[<<<] [Clàr-innse] [>>>]
Neartan
Gnothaichean rin leasachadh
Dè cho math ’s a tha luchd-ionnsachaidh ag ionnsachadh agus a’ coileanadh?
Ionnsachadh, teagasg, adhartas luchd-ionnsachaidh agus builean
Airson luchd-ionnsachaidh ann an colaistean na h-Alba, tha càileachd ionnsachaidh agus teagaisg fhathast aig ìre àrd anns a’ chumantas. Tha an luchd-ionnsachaidh dealasach mun fiosraichidhean ionnsachaidh, a’ nochdadh ìrean àrd dleastanais agus tograidh. Tha an luchd-teagaisg gu h-èifeachdach a’ cleachdadh am fìor-eòlais agus anns a’ chumantas a’ cumail suas an t-eòlas a th’ aca air cuspairean fa-leth agus mu chosnadh anns a fharsaingeachd. Tha seo a’ toirt dhaibh an cothrom a bhith a’ lìbhrigeadh ionnsachadh àrd inbhe a tha freagarrach agus feumail ann an seadh gnìomhachais.
Tha ceanglan eadar luchd-obrach agus luchd-ionnsachaidh cha mhòr anns a h-uile àite gu math buannachdail agus air cur ri àrainneachd èifeachdadh ionnsachaidh. Tha an luchd-ionnsachaidh air am misneachadh gu bhith a’ cleachdadh raon de stuthan ionnsachaidh, leithid stuthan air-loidhne agus gnothaichean eile ICT.
Tha an luchd-obrach a’ misneachadh an luchd-ionnsachaidh gu bhith a’ beachdachadh air an cuid ionnsachaidh agus a’ cur romhpa targaidean airson an coileanadh a thoirt air adhart. Tha seo a’ togail am neo-eisimeileachd agus tha an luchd-ionnsachaidh a’ gabhail an uallaich airson amasan ionnsachaidh. Tha cuid de luchd-teagaisg, ge-tà, a bu chòir a bhith a’ cleachdadh modhan-obrachaidh ionnsachaidh agus teagaisg a bharrachd, leithid a bhith a’ cleachdadh ICT, nas èifeachdaile ann an teagasg. Tha feadhainn ann cuideachd a bu chòir a bhith a’ dearbhadh nas cunbhalaiche na tha an luchd-ionnsachaidh a’ tuigsinn gus an tèid aca air fiosrachadh nas freagarraiche a thilleadh thuca.

Tha tomhasan glèidhidh agus buileachaidh àrd thairis air foghlam adhartach agus foghlam àrd-ìre anns a’ mhòr-chuid de chuspairean air an tairgse ann an colaistean na h-Alba. Tha soirbheas an luchd-ionnsachaidh air prògraman foghlaim adhartach air a bhith ag àrdachadh tharis air na ceithir bliadhnachan a dh’fhalbh. Tha a’ mhòr-chuid de luchd-ionnsachaidh a’ dol air adhart gu tuilleadh foghlaim no cosnadh.
Ann an colaistean a tha a’ tairgse phrògraman ann an Gàidhlig no tron Ghàdhlig, tha ìrean glèidhidhair a bhith àrd agus tha luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig air a bhith a’ coileanadh gu math.
Tha colaistean fhathast a’ dèanamh deagh adhartas ann a bhith a’ brosnachadh ìrean coileanaidh nas fharsainge an luchd-ionnsachaidh a bharrachd air an sgilean-cosnaidh. Tha sgilean pearsanta agus ionnsachaidh an luchd-ionnsachaidh, sgilean bunaiteach (a’ gabhail a-steach litearras agus àireamhachd), sgilean airson saoranachd agus deisealachadh cosnaidh gan leasachadh gu math agus tha barrachd aithne ga thoirt dhaibh.
