[<<<] [Clàr-innse] [>>>]
Neartan
Gnothaichean rin leasachadh
Dè cho math ’s a tha òigridh ag ionnsachadh agus a’ coileanadh?
Teagasg, ionnsachadh agus a’ coinneachadh ri feumalachdan fa leth.
Tha a’ mhòr-chuid de sgoiltean sònraichte a’ dèanamh cinnteach gum bheil iad a’ gabhail a-staigh clann gu dìcheallach nan ionnsachadh. Nuair a tha clann a’ faighinn dleastanasan nas motha airson an cuid ionnsachaidh agus leasanan a th’ air an dealbh gu math, tha na gnìomhan agus ìrean misneachaidh nas fheàrr. Tha luchd-obrach a’ sìor chleachdadh na coimhearsnachd ionadail mar phàirt dhen àrainneachd ionnsachaidh. Tha leithid de chleachdaidhean a’ dèanamh cinnteach gum bheil dlùth-cheangal aig an òigridh ri ionnsachadh nan coimhearsnachdan fhèin, mar eisimpleir tro bhith a’ tadhal air bùithtean mòra agus ionadan-gàraidh. Tha ionnsachadh nas èifeachdaiche ann do dh’òigridh nuair a tha cothrom aca a bhith an coluadar agus a’ co-obrachadh còmhla ri an co-aoisean. Feumaidh iad a bhith ag obair aig astar nas luaithe, le barrachd aire ga thoirt gu meud nan ceumanan a tha iad a’ gabhail a thaobh ionnsachadh, a-rèir am feumalachdan fa-leth.
Tha càileachd an teagaisg na neart gu math làidir ann an sgoiltean sònraichte làitheil. Cha mhòr anns a h-uile suidheachadh ro-sgoile sònraichte, tha an luchd-obrach a’ dèanamh cinnteach gum bheil an àrainneachd ionnsachaidh in-ghabhailte agus taiceill. Chan mhòr anns a h-uile sgoil sònraichte, tha tidsearan a’ cruthachadh àrainneachd a tha a’ cur ris an teagasg. Tha dàimhean soirbheachail aig an luchd-obrach leis an òigridh agus tha an aon thuigse aca air na feumalachdan a th’ aig òigridh fa-leth agus bacaidhean a tha a’ cur maill air an cuid ionnsachaidh. Tha iad a’ mìneachadh gu soilleir na tha a dhìth agus sgileil ann a bhith a’ cleachdadh diofar dhòighean airson aire luchd-ionnsachaidh a chumail air an gnìomhan. Ach chan eil an aon aonta ann mu bhuilean ionnsachaidh ’s a th’aig an òigridh, agus cha mhòtha a tha iad a’ targse gnìomhan ionnsachaidh dachaigh dhaibh. Far am bheil cleachadh as fheàrr ann an sgoiltean do chloinn le feumalachdan iomadh-fhillte, tha an luchd-obrach a’ cleachdadh raon de mhodhan èifeachdach airson a bhith a’ leasachadh sgilean conaltraidh.
Ann an sgoiltean sònraichte còmhnaidh, tha an teagasg a-nis math no nas fheàrr anns a’ mhòr-chuid de sgoiltean agus sàr-mhath ann an àireamh bheag. Anns a’ fharsaingeachd, tha tuigse nas fheàrr aig luchd-cùraim agus luchd-teagaisg air targaidean ionnsachaidh òigridh agus tha iad air planaichean nas fheàrr a dhealbh còmhla. Tha goinne luchd-teagaisg aig am bheil teisteanas a tha freagarrach na adhbhar dragh ann an sgoiltean sònraichte còmhnaidh. Gu sònraichte, tha duilgheadas aig sgoiltean far am bheil òigridh le duilgheadasan sòisealta, faireachdail agus giùlain ann a bhith a’ tàladh agus a cumail luchd-teagaisg le teisteanasan spèisealta. Ged a tha barrachd cuideam ga chur air ionnsachadh agus teagasg, tha laigsean fhathast anns an ìre chun am bheilas ag amas air feumalachdan òigridh ann an suas gu leth de na sgoiltean sònraichte còmhnaidh.
Coileanadh
Tha e fhathast na neart ann na sgoiltean sònraichte mar a tha iad a’ leasachadh sgilean pearsanta agus sòisealta nan daoine òga. Tha a’ mhòr-chuid de sgoiltean a-nis a’ dèanamh cinnteach gum bheil seo air aithneachadh gu foirmeil tro bhith a’ cleachdadh raon de dhuaisean agus sgeamaichean creideis. Tha teisteanas tro dhuaisean bho Ùghdarras Teisteanasan na h-Alba (SQA) cuideachd air a dhol am meud mar a tha sgoiltean a’ dèanamh barrachd feum de chùrsaichean an Teisteanasan Nàiseanta (NQ) agus aonadan aig ìre Inntrigidh 1, 2 agus 3. Tha sgoiltean sònraichte a tha a’ dèiligeadh ri clann aig ìre àrd-sgoile a-nis a’ tairgse cùrsaichean agus aonadan NQ, duaisean Chaledonia, duaisean ASDAN agus sgeama Dhiùc Dhùn Eidinn. Mar thoradh air na leasachaidhean sin, tha adhartas air tighinn air buileachadh theisteanasan aig ìre àrd-sgoile ann an sgoiltean sònraichte làitheil.
