[<<<] [Clàr-innse] [>>>]
Neartan
Gnothaichean rin leasachadh
Dè cho math ’s a tha clann air an dìon agus am feumalachdan air an coinneachadh?
Tha luchd-obrach poilis, foghlaim, obair shòisealta, slàinte agus na roinne saor-thoileach ag obair còmhla gu h-èifeachdach gus raon de phrògraman a lìbhrigeadh do chloinn mu bhith gan cumail fhèin sàbhailte agus fallain. Tha tuigse mhath aig clann ciamar a chumas iad iad fhèin sàbhailte agus cò na h-inbhich anns an cuir iad earbsa agus dhan innis iad an draghan. Tha fios aig a’ mhòr-chuid dhiubh ciamar a ruigeas iad seirbheis cobhair ChildLine. Tha luchd-obrach a’ cumail sùil agus a’ cur taice ri clann a tha a’ faighinn foghlam anns an dachaigh agus feadhainn nach eil a’ frithealadh sgoile.
Tha clann is teaghlaichean so-leònta a’ faighinn buannachd à raon de sheirbheisean; nam measg tha ionadan teaghlaich, ionadan foghlaim tràth agus cùraim cloinne, agus tro chaochladh phrògraman pàrantais. Tha cuid de na seirbheisean sin air an lìbhrigeadh tro chom-pàirteachas le buidhnean saor-thoileach. Tha luchd-taice theaghlaichean agus aoighean slàinte a’ cumail taic èifeachdach ri clann agus teaghlaichean so-leònta.
Anns a’ bhitheantas tha luchd-obrach nan seirbheisean soilleir mun dleastanasan a thaobh clann a dhìon agus a bhith mothachail air comharran gur dòcha gum bheil feum aig pàiste air cuideachadh no taic. Nuair a dh’èireas dragh mu dhìon pàiste, gluaisidh a’ mhòr-chuid den luchd-obrach gu sgiobalta agus gu riatanach le bhith ag innse dè tha a’ cur dragh orra agus le fiosrachadh a thoirt dhan phoileas no luchd-obrach sòisealta. Is àbhaist don chiad mheasaidhean cunnairt, stèidhichte air fiosrachadh a chaidh a chruinneachadh, a bhith èifeachdach. An cuid de àiteachan, tha fiosrachadh feumail air a roinn eadar na poilis agus luchd-obrach slàinte is sòisealta cho luath ’s a thathar a’ comhairleachadh gum bheil pàiste ri dhìon. Tha seo a’ toirt cothrom dhan luchd-obrach rannsachadh ullachadh còmhla agus beachdachadh am bheil feum air sgrùdadh meidigeach. Ann a mòran de sgìrean ùghdarrais ionadail, chan eil luchd-obrach slàinte idir an sàs anns a’ chiad chòmhradh mun chomhairleachadh seo. Is dòcha nach tèid fiosrachadh deatamach is cudromach a dh’fhaodas a bhith aca a roinn air càch.
Is àbhaist do rannsachadh air dìon chloinne leis a’ phoileas agus luchd-obrach sòisealta a bhith air a dhèanamh gu grad, ach tha cuid de dh’àiteachan anns nach eil gu leòr de luchd-obrach air an trèanadh gus clann a cheasnachadh còmhla.
Is e cuideachadh caochlaideach a tha clann agus òigridh a’ faighinn bho phroifeiseantaich a tha a’ dèiligeadh ri draghan aig an àm. Anns a’ mhòr-chuid de dh’àiteachan, tha na seirbheisean a’ freagairt gu sgiobalta agus gu h-èifeachdach nuair a dh’èireas uallach mu shàbhailteachd cloinne. Anns a’ chumantas tha na seirbheisean a’ gluasad gu luath agus gu h-èifeachdach far am bheil draghan mu phàistean gun bhreith agus air an ùr-bhreith.