Tha cha mhòr a h-uile colaiste a’ cleachdadh planaichean ionnsachaidh pearsanta (ILPs) gu h-èifeachdach airson a bhith a’ cuideachadh an luchd-ionnsachaidh gu bhith a’ sgrùdadh agus ag aithneachadh mar a tha iad a’ coileanadh. Tha leithid de dhòigh-obrach a’ cuideachadh misneachd an luchd-ionnsachaidh, an dleastanasan a thaobh am foghlam agus an neo-eisimealachd ann an ionnsachadh ach an dealbh iad adhartas nan cosnadh no gu barrachd foghlaim. Tha soirbheas an an sgeamichean dhuaisean nàiseanta agus ionadail agus farpaisean, agus a’ bhith a’ gabhail pàirt ann am pròiseactan coimhearsnachd air am aithneachadh agus cliùiteach ann an tòrr cholaistean. Chan eil, ge-tà, mar tha luchd-ionnsachaidh a’ coileanadh ann an sgilean bunaiteach agus sgilean deatamach eile air an clàradh gu freagarrach an còmhnaidh.

Curraicealam
Tha colaistean a’ tairgse curraicealam a tha sùbailte, fosgailte agus freagarrach a tha a’ coinneachadh feumalachdan luchd-ionnsachaidh fa-leth, coimhearsnachdan agus luchd-fastaidh. Tha raon farsaing de phrògraman foghlaim pàrt-ùine agus làn-ùine aig ìre adhartach (SCQF ìrean 1 gu 6) agus àrd-ìre (SCQF ìrean 7 gu 11) a’ tairgse deagh chothroman inntrigidh aig ìrean freagarrach agus a dhol air adhart gu cosnadh no ìrean ionnsachaidh nas àirde.
Tha colaistean cuideachd a’ tairgse chùrsaichean a tha air an dealbh a dh’aona-ghnothach airson buidhnean a tha iomallach no nach eil air an riochdachadh gu math, leithid an fheadhainn a tha an sgìrean iomallach, fo bhochdainn, an urra ri teaghlaichean agus cuideachd an fheadhainn nach do shoirbhich roimhe nan cuid foghlaim. Tha colaistean a tha a’ frithealadh àiteachan far am bheil mòran luchd-siridh comraich agus luchd-obrach imrich a’ libhrigeadh cùrsaichean freagarrach ann am Beurla do fheadhainn aig am bheil cànan eile (ESOL). Tha prògraman ESOL a’ deisealachadh luchd-ionnsachaidh airson cosnadh agus a’ cur ris an dòigh anns an gabh iad pàirt sa chomann-shòisealta. Tha iad cuideachd a’ leigeil le luchd-ionnsachaidh a dhol air adhart chun churraicealaim àbhaisteach agus prògraman saoranachd. Tha tòrr cholaistean cuideachd soirbheachail ann a bhith a’ tairgse ionnsachadh eadar-nàiseanta (bho dhùthchanan taobh-muigh an AE) le modhan-inntrigidh do dh’oilthighean air an deagh rèiteach.
Ann an colaistean na h-Alba, tha an curraicealam a’ toirt cothrom do dhaoine a bhith a’ cur ri sgilean agus comasan a tha a’ leasachadh an t-saoghail a thaobh gnothaichean consaidh, pearsanta, sòisealta, teaghlaich agus coimhearsnachd. Tha na colaistean sùbailte agus cruthachail ann a bhith a’ freagairt air feumalachdan farsaing an luchd-ionnsachaidh agus na tha iad a’ dùileachadh. Tha iad a’ tairgse diofar ìrean agus modhan-inntrigidh agus dòighean air siubhal bho thoiseach-tòiseachaidh gu ìrean nas adhartaiche, ceumnachadh agus slighean an dèidh sin (SCQF ìrean 1 gu 11). Nas trice a-nis, tha colaistean a’ tairgse cothroman do luchd-ionnsachaidh faighinn gu prògraman pàirt-ùine tro shuidheachaidhean obrach, air-loidhne agus taobh a-staigh an coimhearsnachdan ionadail, a bharrachd air dìreach ann an toglaichean cholaistean a-mhàin.
