[<<<] [Clàr-innse] [>>>]
Neartan
Gnothaichean rin leasachadh
Cha mhòr anns a h-uile ùghdarras, tha cothroman ann piseach a thoirt air cùisean ann an co-dhiù aon taobh de stiùireadh no solar CLD. Gu sònraichte, feumaidh ceannas ro-innleachdail CLD tighinn air adhart ann an tòrr de dh’ùghdarrasan.
Dè cho math ’s a tha daoine ag ionnsachadh agus a’ coileanadh?
Ionnsachadh agus a’ coinneachadh feumalachdan na h-uile.
Tha a’ mhòr-chuid de fhiosraichidhean CLD a’ togail deagh rùn agus àbhachdas le misneachd airson tulleadh ionnsachaidh am measg inbheach. Tha an luchd-obrach gu h-àraidh èifeachdach ann a bhith a’ togail misneachd agus fèin-bharail a’ mhòr-chuid de luchd-ionnsachaidh a th’ air ùr-thilleadh gu foghlam, gu math tric an dèidh a bhith ann an droch shuidheachadh ann am foghlam foirmeil.
Anns an fharsaingeachd, tha luchd-taic òigridh agus luchd-oideachaidh inbheach a’ cruthachadh dàimhean matha leis an fheadhainn leis am bheil iad ag obair. Tha iad anns a’ chumatas a’ nochdadh sùbailteachd agus deagh rùn atharrachadh a-rèir feumalachdan agus miann òigridh agus inbheach agus tha iad a’ cruthachadh àrainneachd a tha co-fhaireachdail agus taiceil. Tha an fheadhainn as fheàrr a tha a’ cur obair mar seo air adhart a’ sealltainn cho èifeachdach ’s a dh’fhaodas cùisean a bhith ann a bhith ag obair le buidhnean no luchd-ionnsachaidh fa-leth a tha gan dochann no air an iomall.
Tha dearbhadh bho cheisteachain agus sgrùdaidhean, a’ tighinn bho chuid a bha an sàs ann an CLD ann an 16 ùghdarras ionadail, cuideachd a’ sealltainn gum bheil deagh bhuilean ann an co-cheangal ri Lèirsinn airson Clann na h-Alba. Bha a’ mhòr-chuid a fhreagair dhen bharail gu robh iad air taic nas fheàrr fhaighinn, gu robh iad a’ coileanadh barrachd, nas dripeile, a’ faighinn urram agus nas cunntachaile, agus nas in-ghabhalts nan coimhearsnachdan Tha barrachd dhaoine òga cuideachd a’ faireachdainn nas sàbhailte nan coimhearsnachdan agus nas fallainne mar thoradh air a bhith an sàs ann an obair òigridh. Tha an aon dealbh a’ nochdadh a thaobh inbhich, gu ìre ach chan eil cho làidir, a thaobh a bheachd mu bhith a’ faighinn urram, a bhith cunntachail agus in-ghabhalta anns a’ choimhearsnachd.
Ann an 2007, dh’fhoillsich HMIE an aithisg A’ Dèanamh Diofar ann an Coimhearsnachdan na h-Alba: lèirmheas còig bliadhna air ionnsachadh agus leasachadh coimhearsnachd ann an Alba. Tha an aithisg sin a’ toirt eisimpleirean de dhòighean-obrach matha a tha a’ dearbhadh mar a dh’fhaodas CLD cur ri ionnsachadh airson misneachd, sgilean agus obair; ionnsachadh airson slàinte agus maith; agus ionnsachadh airson coimhearsnachdan nas beòthail, in-ghabhaltach agus nas sàbhailte.
Coileanadh
Ann an coimhearsnachdan air feadh Alba, tha ùghdarrasan ionadail agus buidhnean com-pàirteachais anns na roinnean poblach agus saor-thoileach a’ tairgse raon de chothroman ionnsachaidh do dh’òigridh agus inbhich, a mhòr-chuid gu neo-fhoirmeil. Tha e na phrìomh neart ann am prògraman ionnsachaidh ann an CLD gum bheil iad sùbailte agus air an dealbh a rèir feumalachdan an luchd-ionnsachaidh. Tha deagh bhuaidh aig obair òigridh anns a mhòr-chuid de dh’ùghdarrasan. Tha a’ bhuaidh a th’ aig ionnsachadh am measg inbheach fìor mhath cha mhòr anns a h-uile ùghdarras. Tha a’ bhuaidh a th’ air a bhith aig togail chomasan anns a’ choimhearsnachd math no nas fheàrr cha mhòr anns a h-uile ùghdarras. Thàinig piseach mòr air cùisean bhon chaidh Leasachadh Foghlam na h-Alba fhoillseachadh an toiseach.