Tha feumalachdan geàrr-ùine chloinne agus theaghlaichean so-leònta air an coinneachadh mar as trice. Tha clann agus teaghlaichean a’ faighinn cobhair agus taic ann an caochladh dhòighean. Aig amannan thèid sgur den chuideachadh ’s den taic ro luath, gu h-àraidh nuair a thèid ainm a’ phàiste thoirt bhon chlàr dìon chloinne. Chan eil clann a thèid a dh’fhuireach còmhla ri buill eile den teaghlach daonnan a’ faighinn cobhair mar is còir. Tha clann a’ faighinn buannachd bhon chobhair ’s an taic a gheibhear bho raon de sheirbheisean sònraichte, uaireannan air an tairgse an com-pàirteachas leis an roinn shaor-thoileach. Nam measg tha seirbheisean airson clann air an do rinneadh droch-dhìol, Seirbheisean Slàinte Inntinn Chloinne is Òigridh (CAMHS), agus seirbheisean airson clann a tha a’ sealltainn giùlan feise a dh’fhaodadh cron a dhèanamh. Ach gu tric tha liostaichean fada a’ feitheamh air seirbheisean sònraichte agus chan eil clann daonnan a’ faighinn na cobhair a tha dhìth orra luath gu leòr. Ann an iomadh àite chan eil suim gu leòr air a thoirt do dheasachadh airson feumalachdan a’ phàiste anns an ùine fhada. Gu tric tha dàil ann an ullachadh gu dèiligeadh ri feumalachdan chloinne anns an ùine fhada.
COINNEACHADH FEUMALACHDAN CHLOINNE

Tha luchd-obrach a tha ag obair le pàrantan a tha dèanamh mì-fheum de dhrogaichean mothachail mar as trice air a’ chunnart do chloinn agus tha iad a’ co-roinn an draghan ’s am fiosrachadh do luchd-obrach ann an seirbheisean eile mar a tha freagarrach.
Chan eil sgrùdadh meidigeach air a dhèanamh ann an dòigh chunbhalach. An cuid de dh’àiteachan gheibhear fad na tìde dotairean chloinne agus feadhainn a ni rannsachadh cùrtach air cùisean meidigeach airson sgrùdadh meidigeach a dhèanamh air clann. Is àbhaist sin a bhith air a dhèanamh ann an suidheachadh anns am bheil a’ chlann cofhurtail. Ach, ann an àiteachan eile, chan eil luchd-obrach aig am bheil trèanadh freagarrach rim faotainn no ri bruidhinn riutha. Nuair nach eil dotairean chloinne a tha air an trèanadh air an cleachdadh, faodar dearmad a dhèanamh air feumalachdan slàinte a’ phàiste anns an fharsaingeachd.
Chan eil measadh chunnartan air a dhèanamh ann an dòigh chunbhalach. An iomadh àite, tha goireasan airson measadh cunnairt rim faotainn gus luchd-obrach a chuideachadh ’s a threòrachadh, ach glè thric chan eil an luchd-obrach eòlach orra no gan cur gu feum. Chan eil measaidhean domhainn air an dèanamh gu farsaing no gu cunbhalach. Ann an cuid de dh’àiteachan tha dàil air co-dhùnaidhean le Neach-aithris na Cloinne mar thoradh air dàil air measadh. Ann an cuid de dh’àiteachan tha cion ionadan daltachais a’ ciallachadh gum bheil cuid de chloinn a’ fuireach aig an taigh ann an suidheachaidhean glè chunnartach.
Ann an cuid de dh’àiteachan tha luchd-obrach mall ann a bhith dèiligeadh ri draghan a tha sìor fhàs, gu h-àraidh mu dhearmad air clann no pàtrain uallaich no giùlan. Ann an iomadh àite, tha measadh co-phàirteach air cunnartan èifeachdach aig co-labhairtean mu dhìon chloinne is coinneamhan beachdachaidh, ach uaireannan tha seo air a mhilleadh nuair nach eil an luchd-obrach as cudromaiche an làthair.