Tha an dòigh anns am bheil luchd-obrach le eòlas ann an diofar chuspairean fa-leth ag obair còmhla ri luchd-fastaidh ann a bhith a’ dealbh, a’ libhrigeadh agus a’ lèirmheas phrògraman a’ cur ris an dòigh anns am bheil colaistean a’ tairgse curraicealam a tha freagarrach, ùr-ghnàthach agus a’ coinneachadh feumalachdan, a’ cur an co-theacsa sgilean deatamach agus bunaiteach a tha feumach air sgaoileadh. Ann an tòrr shuidheachaidhean, tha an dòigh anns am bheil sgilean deatamach gan toirt air adhart a’ faighinn taic èifeachdach bho bhith a’ gabhail pàirt ann an greisean-gnìomhachais agus gnothaichean coimhearsnachd. Nas trice a-nis, tha colaistean cuideachd a’ coimhead ri bhith a’ brosnachadh co-ionnanachd, cothromachd agus deagh rùn gu iomadachd sòisealta agus culturail tron churraicealam. Tha iad cuideachd a’ gabhail a-staigh cothroman ionnsachaidh a tha a’ cur ri seasmhachd. Tha colaistean a’ dol an sàs ann an com-pàirteachas litearrais ionadail agus a’ cuideachadh ann an iomadach dòigh ùr-ghnàthach airson a bhith a’ libhrigeadh taic litearrais agus àireamhachd do dh’inbhich.
Tha mòran cholaistean a’ tairgse curraicealam do chloinn sgoile, a mhòr-chuid bho àrd-sgoiltean ach cuideachd bhon bhun-sgoil. Tha seo a’ gabhail a-steach cùrsaichean Sgilean airson Obair, prògraman Àrd Ìre agus cothroman eile do luchd-ionnsachaidh diombach. Tha a’ mhòr-chuid de na prògraman sin a’ cur ri bhith a’ leasachadh sgilean luchd-ionnsachaidh a tha a’ cumail taic ri na ceithir comasan ann an Curraicealam airson Sàr-mhathais, agus tha luchd-obrach cholaistean nas trice a’ cumail ròs air agus a leantainn builean ionnsachaidh a-rèir nan comasan sin.
Tha colaistean na h-Alba uile a-nis comasach air a bhith a’ measadh creideis an teisteanais fhèin agus eile taobh-staigh SCQF. Rinneadh adhartas ann an grunn cholaistean ann a bhith a’ cleachdadh an frèam-obrach airson buileachadh luchd-ionnsachaidh a dhearbhadh ann an tomhasan aithnichte nàiseanta. Tha seo a’ gabhail a-steach dearbhadh ionnsachaidh tro leasachadh proifeasanta am measg an luchd-obrach fhèin.
Am bheil stiùireadh soilleir agus freagarrach aig cholaistean?
Cha mhòr anns na colaistean gu lèir, tha am Bòrd Stiùiridh a’ co-obrachadh gu math leis a’ Cheannard agus àrd-mhanaidsearan airson ro-innleachdan na colaiste a stèidheachadh. Tha prìomhachasan, amasan agus mion-amasan air an deagh bhunaiteachadh le rannsachadh cruaidh air an àrainneachd eaconamach agus sòisealta anns am bheil a’ cholaiste a’ tighinn beò. Tha na planaichean a’ dèiligeadh ri prìomhachasan ionadail agus an Riaghaltais agus feumalachdan buidhnean com-pàirteachaidh agus fastaidh, a tha gu math tric iad fhèin an sàs ann am modhan-obrachaidh dealbhachaidh na colaiste. Anns a’ chumantas, tha an ceannard agus sgioban àrd-mhanaidsearan a’ conaltradh gu math le luchd-obrach, le lèirsinn co-roinnte agus agus dealas cinnteach. Ann an cuid de dh’àiteachan, ge-tà, bu chòir do cholaistean a bhith a’ dèanamh barrachd chonaltradh air an taobh a-staigh agus a bhith nas cinntiche a thaobh targaidean ro-innleachdail agus gnìomhach.
