[<<<] [Clàr-innse] [>>>]
Neartan
Gnothaichean rin leasachadh
Coileanadh agus builean an luchd-ionnsachaidh
Far an deach prìosanaich a dhìteadh, tha cothroman ann faighinn gu prògraman foghlaim, buidhnean-obrach agus prògraman trèanaidh cosnaidh a dh’fhaodadh tighinn gu ìre creideis agus leasachadh sgilean a tha freagarrach. Tha ìrean coileanaidh phrìosanaich cuingealaichte seach nach eil cothrom ionnsachaidh no foghlam ann dhan fheadhainn a tha fo chùram. Tha grunnan math àiteachan ann, ge-tà, far am bheil cothroman gu ìre, tha goinne luchd-obrach agus àireamhan ro mhòr an làthair a’ cur maill air cothroman ionnsachaidh.
Ma tha deagh structar ann airson trèanadh cosnaidh, gheibh luchd-ionnsachaidh anns a chumantas cothrom a bhith a’ leasachadh sgilean a tha freagarrach agus teisteanas dha rèir, leithid teisteanas nàiseanta le creideas. Mar eisimpleir, tha a’ mhòr-chuid de phrìosain a’ toirt duais Saidheans Glanaidh (BICSc) do bhuidhnean phrìosanach. Ann an àiteachan eile, gheibh prìosanaich an cothrom a bhith an sàs ann am prògraman gàirnealaireachd. Cha mhòr anns a h-uile suidheachadh, tha a bhith a’ cur ri sgilean anns an dòigh seo le teisteanas ag amas air a bhith a’ toirt piseach air cothroman a dh’fhaodadh a bhith aig prìosanaich cosnadh a bhuinnig nuair a thèid an saoradh. Tha iomadach eisimpleir ann de phrìosanaich a’ dol air adhart agus a’ soirbheachadh an cosnadh an dèidh faighinn a-mach.
Tha cuid de phrìosanaich ann an suidheachadh an cuid litearrais, àireamhachd agus sgilean sòisealta agus pearsanta a thoirt air adhart tro phròiseactan ùr-ghnàthach. Tha tòrr a bharrachd dhiubh a’ faighinn toileachas agus a leasachadh sgilean tro fhoghlam corporra. Tha cuid a’ togail chreideas leithid Duais Ceannais Spòrs Coimhearsnachd agus an teisteanas Sgilean airson Obair ann an spòrs agus cur-seachad.
Curraicealam
Tha tòrr dhen ionnsachadh freagarrach agus ceangailte ri fiosraichidhean nam prìosanach fhèin agus gnothaichean anns am bheil ùidh aca. Tha càileachd solar LSE a tha air a thairgse, ge-tà, gu math caochlaideach. Anns a’ mhòr-chuid de shuidheachaidhean, tha raon de chùrsaichean agus phrògraman freagarrach airson feumalachdan an luchd-ionnsachaidh. Tha seo gu sònraichte fìor ann a bhith a’ lìbhrigeadh phrògraman treanaidh cosnaidh a tha freagarrach do dh’obair nam prìosan agus a’ cuideachadh le bhith a’ deisealachadh phrìosanaich airson cothroman cosnaidh nuair a thèid an saoradh.
Tha Trèanadh Sgilean Cosnaidh (VT), air a lìbhrigeadh le Oifigearan Teagaisg, a’ dèiligeadh ris a’ chuid as mòtha de raointean cosnaidh leithid togalachd, einnseanaireachd, gàirnealaireachd, glanadh, coilltearachd agus còcaireachd. Tha oifigich anns na prìosan a’ lìbhrigeadh foghlam corporrs a tha a’ cordadh ris a’ mhòr-chuid de phrìosanaich.
Tha clasaichean foghlaim gan lìbhrigeadh mar phàirt de chùmhnant eadar an SPS agus colaistean Charnegie agus Tobar na Màthar, dhan h-uile prìosan ach a-mhìn HMP Cille Mheàrnaig. Tha luchd-obrach air am fastadh le na colaisdean a’ tairgse raon de phrògraman ann an raointean literrais inbheach agus sgilean bunaiteach; coimpiutaireachd agus teicneòlas fiosrachaidh, ealan agus dealbhachd; cànain; cur-seachadan, matamataig; agus ceòl. Dhealbh buidheann de dh’oifigearan prìosain bho chionn ghoirid cùrsa inntrigidh ann an litearras inbheach airson taic a thoirt do ionnsachadh litearras ann an co-bhonn le foghlam corporra. Chan eil gu leòr ionnsachadh litearrais agus àireamhachd inbheach agus sgilean bunaiteach ri fhaighinn a fhreagradh air feumalachdan nam prìosanach airson an deisealachadh airson an saoradh.
