoiltean a dèanamh barrachd feum de shiostaman teisteanais gus dearbhadh gu bheileas a’ coileanadh, nam measg ASDAN, Duaisean Òigridh na h-Alba, Sgeama Dhiùc Dhùn Èidinn agus Prògram XL Urras a’ Phrionnsa. Tha aithris air na duaisean sin agus feadhainn eile ann an Amazing Things13 a chaidh fhoillseachadh bho chionn ghoirid.

ÌREAN COILEANAIDH SAN FHARSAINGEACHD

SGAOILEADH MEASADH COMHARRAN CÀILEACHD SAN RAON ÀRD-SGOILE, 2005-2007

Ged a tha coileanaidhean òigridh ann an deuchainnean Nàiseanta air bhith math rè ùine, ’s ann measgaichte a tha an dealbh a thathas a’ faighinn mu choileanadh òigridh tro sgrùdaidhean agus tro rannsachadh nàiseanta agus eadar-nàiseanta. Tha adhartas air a bhith ann aig ìre AS1/AS2 ach tha cus òigridh fhathast nach eil a’ coileanadh na bu chòir ro dheireadh AS2. Tha Surbhaidh Gluasadan ann am Matamataic agus Saidheans Eadar-naiseanta (TIMSS) a chaidh fhoillseachadh bho chionn ghoirid a’ nochdadh gun robh an ìre cuibheasach ann am matamataig agus saidheans aig AS2 air a dhol air ais ann an Alba bho 2003.

Tha Surbhaidh Coileanaidh na h-Alba (SSA) a’ mineachadh nach eil ach mu 50% de dh’òigridh ann an AS2 aig an robh deagh sgilean ann ann leughadh agus àireamhachd, ged a bha eadar 10% agus 20% a bha a’ dol thairis air na tomhasan a bhathas a’ dùileachadh. Cha robh gluasasd sam bith ann an ìrean sgrìobhaidh. An déidh sin a ràdh, tha sgrùdaidhean sgoile ann am Beurla a’ dearbhadh gu bheil a’ mhòr-chuid de dh’òigridh nach eil air an ìre a bu chòir a ruigheachd ro dheireadh AS2 air tighinn air adhart gu math bho far an robh iad. ’S e glè bheag de sgoiltean a tha a’ tomhas sgilean òigridh ann an èisteachd agus còmhradh ann an dòigh rianail, agus feumar coimhead ri sin. Ann an saidheans, tha dearbhadh an SSA a’ sealltainn nach eil òigridh a’ coileanadh mar bu chòir aig ìre AS2 agus ’s e glè bheag de choltas a th’ ann gu bheil piseach a’ tighinn air cùisean. Tha na lorg an SSA cuideachd a’ dearbhadh na chaidh a thogail ann an sgrùdaidhean gu bheil na comasan a th’aig òigridh ann a bhith a’ cur an gnìomh sgilean agus eòlas ann an suidheachaidhean ùra agus ann an suidheachdaidhean dùbhlanach feumach air leasachadh. Thar a’ chòrr dhen churraicealam aig AS1/AS2, tha aig tòrr sgoiltean ri bhith a’ cumail sùil air adhartas agus ìrean ann an dòigh cruaidh agus rianail.

Tha an surbhaidh Prògram airson Measadh Oileanach Eadar-nàiseanta (PISA) a chaidh a dhèanamh ann an 2006 a’ sealltainn gu bheil sgoilearan ann an Alba aig aois 15 a’ coileanadh gu math nas fheàrr na tha dearbhaidhean cuibheasach OECD ann an leughadh, matamataig agus saidheans, ged a tha cuid de dhùthchanan eile a-nis a’ dèanamh nas fheàrr na Alba. Tha coileanaidhean òigridh aig AS4-AS6 ann an deuchainnean nàiseanta Eadar 2006 agus 2008 a’ nochdadh nach eil gluasad neo-àbhaisteach sam bith ann.

Tha grunn thomhasan nàiseanta a tha cudromach, a leithid an ceudad a tha a’ coileanadh còig duaisean no barrachd aig ìrean SCQF 3, 4 no 5 ro dheireadh AS4 agus an aon tomhas de chloinn a tha a’ faighinn trì duaisean no barrachd aig ìre SCQF 6 ro dheireadh AS6 air a bhith cothromach. Tha e na phrìomhachas nas cudromaiche na bha e riamh gum bu chòir ìrean coileanaidh aig gach ceum ann an àrd-sgoiltean àrdachadh. Tha e fìor chudromach gun tèid coimhead ri sin a dhèanamh gu sònraichte aig AS1/AS2 agus do bhalaich agus do chlan a tha fo chùram dachaigh.