Cha mhòr anns a h-uile colaiste ann an Alba, chaidh ùrachadh a thoirt air structaran stiùiridh ach am biodh dleastanas air a bhuileachadh air stiùirichean agus sgioban-obrach airson barrachd smachd a thoirt dhaibh a thaobh co-dhùnaidhean. Nas trice, tha luchd-obrach nan colaistean a’ cur ri modh-obrachaidh planaidh gu h-èifeachdach, le taic bho shiostaman dearbhaidh càileachd a tha, anns a chumantas, air an deagh dhealbh agus coileanta, a’ leasachadh shuidheachaidhean an luchd-ionnsachaidh.
Tha ceannas obrachail nan colaistean aig a h-uile ìre èifeachdach anns a cumantas agus a’ toirt air adhart leasachaidhean ùr-ghnàthach anns a’ churraicealam, ionnsachaidh agus teagasg agus sheirbheisean do luchd-ionnsachaidh. Tha an luchd-ionnsachaidh iad fhèin a-nis nas trice an sàs anns na co-dhunaidhean a tha a’ toirt buaidh air an cuid obrach agus suidheachadh nan colaistean.

Dè cho math ’s a tha luchd-obrach a’ co-obrachadh(air an taobh-staigh agus a-muigh) airson taic ionnsachaidh?
Tha cha mhòr a h-uile colaiste a-nis ann an com-pàirteachas le, agus a’ cumail suas ceanglan le, buidhnean eile leithid ùghdarrasan ionadail, buidhnean iomairt ionadail, luchd-fastaidh, sgoiltean agus oilthighean. Tha obair com-pàirteachaidh mar seo a’ cuideachadh le bhith a’ cur a-mach slighean do luchd-ionnsachaidh a-steach agus a-mach à prògraman colaiste fa-leth.
Tha cha mhòr a h-uile colaiste air ceanglan èifeachdach a chruthachadh le buidhnean com-pàirteachais, a’ tabhann taic sònraichte a tha a’ leudachadh tarraing dhan luchd-ionnsachaidh agus a’ brosnachadh adhartachadh bho ionnsachadh neo-fhoirmeil stèidhichte sa choimhearsnachd gu prògraman colaiste. Tha deagh eisimpleirean ann de phrògraman colaiste a tha ag ùrachadh ceanglan le òigridh diombach a thaobh ionnsachadh.
Anns cha mhòr a h-uile colaiste, tha ceanglan le luchd-fastaidh air ìrean ro-innleachdail agus gnìomhach a’ dèanamh cinnteach gum bheil stuth ann am pògraman freagarrach agus cunbhalach a thaobh gu ìrean ùra gnìomhachais, agus a’ deasachadh luchd-ionnsachaidh ann an dòigh mhath airson cosnadh, adhartachadh agus tuilleadh foghlaim.
Chan mhòr nach eil a h-uile colaiste a-nis le luchd obrach-taice agus luchd-teagaisg ag obair gu h-èifeachdach còmhla, a’ toirt taic agus stiùireadh èifeachdach do luchd-ionnsachaidh. Tha a’ chomhairle agus taic seo a’ gabhail a-steach stiùireadh acadaimigeach, trèorachadh, cosnadh agus fiosrachadh mu thaic ionmhais, a bharrachd air taic sònraichte mionaideach dhan fheadhainn aig am bheil feumalachdan a bharrachd. Tha colaistean ag obair gu h-èifeachdach le buidhnean air an taobh a-muigh gus an luchd-ionnsachaidh a’ chuideachadh le taic sònraichte agus mionaideach a thaobh comhairle mu fhiochan, agus cobhair pearsanata agus èiginneach. Tha iad cuideachd a’ tabhann taic air ceistean slàinte, ana-caitheamh dhrogaichean, obair shòisealta agus ceistean co-cheangailte ri àmanan pròbhaidh. Tha iad ag obair gu dlùth le sgoiltean agus roinnean sòisealta gus cuideachadh le eadar-ghluasad òigridh air am bheil uallaichean sònraichte, leithid feumalachdan iomadh-fhillte no nuair a tha iad a’ fàgail cùram.
Am bheil luchd-ionnsachaidh agus luchd-obrach gu dìcheallach an sàs ann an coimhearsnachd na colaiste agus ann a bhith a’ cur ri càileachd an ionnsachaidh, teagaisg agus sheirbheisean eile?