AG AITHNEACHADH AGUS A’ MEASADH FEUMALACHDAN AGUS CUNNARTAN

Ann a bhith a’ planadh airson clann a th’ air clàr dìon na cloinne, tha proifeiseantaich a’ beachdachadh gu cùramach air dè tha ri dhèanamh agus dè na goireasan a dh’fheumar airson clann a chumail sàbhailte agus glè thric tha sin air a chur air dòigh. Anns a’ mhòr-chuid de cheàrnan tha luchd-obrach sòisealta air an sònrachadh mu choinneamh clann a tha air clàr dìon na cloinne agus feadhainn air an fheumar sùil a chumail fon lagh. Tha càileachd phlanaichean dìon chloinne caochlaideach air feadh na dùthcha. Gu math tric chan eil e soilleir dè na builean ris am bheil dùil às na dh’aontaich na proifeiseantaich a dhèanamh agus ciamar a theid lùghdachadh air cunnart dhan phàiste a thomhas. Chan eil beachdachadh tràth daonnan air a dhèanamh air slighe eile a dh’fhaodar a ghabhail ma dh’atharraicheas cùisean. Ann an iomadh àite chan eil luchd-obrach cunbhalach a’ frithealadh cho-labhairtean mu dhìon chloinne, gu h-àraidh feadhainn a tha dèanamh lèirmheas air cùram clann a tha fo dhìon. Mar thoradh air a sin, tha e nas duilighe sùil a chumail air an adhartas le planaichean dìon chloinne agus air atharrachadh ann an ìre nan cunnartan.
ÈIFEACHDAS PLANAIDH MU CHOINNEAMH FHEUMALACHDAN

Tha toiseach-tòiseachaidh air a dhèanamh air coinneamhan a chumail de bhuidhnean aig cridhe na cùise. Chan eil iad uaireannan air an cumail tric no air an deagh fhrithealadh. Nuair nach eil coinneamhan air an cumail gu cunbhalach, chan eil lèirmheas math gu leòr ga dhèanamh air planaichean cùraim airson gabhail ealla ri cùisean ag atharrachadh agus mar thoradh air a seo tha dàil no dearmad tric air a dhèanamh air rudan a chaidh aontachadh.
Dè cho math ’s a tha luchd-obrach air clann is òigridh, teaghlaichean is coimhearsnachd a tharraing a-steach?
Anns a’ chumantas tha proifeiseantaich ag èisteachd ri clann agus gam brosnachadh gus am beachdan a thoirt seachad. Aig coinneamhan co-dhùnaidh, nam measg coinneamhan èisteachd cloinne, thèid faighneachd do chlann aig aois agus ìre tuigse fhreagarrach dè am beachdan agus èistidh na proifeiseantaich riutha. Aig coinneamhan èisteachd chloinne tha bileagan ‘Do bharail-sa’ air an cleachdadh gu h-èifeachdach airson beachdan clann as sine a shireadh.
Anns a’ mhòr-chuid de dh’àiteachan, tha clann gam faicinn gu tric agus gu cunbhalach le luchd-obrach a tha a’ cur deagh eòlas orra, agus thèid aca air dàimhean earbsach a chruthachadh eatarra. Uaireannan, tha dòighean ùr-ghnàthachlair an cleachdadh gus ceangal a chumail ri clann agus teaghlaichean. Nam measg tha a bhith a’ cleachdadh fònaichean-làimhe, puist-dealain is teachdaireachdan teacsa.
Tha aoighean slàinte anns a’ chumantas a’ cruthachadh dàimhean mhath agus earbsach le leanabain, clann òga agus am pàrantan.
Tha bhith a’ cleachdadh luchd-dìon neo-eisimeileach agus seirbheisean tagraidh, leithid oifigearan chòraichean chloinne, a’ cuideachadh gus dèanamh cìnnteach gun cluinnear guth a’ phàiste. Ach chan eil seirbheisean tagraidh neo-eisimeileach daonnan air an cleachdadh gu h-èifeachdach.
CLANN A’ FAIGHINN ÈISTEACHD, AIR AN TUIGSINN, AGUS A’ FAIGHINN SPÈIS

Tha cuid de sheirbheisean a’ cleachdadh àireamh de bhuidhnean stèidhichte airson beachdan chloinne a shireadh, mar eiseimpleir, comhairlean òigridh, fòraman òigridh agus Conaltradh Òigridh (Dialogue Youth). Tha seirbheisean foghlaim air comhairlean sgoilearan a chleachdadh gus beachdan chloinne san fharsaingeachd fhaighinn. Tha beagan eisimpleirean ann air a bhith a’ sireadh bheachdan chloinne airson seirbheisean ùra a dhealbh. Bho chionn ghoirid tha cuid de sheirbheisean air tòiseachadh air beachdan fheadhainn a tha dèanamh feum de sheirbheis dìon na cloinne fhaighinn tro cheisteachain, bileagan beachd agus pàipearan measaidh. Chan eil ach beagan de sgìrean ùghdarrasan ionadail a chleachd clann gu bhith a’ leasachadh Plana Aonaichte Sheirbheisean Chloinne (ICSP). Anns a’ mhòr-chuid de sgìrean ùghdarrais ionadail cha deach dòigh ullaichte agus riaghailteach a chleachdadh gus beachdan chloinne agus theaghlaichean so-leònta is doirbh an ruighinn a chruinneachadh airson seirbheisean ullachadh ’s a leasachadh, seirbheisean aig am bheil dlùth cheangal ri dìon chloinne nam measg.