Tha òigridh ann an àiteachan-fuirich tèarainte gu math tric a’ call cothroman teisteanais foirmeil fhaighinn seach nach eil iad a’ frithealadh cho math ’s a bu chòir, no seach nach robh iad a-riamh ann an sgoil àbhaisteach. Chan eil tòrr dhen fheadhainn òga sin ag aithneachadh gum bheil luach teisteanasan foirmeil a’ cur ri an cuid chothrom tron t-saoghal agus leis sin tha ìrean coileanaidh le teisteanas gu math ìosal. Ann an sgoiltean sònraichte còmhnaidh agus ann an sgoiltean a tha a’ frithealadh dhaoine òga le duilgheadasan sòisealta, faireachdail agus giùlain, chan eil coileanaidhean ann am Beurla agus matamataig air tighinn air adhart mar bu chòir.
Tha ceist ann fhathast mun t-seachdainn ghoirid an dà chuid ann an sgoiltean sònraichte làitheil agus còmhnaidh agus tha e na cheist gu h-àraidh ann an sgoiltean do dh’òigridh le duilgheadasan sòisealta, faireachdail agus giùlain. Tha an giorrachadh ùine a tha an lùib seo a’ teannachadh air an h-uairean ionnsachaidh agus am farsaingeachd agus ìre cothroim as urrainnear a bhith a’ tairgse do dhaoine òga airson coileanadh.
Curraicealam
Anns a’ mhòr-chuid de sgoiltean sònraichte làitheil, tha an curraicealam air a dhealbh gu pearsanta gu soirbheachail ann a bhith a’ freagairt air feumalachdan luchd-ionnsachaidh, tro dhòighean èifeachdach air a bhith a’ dealbh phrògraman foghlaim fa leth agus planaichean co-ordanaichte taice. Tha cothroman aig òigridh buaidh a thoirt air dreach am fiosraichidhean curraicealaim tro bharrachd roghainnean. Tha buannachd mhòr ann do mhòran òigridh ann a bhith a’ cothromachadh air ùine-obrach pàirt-ùine ann an sgoiltean àbhaisteach agus greisean ann an colaistean.
Ann an sgoiltean sònraichte còmhnaidh tha e na neart mar a thathas a’ fighe a-steach ionnsachadh tro chùram is foghlam. Ann an àiteachan tèarainte, tha prògraman sònraichte leithid trèanadh sgilean eanchainn, smachdachadh feirge agus co-thruas ri luchd-fulang gan cleachdadh airson a bhith a’ dol an sàs ann am feumalachdan dhaoine òga. Ann an grunn sgoiltean mar seo, tha an luchd-obrach air taghadh de cho-theacsan agus fiosraichidhean ionnsachaidh ùra a dhealbh a tha freagarrach a thaobh feumalachdan agus ùidhean òigridh, mar fhreagairt don Churraicealam airson Sàr-mhathais. Ged a tha neartan mar sin ann, tha càileachd a’ churraicealaim ann an 60% de na sgoiltean sin le laigsean.
STRUCTAR A’ CHURRAICEALAIM

Am bheil stiùireadh soilleir aig àrd-sgoiltean?
Tha ceannas a’ cheannaird fìor mhath ann a’ cha mhòr leth de na sgoiltean sònraichte làitheil, agus ann am beagan sgoiltean tha e sàr-mhath. Anns na sgoiltean sin, tha na ceannardan agus àrd-mhanaidsearan ag amas air a bhith a’ stiùireadh leasachadh agus atharrachadh. Tha iad a’ toirt air adhart creideas coileanaidh na h-òigridh agus a’ cur ri obair com-pàirteachais. Tha iad a’ dùileachadh agus a’ cur fàilte air an fheum a th’ ann airson atharrachadh san àm ri teachd. Ach tha ceannas a’ cheannaird lag ann an aon sgoil sònraichte a-mach às gach deich. Anns na sgoiltean sin, cha robh luchd-obrach a’ faighinn comhairle no stiùireadh gu leòr airson a bhith a’ leasachadh a’ churraicealaim agus ionnsachadh agus teagasg.

Dè cho math ’s a tha luchd-obrach ag obair còmhla ri feadhainn eile airson taic a chur ri ionnsachadh chloinne?
Tha sgoiltean sònraichte làitheil agus suidheachaidhean sònraichte ro-sgoile air com-pàirteachasan àrd inbhe a dhealbh thar raointean agus buidhnean leithid slàinte, cùram agus foghlam. Ann an cuid, tha an nurs-sgoile no sgioban an sàs ann am brosnachadh slàinte-inntinn agus maith ag obair gu h-èifeachdach le prìomh luchd-obrach gus taic a chumail ri òigridh le feumalachdan sòisealta, faireachdail agus leasachadh corporra.