Tha dealas ro-innleachdail aig a h-uile colaiste ri bhith a’ lèirmheas ghnothaichean dhaibh fhèin, agus tha a’ mhòr-chuid dhen luchd-obrach an sàs gu gnìomhach anns a’ mhodh-obrachaidh. Cha mhòr nach eil an luchd-obrach air fad a’ dearbhadh ìrean matha eòlais a thaobh modhan càileachd agus dealasach ann a bhith a’ leasachadh shuidheachaidhean do luchd-ionnsachaidh. Tha am fèin-mheasaidh agus gnìomhan leasachaidh càileachd anns am bheil iad an sàs anns a’ chumantas a’ leasachadh sheirbheisean do luchd-ionnsachaidh.
Tha a’ mhòr-chud de cholaistean air siostaman cruaidh, leasaichte a chur air dòigh airson a bhith a’ tionnal agus a’ sgrùdadh dàta air coileanadh agus beachdan luchd-ionnsachaidh is luchd-ùidh. Chan eil, ge-tà, luchd-obrach cholaistean gu lèir a’ dèanamh na bu chòir leis an fhiosrachadh seo gus planaichean-gnìomh èifeachdach ullachadh no a chur an gnìomh airson dèiligeadh ri suidheachaidhean far nach eil luchd-ionnsachaidh air an glèidheil no a’ buileachadh, gu h-àraidh nuair a tha laigsean a’ buntainn ri modhan-obrachaidh an ionnsachaidh no teagaisg.
Tha mòran de na colaistean an Alba gu h-èifeachdach an coluadar leis an luchd-ionnsachaidh gus leasachaidhean a thoirt gu ìre ann am prògraman agus tro cholaistean gu lèir. Tha deagh riochdachadh aig an luchd-ionnsachaidh anns a’ mhòr-chuid de cholaistean thar raon de chomataidhean, air foraman agus air buidhnean-obrach. Tha na ceanglan sin a’ toirt cothrom do luchd-ionnsachaidh a bhith a’ cur air adhart am beachdan, tro cheisteachain agus aig coinneamhan, agus a bhith gan cur aig teis-mheadhan sgrùdadh nan colaistean air an taobh-staigh. Anns a’ mhòr-chuid de cholaistean, tha tòrr dhen coileanaidhean agus leasachaidhean eile a’ dearbhadh mar a dh’fhaodas coluadar leis an luchd-ionnsachaidh fhèin a bhith buannachdail thar a h-uile ìre dhen churraicealam agus ann an sheirbheisean an luchd-ionnsachaidh le deagh bhuannachd ga bhuinnig do dh’fheallsanachd nan colaistean gu h-iomlan.
Mar thoradh air na planaichean-gnìomha a chaidh a dhealbh anns na ceithir bliadhna a dh’fhalbh, tha colaistean air piseach a thoirt air modhan-obrachaidh dealbhachaidh nan colaistean gu h-iomlan, air an toglaichean a leasachadh, modh-obrachaidh fèin-mheasaidh a leudachadh gu bhith a’ gabhail a-staigh barrachd sheirbheisean taice, air piseach a thoirt air modhan-obrachaidh lèirmheas agus leasachadh luchd-obrach agus air a bhith a’ dealbh modhan-obrachaidh ùr-ghnàthach ann an ionnsachadh is teagasg. Tha cuid de cholaistean fhathast feumach air modhan-obrachaidh planaidh a leasachadh le bhith a cur romhpa targaidean a tha nas mionaidiche agus nas soilleire airson an tomhas, agus bu chòir dhaibh a bhith a’ tomhas gu ìre nas èifeachdaiche a’ bhuaidh a th’ aig an cuid phlanaichean air suidheachadh an luchd-ionnsachaidh.