Tha an dòigh anns am bheil prìosanaich gan gluasad eadar phrìosain a’ toirt buaidh air leantainneachd ionnsachaidh. Ann an tòrr shuidheachaidhean, tha na prìosanaich gan gluasad gu ionad eile mas tèid crìoch a chur air cùrsaichean. Nuair a tha iad a’ dol gu ionad eile, gu math tric gheibhear a-mach nach eil an aon roghainn no ire chothroman romhpa ’s a bh’a ca far an robh iad. Ged a tha fiosrachadh air fad ga chumail air stòr-dàta nam prìosan, chan eileas a’ gluasad fiosrachadh gu leòr mu aithrisean ionnsachaidh phrìosanaich.
’S glè bheag de chothrom a th’ aig prìosanaich air gnìomhan a tha a’ sìneadh bho phrògraman àbhaisteach no togail air teisteanas a fhuaras fhad ’s a bha iad anns a’ phrìosan.
Am bheil stiùireadh soilleir agus freagarrach aig ionadan prìosain airson ionnsachadh, sgilean agus deiseachadh cosnaidh?
Tha poileasaidh ro-innleachdail aig an SPS airson a bhith a’ tairgse cothroman trèanaidh cosnaidh tro bhith a’ cleachdadh buidhnean-obrach agus prògraman trèanaidh cosnaidh a tha freagarrach. Tha na prògraman sin co-ceangailte ri bhith a’ deisealachadh phrìosanaich airson cothroman cosnaidh agus a bhith cinnteach gum bheil iad a’ togail sgilean agus teisteanasan a tha freagarrach. Chan eil, ge-tà, ceanglan gu leòr eadar SPS agus luchd-obrach cholaistean a lìbhrigeadh eileamaidean taiceil ann am prògraman a chuidicheadh prìosanaich ann a bhith a’ togail sgilean co-cheangailte ri cosnadh, agus aig an aon àm an cuid sgilean ann an litearras agus àireamhachd.
Tha SPS agus riaghladairean nam prìosan a’ meas obair trèanaidh cosnaidh agus buidhnean-obrach gu math cudromach ann an saoghal nam prìosan. Tha a’ mhòr chuid dhen obair a thaobh rianachd agus lìbhrigeadh prògraman trèanaidh cosnaidh air fhàgail aig manaidsearan meadhan-ìre, mar eisimpleir aig manaidsearan in-ghabhaltas. Anns a’ mhòr-chuid de shuidheachaidhean tha na manaidsearan sin a’ tabhann fiosraichidhean brìoghmhor do phrìosanaich. Anns a h-uile ionad, tha e mar roghainn aig prìosanaich a bhith nam pàirt de dh’fhoghlam no bhuidhnean-obrach agus tha tuarastal ga thabhann dhaibh airson a bhith a’ frithealadh. Ann an cuid de phrìosain, tha leasachadh duaise ga thairgse airson a bhith a’ coileanadh aonadan, ach chan eil sin a’ tachairt sa h-uile àite. Bidh e an urra gu math tric ris an diofar eadar ìrean tuarastail ciamar a bhreithnicheas prìosanach air roghainn eadar a bhith an sàs ann am buidhnean-obrach no cothroman trèanaidh cosnaidh, no a dhol gu foghlam làn-ùine.
Dè cho math ’s a tha luchd-obrach ag obair còmhla ri càch (taobh-muigh agus taobh-staigh) airson taic a chumail ri ionnsachadh?
Ann an grunn àiteachan, tha luchd-obrach bho dhiofar phrìosain ag obair còmhla gus dèanamh cinnteach gum bheileas a’ coinneachadh feumalachdan nam prìosanach. Chan eil, anns a’ mhòr-chuid de dh’àiteachan, ge-tà, luchd-obrach nam prìosan a’ co-obrachadh le luchd-obrach bho iondan eile.
Ann an cuid de shuidheachaidhean, tha com-pàirteachas èifeachdach a’ dol air adhart agus tha dàimhean obrach taobh-staigh an ionaid agus le buidhnean air an taobh a-muigh. Ann an glè bheag de dh’eisimpleirean, tha prìosain air ceanglan nas fharsainge le buidhnean coimhearsnachd a thogail, leithid com-pàirteachachasan litearrais ùghdarrasan ionadail. Tha deagh eisimpleirean ann de luchd-fastaidh ionadail a bhith a’ dèanamh deagh obair a tha a’ cuideachadh phrìosanaich gu bhith a’ togail sgilean deatamach tro àiteachan-obrach agus a’ toirt piseach air cothroman a bhios aig prìosanacih cosnadh fhaotainn nuair a thèid an saoradh.