Curraicealam

Tha ìre a’ churraicealaim anns a’ mhòr-chuid de dh’àrd-sgoiltean air feadh na h-Alba math anns a’ chumantas agus a’ tighinn air adhart. Tha leudachd agus coileantachd a’ churraicealaim a’ nochdadh gu math tric mar neart aig a’ mhòr-chuid de dh’ìrean, agus cuideachd an dòigh breithneachail anns am bheileas a’ cleachdadh cùrsaichean Nàiseanta leithid Ire Coitcheann agus Teisteanas Nàiseanta (NQ). Tha cus sgoiltean, ge-tà, a’ beachdachadh air atharrachaidhean ann an structair a’ churraicealaim agus clàran-ama sgoiltean gun a bhith a’ rannsachadh gu buileach dè bhuaidh a dh’fhaodadh a bhith aig ùrachadh air ionnsachadh agus teagasg.

Tha e a’ tighinn gu bhith nas fhollaisiche ann an àrd-sgoiltean gu bheileas a’ ceangal ri raon nas fharsainge de sgilean, comasan agus tàlantan, an dà chuid taobh-muigh agus taobh-staigh a’ churraicealaim stèidhichte. Tha a’ mhòr-chuid de sgoiltean fhathast a’ cur cuideam mòr air foghlam pearsanta, sòisealta agus slàinte. Tha mòran air a bhith a’ cleachdadh iomairt Dealasach gu Soirbheas mar dhòigh air togail air leasachadh an co-cheangal ri foghlam iomairte agus foghlam son cosnadh cothroman obrach. Rè ùine na h-aithisge seo tha mòran sgoiltean agus ùghdarrasan foghlaim air an dlùth-cheangal ri colaistean a dhaingneachadh an co-theacs Sgilean airson Obair agus prògraman ciùird pàirt-ùine eile airson luchd-ionnsachaidh ann an AS3 agus AS4. Tha gach neart agus laigse ann am modhan-obrachaidh mar seo air am mìneachadh gu mionaideach ann an A’ Leudachadh Chothroman: aithisg air prògraman com-pàirteachais sgoil-colaiste ann an Alba (2008). Tha cuid de dh’àrd-sgoiltean a’ tairgse barrachd chothroman ann an sgoiltean airson sgilean praictigeach, stèidhichte air sgilean agus ionsachadh gnìomha. Tha iad a’coimhead às ùr air cho goireasach agus buannachdail ’s a tha e a bhith ag ionnsachdach ciùird ann an dreuchd gus feuchainn am bheil ceanglan nas làidire gu bhith eadar an sgoil agus cothroman-cosnaidh ann an coimhearsnachdan ionadail. Tha cuid de dh’àrd-sgoiltean air tighinn còmhla gu soirbheachail ann a bhith a’ tairgse raon nas fharsainge de chùrsaichean do luchd-ionnsachaidh. Anns na buillean dhen rannsachadh, tha a mhòr-chuid de sgoiltean air a bhith nas treasa ann a bhith a’ cur air adhart foghlam mu leasachadh seasamhach, tro ghnothaichean àrainneachd agus ath-chleachdadh. Chan eil ach leth a tha air lèirmheas a dhèanamh air an ìre chun am bheil an curraicealam a’ brosnachadh a leithid ann an dòigh coileanta no leantainneach. Tha ro bheag de sgoiltean a’ tairgse foghlam corporra aig àrd inbhe do na h-ìrean as sinne.

Tha modhan-obrachaidh airson a bhith a’ toirt a-steach Irè Choitcheann no cùrsaichean den leithid aig an an aon ìre bho AS2 air a bhith measgaichte. Tha e ro thràth buannachd mhòr sam bith a thomhas ann an builean luchd-ionnsachaidh aig mullach na sgoile. Tha cuid de sgoiltean air astar ionnsachaidh a thogail ann an iomadach dòigh, mar eisimpleir ann a bhith a’ dol an sàs ann an cuid de dh’earrann obair Àrd-ìre, mas tèid òigridh air adhart gu deuchainnean Ìre Choitcheann ann an AS4. Tha iomairt Sgoiltean Mòr-mhiannach air a chur gu deagh fheum ann a bhith a’ togail ùidh òigridh ann an slighean ùra no leasaichte anns a’ churraicealam. Nas trice, tha fuasglaidhean cruthachail gan cleachdadh airson a bhith a’ tairgse roghainnean nas fharsainge agus inntrigidh bho air feadh na dùthcha. A’ cleachdadh comhairle a tha ri fhaotainn, bu chòir do sgoiltean a bhith a’ leasachadh roghainnean agus bun-stèidh slighean churraicealaim agus cho freagarrach ’s a tha iad ann a bhith a’ frithealadh feumalachdan fa-leth do dh’òigridh. Bu chòir do mhodhan-obrachaidh mar sin a bhith a’ gabhail a-staigh fiosrachadh mionaideach air na sgilean, tàlantan agus buadhan a tha nam bun-stèidh air na ceithir comasan.