Tha piseach a’ tighinn air com-pàirteachasan ann an sgoiltean sònraichte còmhnaidh, gu sònraichte le pàrantan. Ann an cuid de shuidheachaidhean tha ro-innleachd measaidh agus eadraiginn, a’ gabhail a-steach taic iomadh-bhuidheanach do theaghlaichean, a’ toirt a chothrom do phàrantan a bhith a’ gabhail barrachd gnothach ri bhith a’ toirt taic do ionnsachadh an cuid chloinne. Tha cothrom fhathast ann piseach a thoirt air com-pàirteachas eadar sgoiltean, ùghdarrasan agus buidhnean freagarrach eile. Ann an seirbheisean cùraim tèarainte, tha ceanglan coimhearsnachd, leithid ceanglan le gnìomhachasan ionadail airson cothroman eòlais obrach, doirbh an cur air dòigh agus chan eil cus rim faotainn.
Am bheil luchd-obrach agus clann gu gnìomhach an sàs ann a bhith a’ leasachadh coimhearsnachd na sgoile?
Ann an ionadan sònraichte ro-sgoile agus sgoiltean sònraichte làitheil, bu chòir fèin-mheasadh a leasachadh le laigsean cudromach a’ nochdadh ann an timcheall air a’ cheathramh cuid de sgoiltean sònraichte. Anns a’ mhòr-chuid de sgoiltean, tha planadh leasachaidh a’ toirt a-mach prìomhachasan a tha gu dìreach ag amas air ionnsachadh agus teagasg agus a’ coinneachadh feumalachdan ionnsachaidh. Tha tidsearan a’ cur barrachd cuideam air a bhith a’ sireadh bheachdan òigridh mu chàileach an cuid ionnsachaidh. Ach feumaidh fèin-mheasadh a bhith ag amas nas follaisiche agus cunbhalaiche air a bhith a’ toirt air adhart fiosraichidhean an luchd-ionnsachaidh.
Anns an raon sònraichte còmhnaidh, tha barrachd sgoiltean a-nis a’ cleachdadh ìrean cùraim nàiseanta agus taisbeanairean càileachd airson an cuid-obrach a mheasadh agus prìomhachasan airson leasachadh a chomharrachadh. Tha càileachd agus buaidh an fhèin-mheasaidh ge-tà fhathast na laigse chudromach ann an timcheall air 80% de sheirbheisean. Feumaidh manaidsearan a bhith a’ toirt a-staigh an luchd-obrach ann na còmhraidhean mu leasachaidhean ann an ionnsachadh, teagasg agus cùram tro bhith a’ meòrachadh air na thathas a’ dèanamh an-dràsta.
Am bheil sgoiltean sònraichte a’ dùileachadh tòrr bhon chloinn agus òigridh gu lèir?
Tha neart a’ nochdadh anns a h-uile taobh de spiorad no gnè ann an cha mhòr a h-uile sgoil sònraichte. Cha mhòr anns a h-uile ionad ro-sgoil sònraichte agus sgoil, tha dàimhean am measg òigridh, pàrantan agus luchd-obrach nam prìomh neartan. Anns na h-ionadan agus sgoiltean sin, tha moit aig luchd-ùidh nan sgoil agus tha an tha luchd-obrach math air obrachadh còmhla gus dèanamh cinnteach gum bheil càirdeas buannachdail agus spèis co-aontach am measg luchd-obrach agus òigridh. Far am bheil giùlan a’ nochdadh mar thaobh air feumalachdan taic a bharrachd òigridh, tha luchd-obrach anns a’ mhòr-chud de sgoiltean a’ dèanamh oidhirpean matha airson dèiligeadh ri droch ghiùlan gun a bhith a’ cur maill air ionnsachadh feadhainn eile. Far am bheil feumalachdan taic a bharrachd iomadh-fhillte, tha àrd-mhanaidsearan agus tidsearan cùramach agus taiceil ann a bhith ag obair còmhla ri luchd-obrach meidigeach gus bacaidhean sam bith a thig an rathad air ionnsachadh a làimhseachadh. Ann an cuid de sgoiltean chan eil luchd-obrach a’ dùileachadh àrd gu leòr airson coileanaidhean òigridh. Tha e na phrìomh fheart ann an sgoiltean sònraichte còmhnaidh gum bheileas ag ullachadh agus a’ planadh airson òigridh a thoirt a-staigh air a choimhearsnachd àbhaisteach. Tha goireasan airson cùram agus foghlam a’ tighinn air adhart ann an sgoiltean sònraichte còmhnaidh agus àiteachan-fuirich tèarainte. Ann an cuid de sgoiltean sònraichte làitheil, tha laigsean cudromach ann an àiteachan-fuirich agus goireasan.
[<<<] [Clàr-innse] [>>>]