Tha cuid de dheagh eisimpleirean ann far am bheil luchd-obrach fa-leth air an ceann fhèin air a dhol air adhart airson a bhith ag obair còmhla ri buidhean eile, taobh staigh agus taobh-muigh a’ phrìosain, a’ cruthachadh cothroman brìoghmhor do phrìosanaich a bhith a’ cur rin cuid sgilean. Tha fìor bhuaidh air a bhith aig na ceumanan sin air prìosanaich, le tòrr dhiubh ag aideachadh gun deach togail air am fèin-bharail agus gun do ghabh iad barrachd uallach dhen cuid foghlaim. Gu cudromach, bha na thachair dhaibh gan cuideachadh nuair a thàinig e gu bhith a’ sireadh cothroman-cosnaidh no obraichean saor-thoileach an dèidh an saoradh.
Ann an suidheachaidhean fosgailte, tha prìosanaich a’ gabhail brath air taghadh farsaing de chothroman le luchd-fastaidh agus buidhnean com-pàirteachais bhon choimhearsnachd. Ann an àiteachan eile, tha prìosanaich ag obair air pròiseactan a tha a’ cumail taic ri buidhnean ionadail, leithid a bhith a’ cumail a’ chladaich glan, a’ ruith ann an rèisichean cathrannais no a’ cuideachadh le pròiseactan le buidhnean chiorramaich.
Am bheil an luchd-obrach gu gnìomhach a’ misneachadh phrìosanaich gu bhith ag ionnsachadh?
Anns a h-uile ionad, tha fòcas gu math solleir air a bhith a’ misneachadh phrìosanaich gu bhith a’ dol an sàs anns na prògraman aca agus a bhith gan crìochnachadh, ach an tig iad a-staigh gu làidir mar luchd-ùidh ann an gnothaichean LSE. Anns a’ mhòr-chuid de shuidheachaidhean, thathas a’ cuideachadh le bhith a’ misneachadh phrìosanaich agus gan toirt gu ìre, le deagh mholadh agus togail, agus a’ cur fàilte air agus ag aithneachadh coileanadh. Tha an dòchas agus misneachd sin air a thogail le ceanglan làidir eadar prìosanaich agus luchd-obrach. Cha mhòr anns a h-uile suidheachadh, tha an luchd-obrach togarach mun dòigh anns am bheil iad a’ dol an sàs ann an taic ionnsachaidh.
Thathas a’ brosnachadh gnìomhan LSE gu h-èifeachdach ann an cuid de dh’ionadan agus tha an luchd-obrach a’ frithealadh choinneamhan fiosrachaidh gu cunbhalach airson luchd-ionnsachaidh ùra. Cha mhòr anns a h-uile àite, tha ceisteachain gu math cuideachail do phrìosanaich a tha am feumach air taic sònraichte ann a bhith a’ leasachadh sgilean àraid. Anns a h-uile ionad, tha grunn math de phrìosanaich nach eil deònach pàirt a ghabhail ann ann cothroman foghlaim, fiù ’s ged a rachadh feumalachdan sònraichte a chomharrachadh. Tha prìosanaich a th’ air an cumail fa-leth bho phrìosanaich eile cuideachd air am bacadh bho bhith a’ faighinn cothrom air prògraman foghlaim agus trèanadh airson cosnadh agus bho bhuidhnean-obrach.
Am bheil ionadan prìosain a’ dùileachadh mòran bho phrìosanaich mar luchd-ionnsachaidh?
Cha mhòr anns a h-uile suidheachadh, chan eil siostaman làidir gu leòr ann airson sgrùdadh coileanta taobh-staigh an ionaid, agus tha sin a’ ciallachadh nach eil an dealbhachadh làidir gu leòr agus nach eil tomhasan ìre agus clàir-ama soilleir gan stèidheachadh. Tha grunn àiteachan ann cuideachd far nach eileas a’ clàradh coileanaidhean phlanaichean ionnsachadh nam prìosanach. Seach nach eil an leantainneach sgrùdaidh math gu leòr air coileanadh agus ìrean, tha e doirbh do phrìosanaich agus luchd-obrach a bhith a’ meòrachadh air adhartas agus a’ dealbh phlanaichean airson barrachd ionnsachaidh san àm ri teachd. A bharrachd air sin, ann an grunn math de dh’àiteachan, chan eil luchd-lìbhrigidh LSE agus ionadan a’ conaltradh cho èifeachdach ’s a bu chòir, no ag obair cho faisg ’s a bu chòir ann an com-pàirteachas buannachdail. Tha seo a’ cur ris a’ bharail nach eileas a’ cur cus suim, ann an cuid de shuidheachaidhean, ann an obair LSE.
[<<<] [Clàr-innse] [>>>]