Tha cleachdaidhean èifeachdach ann an ionnsachadh inbheach agus obair òigridh a’ brosnachadh fèin-mhisneachd agus sgilean bunaiteach leithid a bhith ag obair còmhla ri buidhnean eile, conaltradh agus fuasgladh cheistean. Gu h-àraidh ann an obair òigridh, ach gu ìre nas lugha ann an ionnsachadh inbheach, bu chòir barrachd feum a dhèanamh de mheasadh gus dèanamh cinnteach gun urrainn dhan luchd-ionnsachaidh a bhith nas soirbheachaile ann a bhith a’ comharrachadh agus a’ togail air am fiosraichidhean ionnsachaidh. Tha prògraman ionnsachaidh theaghlaichean nas cumanta agus buannachdail ann a bhith a’ misneachadh agus a’ togail ùidh am measg phàrantan, luchd-cùraim agus clann a tha ri gnìomhan litearrais agus ann a bhith a’ cumail taic ri obair sgoiltean-àraich agus bun-sgoiltean. Tha barrachd ri fhaicinn anns an raon seo dhen deagh bhuaidh a th’ aig caochladh sheòrsaichean taice air slàinte inntinn agus maith am measg inbheach. Tha gnìomhan saoranachd, leithid fòraman agus co-labhairtean òigridh, gu math tric a’ toirt òigridh gu bhith a’ gabhail slighe nas adhartaiche anns na coimearsnachdan aca agus gam misneachadh gu bhith a’ seasamh an còraichean fhèin. The buidhnean a tha a’ lìbhrigeadh CLD a’ gabhail barrachd gnothach ri bhith a’ cumail taic ri coimhearsnachdan a thaobh a dhol an sàs ann an dealbhadh coimhearsnachd. ’S an rud as cudromaiche a thàinig à seo an dòigh anns am bheil coimhearsnachdan a’ gabhail an uallaich airson leasachaidhean ùra agus moiteil à na tha iad air a choileanadh.
Tha dearbhadh ann bho cheisteachain a rinneadh le cuid a bha an
sàs ann an gnìomhan CLD gum bheil cha mhòr a
h-uile duine a’ smaoineachadh gum bheil na bha iad a’
dèanamh a’ cur ri leasachaidhean anns an ceithir
comasan ann an Curraicealam airson Sàr-mhathais.
’S ann ann an co-cheangal ri bhith a’ fàs nas soirbheachaile nan
ionnsachadh agus a’ fàs nas misneachaile gu pearsanta
as treasa a tha seo a’ nochdadh. Tha na freagairtean
cuideachd a’ nochdadh gum bheil cha mhòr a h-uile
duine le barrachd urraim agus spèis dhaibh fhèin agus
do dhaoine eile. Tha cha mhòr a h-uile neach òg a
fhreagair cuideachd a’ nochdadh gu bheil iad a’ gabhail
barrachd ùidh anns a’ choimhearsnachd. Chan eil seo
buileach cho follaiseach am measg inbhich. Tha àireamh bheag
ach cudromach de dh’inbhich a fhreagair ag ràdh nach
do chuidich na rinn iad ann a bhith a’ sireadh cosnaidh no a
bhith nas fheàrr nan dreuchdan. Tha a h-uile coltas ann gum
bheil seo a’ dearbhadh gur ann air an fheadhainn a tha ag
ionnsachadh tro litearras agus àireamhachd as mòtha a
tha an
t-ionnsachadh le inbhich, agus an fheadhainn a tha, airson diofar
adhbhair, nas fhaide bho mhargaidhean cosnaidh.
Tha daoine a tha ri CLD air an sgilean conaltraidh a thoirt air adhart agus cuideachd sgilean ann a bhith ag obair còmhla ri daoine eile. Tha a’ mhòr-chuid nas fheàrrr an àireamhachd, ICT agus fuasgladh cheistean.
Tha an fheadhainn a tha ri CLD cuideachd a’ cur gu mòr ri prìomh bhuilean am Frèam-obrach Coileanaidh Nàiseanta14. Ach, bu chòir dhan roinn seo gu h-iomlan a bhith a’ coimhead ri piseach a thoirt air mar a thathas a’ cur ris na builean agus a’ tomhas leasachaidhean rè ùine.