STRUCTAIR A’ CHURRAICEALAIM

SGAOILEADH MEASADH COMHARRAN CÀILEACHD SAN RAON ÀRD-SGOILE, 2005-2007

Am bheil stiùireadh soilleir aig àrd-sgoiltean?

Tha ceannas math gu cunbhalach ann an àrd-sgoiltean agus tha e a’ tighinn air adhart. Bha nas lugha na 10% de sgoiltean le laigsean cudromach ann an ceannas agus cha robh ach 1% anns an robh laigsean mòra. Tha lèirsinn agus stiùireadh soilleir aig tòrr sgoiltean stèidhichte air luachan co-roinnte thairis air coimhearsnachd na sgoile. Tha ceannas nan ceannardan a’ nochdadh gu tric mar neart. Tha cuid de sgoiltean mòr-mhiannach, gu sònraichte far am bheil luchd-obrach aig gach ìre a’ sireadh lèirsinn ro-innleachdail co-roinnte an dòigh co-obrachail, le taic bho àrd-mhanaidsearan.

Tha a’ mhòr-chuid de dh’iar-cheannardan-sgoile a’ leasachadh an dreuchdan ro-innleachdail gu math. Tha na tha manaidsearan malairt a’ cur ri buaidh na sgoile cuideachd feumail ann a bhith a’ saoradh àrd-mhanaidsearan eile gu bhith ag amas a’ mhòr-chud dhen ùine aca air leasachadh foghlaim. Tha càileachd na tha prìomh thidsearan (no ceannardan roinne) a’ cur ri dearbhachd càileachd agus treòrachadh ionnsachadh fhathast caochlaideach. Far am bheil na cleachdaidhean as fheàrr, tha ceannas airson ionnsachadh mar phrionnsabal aig an luchd-obrach gu h-iomlan, a’ gabhail a-steach mòran aig nach eil dleastanas àdhartach ach a tha fhathast cudromach ann a bhith a’ cur ri ùr-ghnàthachadh curraicealaim agus leasachaidhean sgoile eile. Feumaidh ceannardan fhathast a bhith ag obair còmhla ri feadhainn eile feuch an gabh dòighean ùr-ghnàthach a lorg gus an curraicealam a leasachadh airson coinneachadh ri feumalachdan uile nan daoine òga.

Dè cho math ’s a tha luchd-obrach ag obair còmhla ri feadhainn eile airson taic a chur ri ionnsachadh chloinne?

Tha deagh chom-pàirteachas eadar pàrantan, sgoiltean agus a’ choimhearsnachd nas fharsainge. Mar as trice tha deagh thaic ann bho Bhùird Sgoile agus bho chionn ghoirid bho Chomhairlean Phàrantan. Tha luchd-ùidh fhathast riaraichte le cha mhòr a h-uile taobh de dh’obair sgoiltean. Tha na sgoiltean fhèin nas for-ghniomhaiche ann a bhith a’ sireach com-pàirteachasan èifeachdach le raon farsaing de bhuidhnean bhon taobh-a-muigh gu buannachd òigridh, ’s gu h-àraidh an fheadhainn aig am bheil feum air barrachd roghainnean agus barrachd chothroman soirbheachaidh. Ged a tha mòran sgoiltean ag aithneachadh gum bheil ceanglan nas treasa le bun-sgoiltean a’ cuideachadh ann a bhith ag adhartachadh ionnsachadh, tha cus dhiubh nach eil a’ dèanamh gu leòr airson togail air na rinneadh ann am P7. Tha seo gam bachdadh bho bhith a’ tighinn air adhart mar bu chòir. Tha glè bheag de dh’àiteachan ann far am bheil ceanglan èifeachdach eadar luchd-obrach ann an sgoiltean agus an fheadhainn ann am foghlam no leasachadh coimhearsnachd, no nas fharsainge na sin mar phàirt de dh’iomairtean coimhearsnachd.

Am bheil luchd-obrach agus clann gu gnìomhach an sàs ann a bhith a’ leasachadh coimhearsnachd na sgoile?