Anns a’ chumantas tha deagh theisteanas aig an luchd-teagaisg agus tha iad eòlach air saoghal cosnaidh an latha. Tha an earrann dhen luchd-teagaisg a tha làn-ùine ann an colaistean agus aig am bheil teisteanas proifeiseanta an teagasg air a dhol am meud gu mòr air a’ cheithir bliadhna a dh’fhalbh, suas gu còrr is 90%. Tha deagh mheasadh ga dhèanamh air feumalachdan trèanaidh agus tha prògraman CPD a’ dèanamh cinnteach gum bheil cha mhòr an luchd-teagaisg gu lèir gan toirt air adhart gu h-èifeachdach.
Am bheil colaistean a’ dùileachadh mòran bhon luchd-ionnsachaidh gu lèir?
Tha luchd-ionnsachaidh ann an colaistean a’ cur luach mòr ann an dealasachd an luchd-teagaisg a thaobh a bhith gan adhartachadh agus airson soirbheas nam prògraman. Tha dàimhean eadar luchd-obrach agus luchd-ionnsachaidh feumail is buannachdail. Anns a’ mhòr-chuid de cholaistean, tha an luchd-teagaisg ag obair gu dìcheallach còmhla ri luchd-ionnsachaidh a stèidheachadh, ag aontachadh agus a chumail sùil air àrd-ìrean obrach agus giùlain. Tha na colaistean gu gnìomhach a’ feuchainn ri àrainneachd a chruthachadh a tha a’ dùileachadh mòran airson an luchd-ionnsachaidh air an dà chuid prògraman adhartach agus àrd-ìre, a’ gabhail a-steach an fheadhainn a bha roimhe seo le droch fhaireachdainn mu fhoghlam, no nach robh a’ soirbheachadh mar bu chòir ann an sgoiltean aig an dearbh àm.
Tha colaistean a’ gabhail a-staigh earrann gu math àrd de luchd-ionnsachaidh bhon na sgìrean as bochda, bho mhion-buidhnean cinnidh agus buidhnean chiorramaich. Tha a’ chuid as mòtha dhen churraicealam, gu h-àraidh aig ìre adhartach, a’ togail air suidheachaidhean agus gnìomhan a tha a’ misneachadh dhaoine gu bhith dòchasach nan ionnsachadh agus a’ seasamh an còraichean fhèin. Ann an tòrr cholaistean, tha deagh oidhirp ga dhèanamh aig toiseach gnothach tro phrògraman inntrigidh a bhith a’ deisealachadh an luchd-ionnsachaidh airson na tha romhpa.
Tha com-pàirteachas èifeachdach agus ceanglan le buidhnean air an taobh-muigh a’ toirt cothrom do luchd-obrach a bhith a’ cuideachadh an luchd-ionnsachaidh gu h-èifeachdach gu bhith ag aithneachadh agus a’ leantainn amasan ionnsachaidh nas dùbhlanaiche. Tha feum cunbhalach de ILPs, far am bheil luchd-obrach agus luchd-ionnsachaidh ag aontachadh amasan ionnsachaidh riatanach ach deuchainneach, a’ togail dùilean agus misneachd an dà thaobh air na ghabhas coileanadh.
Tha colaistean ag obair gu h-èifeachdach le sgoiltean ionadail agus le buidhnean eile gus solar a phlanadh airson an luchd-ionnsachaidh as so-leònta. Tha a’ mhòr-chuid de cholaistean math air a bhith a’ lìbhrigeadh phrògraman sònraichte do luchd-ionnsachaidh aig am bheil feumalachdan taic a bharrachd, agus tha an luchd-ionnsachaidh a’ dèanamh adhartas fìor mhath agus a’ coileanadh gu math. Tha grunn shuidheachaidhean ann far am bheil barrachd fèill air àiteachan na ʼs urrainn dhan cholaiste a thairgse air sgàth dìth ionmhas. Tha deagh ghoireasan ann, leithid teicneòlas taiceil agus toglaichean, airson an luchd-ionnsachaidh le feumalachdan taic a bharrachd.
Tha colaistean air soirbheachadh ann a bhith a’ misneachadh luchd-ionnsachaidh fa-leth agus a’ leasachadh an sgilean gus am bi iad ag ionnsachadh fad am beatha.
[<<<] [Clàr-innse] [>>>]