LEASACHAIDHEAN COILEANAIDH

BUAIDH AIR COM-PÀIRTICHEAN

Am bheil stìuireadh soilleir aig ionnsachadh agus leasachadh coimhearsnachd?
Tha ceannas dhaoine agus com-pàirteachasan gu h-ionadail riarachail no nas fheàrr anns a’ mhòr-chuid de dh’ùghdarrasan. Chan eil teagamh ge-tà nach eil diofraichean mòra rim faicinn tro Alba anns an raon seo.
Tha diofraichean cuideachd rim faicinn a thaobh ceannas ro-innleachdail taobh-staigh ùghdarrasan ionadail agus buidhnean com-pàirteachais planadh coimhearsnachd. Ann an cuid de dh’àiteachan, tha prìomhachas aig seirbheisean CLD ann ann dealbhachd coimhearsnachd agus co-cheanglan coimhearsnachd. Ann an àiteachan eile, ge-tà, tha CLD ga chleachdadh mar dhòigh air a bhith ag obair còmhla ri coimhearsnachdan thar sheirbheisean leithid leabharan-lann, taighean-tasgaidh, cultar agus spòrs. Ann an aon eisimpleir fìor mhath de thogail comas an coimhearsnachd, bha an t-atharrachadh anns an structar a bha bunaiteach air tachairt grunn bhliadhnachan roimhe sin agus air seirbheisean CLD agus seirbheisean ath-ùrachadh coimhearsnachd a chur còmhla. Tha a h-uile com-pàirteachas ro-innleachdail CLD a-nis a’ leantainn prìomh bhuidhnean dealbhachaidh coimhearsnachd air feadh Alba.
’S ann air a’ chomhairle fharsaing nàiseanta airson buidhnean com-pàirteachais CLD, Ag Obair agus ag Ionnsachadh Comhla: gus coimhearsnachdan nas làidire a thogail, foillsichte ann an 2004 a tha slighe a mhòr-chuid stèidhichte. Chaidh sruth a’ phoileasaidh seo a dhaingneachadh anns an t-Samhainn 2008 ann an teachdaireachd bho Riaghaltas na h-Alba agus COSLA. Tha buidhnean nàiseanta air a bhith ag obair gu dlùth còmhla airson a dhèanamh cinnteach gum bheil stuth taice, mar eisimpleir, an co-cheangal ri bhith a’ brosnachadh tuigse nas fheàrr de bhuilean CLD, air an snìomh ri chèile.
Tha roinn CLD, a dh’aindeoin sin, air a bhith deireannach an coimeas ri roinnean eile de CPD. Bu chòir gun toireadh dà leasachadh ùr piseach air cùisean thar nam bliadhnachan romhainn. ’S e a’ chiad rud mar a chaidh Comhairle Ìrean airson Ionnsachadh agus Leasachadh Coimearsnachd a stèidheachadh. Agus an uair sin gun deach ionmhas a chomharrachadh le Riaghaltas na h-Alba airson CPD a leasachadh ann an CLD.
Dè cho math ’s a tha luchd-obrach ag obair còmhla ri càch airson taic a chumail ri ionnsachadh agus leasachadh?
Tha a h-uile buidheann com-pàirteachais planadh coimhearsnachd, le ùghdarrasan ionadail air an ceann, a cumail taic ri buidhnean com-pàirteachais eile ag obair airson a bhith a’ coileanadh builean ro-innleachdan CLD. Tha an dòigh anns am bheil buidhnean ag obair còmhla anns an raon seo na neart.
Tha soirbheachadh gu math leis a’ mhòr-chuid de thaobhan obair com-pàirteachais CLD. Tha mòran bhuidhnean ag obair gu math còmhla ann a bhith a’ tomhas feumalachdan ionadail; a’ cur ri agus a’ libhrigeadh ro-innleachdan, planaichean agus prìomhachasan CLD; agus a’ leasachadh càileachd sheirbheisean. Chan eil teagamh ge-tà nach eil an càileachd agus an raon ghoireasan agus stòrasan airson CLD ana-cothromach agus tha mòran mì-riarachail.