Anns a’ mhòr-chuid de sgìrean nan ùghdarrasan ionadail, tha Comataidhean Dìon Chloinne (CPCs) a’ dèanamh cìnnteach gun do rinneadh oidhirpean èifeachdach air eòlas poblach air dìon chloinne a bhrosnachadh. Chaidh stuth foillseachaidh, mar bileagan is postairean, ullachadh anns a’ chuid as motha de sgìrean, agus tha iad air an sgaoileadh fad is farsaing agus air an taisbeanadh ann an togalaichean poblach. Tha làraich-lìn tric air an deagh chleachdadh airson fiosrachadh mu dhìon chloinne a sgaoileadh. Tha cuid de dh’àiteachan air ceuman a ghabhail gus dèanamh cìnnteach gum bheil fiosrachadh ri fhaotainn ann an cànain a-bharrachd air Beurla.
Tha seirbheisean a’ dèanamh cìnnteach gum bheil fios aig a’ mhòr-shluagh ciamar a gheibh iad greim orra aig àm sam bith. Tha daoine a’ dèanamh feum math de na seirbheisean seo, ged nach eil an fheadhainn a thog an guth mun cuid dhraghan a’ faighinn freagairt cunbhalach air ais. Anns a’ mhòr-chuid de dh’àiteachan tha siostaman earbsach aca airson freagairt a thoirt do bhrathan fòn bhon t-sluagh. Ach, ann an àireamh mhath de sgìrean nan ùghdarrasan ionadail, tha an ùine a bheir an t-seirbheis obrach shòisealta air am fòn a fhreagairt a-mach air na h-uairean obrach ro fhada agus tha duiligheadas aig cuid greim fhaighinn orra.
Dè cho math ’s a tha na seirbheisean air an stiùireadh agus air an riaghladh?
Mar aon agus gu h-iomlan tha sealladh, luachan is amasan soilleir airson dìon chloinne aig a’ chuid as motha de na seirbheisean, agus chaidh sin a chur gu h-èifeachdach fa chomhair an luchd-obrach. Tha Àrd Oifigearan agus àrd-mhanaidsearan aig soilleir mun dleastanas, gu pearsanta agus mar bhuidheann, airson dìon chloinne. Tha iomadach eisimpleir ann air maoineachadh an co-bhoinn agus air dòighean èifeachdach air goireasan a roinn eatarra. Tha dealas nan Àrd Oifigearan a thaobh Chomataidhean Dìon Chloinne agus a bhith cruthachadh Bhuidhnean Àrd Oifigearan air cunntalachd agus riaghladh a neartachadh. Tha cuid de na buidhnean an urra ri barrachd air aon ùghdarras ionadail. Ann an iomadh àite chaidh na Comataidhean Dìon Chloinne a neartachadh agus fhuair iad tuilleadh taice, mar eisimpleir, tro bhith a’ fastadh cathraichean neo-eisimeileach, oifigearan stiùiridh agus oifigearan trèanaidh. Tha feum aig àrd-mhanaidsearan agus Comataidhean Dìon Chloinne air fiosrachadh stiùiridh nas treasa gus sùil ro-ìnnleachdail a chumail air èifeachdas nan seirbheisean dìon chloinne agus na prìomh mhodhan obrach. Tha tuilleadh adhartais a dhìth air cuid de na Comataidhean ann a bhith a’ co-obrachadh agus tha cuid de na Buidhnean Àrd Oifigearan fhathast aig ìre leasachaidh tràth.