Tha luchd-obrach ann an àrd-sgoiltean a-nis nas mothachaile air an dleastanas dìreach agus cunntachaileachd a th’orra airson leasachadh. Tha a’ bhuaidh aig fhèin-mheasadh chruadh air leasachadh seasmhach sgoiltean air a mheas cudromach, mar eisimpleir a’ cleachdadh An t-Slighe gu Sàr-mhathais, a’ gabhail a-steach an treas iris de Dè cho math ’s a tha an sgoil againn? Tha gach modh-obrachaidh cuairt dearbhachd càileachd ann an sgoiltean a-nis nas cunbhalaiche, agus tha na ceanglan eadar fèin-mheasadh, aithisgean ìrean agus càileachd agus planaichean leasachaidh sgoiltean a-rèir sin. Tha mion-sgrùdadh air dàta coileanaidh a’ sìor fhàs soifiostaigeach agus cruaidh.

Tha siostaman freagarrach aig a’ mhòr-chuid de sgoiltean airson a bhith a’ buachailleachd òigridh agus a’ tomhas an cuid adhartais. Tha sgoiltean air a bhith ag amharc dhòighean teagaisg agus ionnsachaidh bho chionn fhada. Tha a bhith a’ co-roinn deagh chleachdaidhean tro amharc chlasaichean agus fiosrachadh bho cho-obraichean a’ tighinn gu bhith na mheadhan air deasbad proifeiseanta mu ionnsachadh, ged a tha buaidh nan dòighean-obrach sin rim measadh gu cothromach fhathast. Tha barrachd sgoiltean a’ trusadh bheachdan òigridh mar phàirt dhen mheasadh a thathas a’ dèanamh air cùrsaichean, ionnsachadh agus teagasg. ’S e glè bheag, ge-tà, a’ tha a’ brosnachadh dhaoine òga gu cunbhalach airson a bhith a’ cur air adhart beachdan air dòighean anns an gabhadh ionnsachadh, teagasg, ceannas, an curraicealam, com-pàirteachas dachaigh agus gnè na sgoile a leasachadh.

Am bheil àrd-sgoiltean a’ dùileachadh tòrr bhon òigridh gu lèir?

Tha a’ mhòr-chuid de sgoiltean ag obair ann an àrainneachd co-ionnanachd agus cothromachd. Tha cha mhòr gach sgoil air modhan-obrachaidh matha a dhealbh gus dèiligeadh ri dealachadh cinnidh agus burraidheachd. Tha poileasaidhean leithid co-ionnanachd cinnidh a’ buntainn ris an sgoil gu lèir anns a’ mhòr chuid de sgoiltean ach chan eil e cho cumanta oidhirpean coileanta fhaicinn far am bheil co-ionnanachd cinnidh ga thogail agus ceistean eile co-ionnanachd gan libhrigeadh gu h-òrdail agus adhartach tron churraicealam gu lèir.

Tha an ìre cùraim treòrachaidh a th’ ann do dh’òigridh agus am spiorad buannachdail san fharsaingeachd nan neartan cha mhòr anns a’ h-uile sgoil. Tha seo air a dhaingneachadh anns na rudan a tha an òigridh fhèin ag ràdh. Cha mhòr anns a h-uile sgoil, tha an àrainneachd agus dàimhean cuideachail agus misneachail. Ged a tha àireamhan beaga de dh’òigridh ann an iomadach sgoil far am bheil clann le giùlan air leth dùbhlanach, anns a’ chumantas thathas a’ dèiligeadh gu h-èifeachdach ri duilgheadasan. Tha ro-innleachdan gu math soilleir agus riatanach aig a’ mhòr-chuid de sgoiltean airson a bhith a’ brosnachadh deagh ghiùlan. Far nach eil doighean-obrach cho èifeachdach, tha na ceistean gu math tric a’ buntainn ri dòighean anns nach eil an òigridh air an gabhail a-staigh anns an ionnsachadh, agus mar a tha còir feum dùileachadh thidsearan agus òigridh àrdachadh airson barrachd ionnsachaidh agus coileanaidh. Tha sgoiltean a’ cumail a’ dol le leasachadh siostaman airson a bhith a’ cumail sùil air adhartas foghlaim agus maith òigridh a th’ ann an cunnart, ged nach eil sgoiltean an còmhnaidh a’ coileanadh mar bu chòir a-mach às an cuid oidhirpean adhartas a thoirt air cùisean. Tha e na phrìomhachas airson an àm ri teachd gum bi com-pàirteachas agus modhan-obrachaish misneachail air an dealbh ach am bi e cinnteach gun tèid seirbheis coitcheann a thairgse do dh’òigridh aig ìre àrd-sgoile, agus gum bheil an teachd-a-mach sin ceart dhan òigridh air fad.

[<<<] [Clàr-innse] [>>>]