Far an fheàrr am bheil togail comas an coimhearsnachd, tha luchd-lìbhrigidh ann an sheirbheisean ùghdarrasan ionadail agus buidhnean soar-thoileach ag obair gu math còmhla gus taic a chumail ri buidhnean coimhearsnachd ann a bhith a’ toirt buaidh air co-dhùnaidhean ionadail ach an tèid sheirbheisean èifeachdach a lìbhrigeadh do dhaoine aig am bheil fìor fheum.
Am bheil luchd-obrach agus com-pàirteachasan gu gnìomhach a’ leasachadh ionnsachadh nan coimhearsnachdan?
Thathas a’ leasachadh phrògraman ionnsachaidh tro cho-rèiteachadh agus conaltradh eadar luchd-obrach agus com-pàirtichean. Tha sin a’ ciallachadh gum bheil prògraman a’ tachairt aig àmanan agus ann an àiteachan a tha a’ freagairt air an luchd-ionnsachaidh agus tha an cuid amasan aig cridhe na thathas a’ toirt dhaibh agus mar thathas ga lìbhrigeadh.
Tha an aithisg seo a’ dèiligeadh ri àm nuair a chaidh an dàrna frèam-obrach fèin-mheasaidh airson CLD ann an Alba fhoillseachadh, Dè cho math ’s a tha an ionnsachadh agus leasachadh coimhearsnachd againn?2 (HGIOCLD?2). Cleas roinnean foghlaim eile, thug e ùine mas tàinig am modh-obrachaidh airson fèin-mheasadh airson leasachadh gu bhith stèidhichte anns an roinn seo. Tha HGIOCLD?2 a-nis air a stèidheachadh gu làidir ann an ùghdarrasan ionadail mar phrìomh bhunait airson a bhith a’ libhrigeadh fèin-mheasadh. Tha cuid de bhuidhnean soar-thoileach cuideachd air a bhith ga chleachdadh. Ach tha barrachd ri dhèanamh fhathast airson fèin-mheasadh a dhaingneachadh, airson piseach a bhuinnig, taobh-staigh na h-obrach a tha buidhnean com-pàirteachais a’ dèanamh agus obair com-pàirteachais.
Tha HMIE cuideachd a’ sgrùdadh na h-obrach a tha buidhnean soar-thoileach nàiseanta a’ dèanamh ann a bhith a’ cur ri CLD anns an fharsaingeachd. Tha an sgrùdadh sin a’ tòiseachadh le bhith ag iarraidh air na buidhnean a bhith a’ fèin-mheasadh a-rèir comharran freagarrach bho HGIOCLD?2. Tha am modh-obrachaidh seo cha mhòr a h-uile uair na bhuannachd do na buidhnean sin agus tha am modh-obrachaidh a’ cuideachadh gu mòr nan èifeachdas.
Am bheil ionnsachadh agus leasachadh coimhearsnachd a’ dùileachadh mòran bho chom-pàirtichean uile?
Tha an raon seo stèidhichte air na tha a dhìth agus leis sin ag amas air na tha an com-pàirtichean fhèin a’ dùileachadh. Thathas a’ tomhas adhartas a rèir na tha an neach-ionnsachadh ag iarraidh mar thoradh air fiosraichidhean.
Anns a’ chumantas tha luchd-obrach òigridh agus luchd-oideachaidh inbheach a’ cruthachadh dàimhean buannachdail leis an fheadhainn ris am bheil iad a’ dèiligeadh.
Tha dealas làidir ann do in-ghabhaltas, le eisimpleirean de dh’obair ùr-ghnàthach agus èifeachdach am measg bhuidhnean agus le daoine a tha gan dochann. Chaidh measadh riarachail no nas fheàrr a dhèanamh air in-ghabhaltas, co-ionnanachd agus cothromachd anns a h-uile ùghdarras. Ann an cuid de dh’ùghdarrasan, tha an raon seo glè èifeachdach ann a bhith ag amas gu sònraichte air buidhnean a th’ air an gearradh a-mach à cùisean, leithid aon-phàrantan, feadhainn gun chosnadh, agus cuid a tha air a bhith ri ana-caitheamh dhrogaichean no deoch-làidir roimhe sin. Tha prògraman am Beurla do dhaoine aig am bheil cànan eile (ESOL) a’ cuideachadh luchd-ionnsachaidh bho thaghadh farsaing de bhuidhnean, leithid daoine a th’ air a bhith a’ siubhal airson cosnadh agus luchd-siridh comraich.
[<<<] [Clàr-innse] [>>>]