Tha Àrd Oifigearan agus luchd-obrach aig àrd ìre anns a’ phoileas, seirbheisean slàinte agus na h-ùghdarrasan ionadail ag obair còmhla nas dlùithe gus seirbheisean dìon chloinne ullachadh, a leasachadh agus a lìbhrigeadh. Anns an fharsaingeachd tha com-pàirteachas èifeachdach ann ris an roinn neo-eisimeileach, agus ri Rianachd Neach-aithris Chloinne na h-Alba, ann a bhith ag ullachadh ’s a’ lìbhrigeadh seirbheisean airson clann is teaghlaichean so-leònta. Tha iomadh àite air com-pàirteachas èifeachdach a stèidheachadh le Còmhnadh nam Ban airson clann a tha fulang dìmeas anns an dachaigh a chuideachadh.
Tha cruthachadh Com-pàirteachas Slàinte Coimhearsnachd/Com-pàirteachas Slàinte is Cùram Coimhearsnachd air co-obrachadh a neartachadh. Ann an cuid de dh’àiteachan tha a bhith a’ suidheachadh luchd-obrach còmhla aig ìrean ro-ìnnleachdail is gnìomha air co-obrachadh a dhèanamh nas fheàrr agus air dealbhachadh ann an dòigh aonaichte a dhaingneachadh.
CEANNAS DHAOINE AGUS CHOM-PÀIRTEACHAS

Tha amasan ro-innleachdail agus mion-amasan adhartais airson dìon chloinne ann am Plana Aonaichte Sheirbheisean Chloinne (ICSPs) agus, anns a’ mhòr-chuid de cheàrnan, tha làmh air a bhith aig na prìomh sheirbheisean gu lèir ann an leasachadh nam planaichean sin. Anns a’ chuid as mòtha dhiubh chaidh frèam-obrach planaidh, le planaichean gnìomha airson a’ Phlana Aonaichte, a stèidheachadh agus a leasachadh. Ach ann an iomadh àite tha cion mothachaidh am measg luchd-obrach mun a’ Phlana Aonaichte agus mar a tha e toirt buaidh air an obair.
Anns a’ mhòr-chuid de sgìrean, tha raon farsaing de phoileasaidhean, modhan-obrachaidh is nòsan nan àite airson sèoladh is stiùireadh air dìon chloinne a thoirt dhan luchd-obrach. Mar as trice tha seòladh mu dhìon chloinne fosgailte do luchd-obrach thairis air na seirbheisean. Thar nan seirbheisean tha dòighean air measadh is ùrachadh a dhèanamh air poileasaidhean is modhan-obrachaidh a thaobh dìon chloinne, agus sùil a chumail air dè a’ bhuaidh a th’ aca, nas caochlaidiche.
Tha àrd-manaidsearan aig thar nan seirbheisean agus Comataidhean Dìon Chloinne a’ tuigsinn cho cudromach ’s a tha e modh nas riaghailtiche a chleachdadh a thaobh dearbhadh càileachd tro fhèin-mheasadh. Tha a’ chuid mhòr de sgìrean air dòigh aonaichte a chruthachadh agus a chur an gnìomh airson cùisean cudromach a mheasadh, ach ann an cuid dedh’ àiteachan tha leasachadh na h-obrach seo fhathast aig ìre glè thràth. Ann an cuid de sgìrean ùghdarrasan ionadail, thathar air a bhith cleachdadh modh aonaichte air faidhlichean dìon chloinne, aithisgean, frithealadh choinneamhan, agus prìomh dhòighean obrach mu dhìon chloinne a sgrùdadh.
CEANNAS ATHARRACHAIDH IS ADHARTAIS

Air taobh a-staigh sheirbheisean fa-leth, tha dòighean air fèin-mheasadh caochlaideach. Ann an cuid de dh’àiteachan rinn luchd-obrach poilis, slàinte agus obair shòisealta fèin-mheasadh structarail air na seirbheisean dìon chloinne aca agus thàinig piseach orra. Ann an àiteachan eile, tha adhartas air a bhith nas maille. Anns a h-uile àite cha mhòr, tha fèin-mheasadh aonaichte fhathast aig ìre leasachaidh glè thràth. Ann a mòran àiteachan far an deach fèin-mheasadh a dhèanamh, cha deach na leasanan a chaidh ionnsachadh agus na prìomh amasan airson adhartais a sgaoileadh mar bu chòir gu cuid de luchd-obrach cudromach.
[<<<] [Clàr-innse] [>>>]