[<<<] [Clàr-innse] [>>>]
Co-theacsa
Chaidh a’ chiad phrògram sgrùdaidh air na 32 ùghdarrasan foghlaim an Alba a dhèanamh eadar 2000 agus 2005. Anns an dàrna prògram, a thòisich ann an 2006, thug sin a-steach na nithean a leanas:
’S e prìomh phàirt dhen t-siostam sgrùdaidh ùr gluasad a dh’ionnsaidh co-ionnanachd agus tuigse mar stiùir. Tha an dòigh seo a’ cuideachadh gu bhith dèanamh cinnteach gum bheil sgrùdadh a’ cur taic ri lìbhrigeadh seirbheis agus gum bheil e ag amas gu daingeann air adhartas anns na tha luchd-ionnsachaidh a’ coileanadh. Tha sinn cuideachd a’ cur cuideam air a’ bhuaidh a th’ aig obair Seirbheisean Saidhgeòlais Foghlaim.
Thàinig an aithisg againn ann an 2006 mu obair nan ùghdarrais ionadail16 chun a’ cho-dhùnaidh ‘gum bheil fianais nan sgrùdaidhean againn a’ sealltainn gum bheil ùghdarrasan foghlaim comasach cur ri lìbhrigeadh foghlam àrd inbhe ann an Alba, agus gu math tric tha iad ga dhèanamh’. Sheall gach ùghdarras foghlaim gun robh iad a’ toirt buaidh air cuid de na bha na sgoilearan a’ buileachadh agus a’ coileanadh. Gu cudromach, chaidh a’ chuid bu mhotha de na h-ùghdarrasan a mheasadh mar gu robh comas glè mhath no math aca airson adhartas a dhèanamh. Ach, thuirt aithisg 2006, ‘aig àm nan sgrùdaidhean, bha eadar-dhealachadh mòr eadar na h-ùghdarrasan anns a’ chomas a bh’ aca air an obair fhèin a mheasadh, comas a tha riatanach ma tha adhartas ri choileanadh’. Bha laigsean ann an ceannas is stiùireadh, duiligheadasan a thaobh chùisean eaconomaigeach agus sòisealta, agus cion an eòlais a dh’fheumar aig prìomh luchd-obrach, a’ toirt buaidh air comas cuid de na h-ùghdarrasan a bhith dèanamh adhartais gu leòr.
Tha sgrùdaidhean air sàil an fheadhainn seo a’ sealltainn gum bheil adhartas a dh’ionnsaidh dèiligeadh ri na prìomh rudan a chaidh ainmeachadh cha mhòr daonnan math agus cuideachd a’ sealltainn gu robh na h-ùghdarrasan glè shoirbheachail ann a bhith toirt piseach air na bha iad a’ tairgse agus air na bha daoine òga a’ coileanadh agus air an comas air adhartas a chumail suas agus a leudachadh.
Coileanadh nan ùghdarrasan ionadail bho 2006
Ann am faisg air dàrna leth nan sgrùdaidhean a rinneadh bho 2006, thàinig sinn chun a cho-dhùnaidh gu robh comas làidir aig na h-ùghdarrasan a chaidh a sgrùdadh air adhartas a dhèanamh. Ann am beagan a-bharrachd air an treas cuid de na sgrùdaidhean, chuir sinn romhainn gum feumamaid tilleadh chun an ùghdarrais a thoirt sùil air mar a bha coileanaidhean gan leasachadh.
Dè cho math ’s a tha na tha na sgoilearan a’ buileachadh agus a’ coileanadh agus dè cho math ’s a tha iad a’ faighinn taic?
Anns a h-uile sgrùdadh, gu ìre mhath, chaidh adhartas a mheas mar riarachail no nas fheàrr. Thugadh an aire do neart làidir anns an adhartas a rinneadh an an cuid mhath de na h-ùghdarrasan a chaidh an sgrùdadh. Cha mhòr anns a h-uile sgrùdadh, chaidh a’ bhuaidh air luchd-ionnsachaidh a mheas mar riarachail no nas fheàrr. Thugadh an aire do neart làidir anns a’ phàirt seo ann am faisg air dàrna leth nan ùghdarras a chaidh a sgrùdadh.
Chaidh a’ bhuaidh air an obair aig luchd-ionnsachaidh fo aois sgoile a chomharrachadh mar phrìomh neart anns a’ mhòr-chuid de na sgrùdaidhean. Am measg nan coileanaidhean anns an robh neart agus buaidh an ùghdarrais foghlaim ann a bhith a’ brosnachadh nan leasachaidhean sin tha na nithean a leanas:
Tha càileachd an t-solair a tha com-pàirtichean a’ tairgse fhathast ro chaochlaideach ann an cuid de shuidheachaidhean agus uaireannan de chàileachd nach eil math gu leòr. Uaireannan tha feum aig luchd-obrach air comhairle fhaighinn a thaobh àrd inbhe a’ churraicealaim. Tha feum fhathast air ceangal èifeachdach agus adhartas ionnsachaidh eadar sgoil-àraich agus P1.
Airson luchd-ionnsachaidh anns a’ bhun-sgoil, am measg coileanaidhean anns an robh neart agus buaidh an ùghdarrais foghlaim ann a bhith a’ brosnachadh nan leasachaidhean sin tha na nithean a leanas:
Ach tha feum aig obair nan sgoilearan nach eil a’ dèanamh cho math air tuilleadh aire. Do chuid de na h-ùghdarrasan tha soirbheas ann a bhith dùnadh na beàrna ann an ionnsachadh eadar balaich is nigheanan fhathast na dhùbhlan.
Tha buaidh obrach nan ùghdarrasan foghlaim air luchd-ionnsachaidh san àrd-sgoil measgaichte. Am measg nan rudan anns am bheil neart tha:
Feumar tuilleadh a dhèanamh airson a bhith cinnteach, anns a h-uile ùghdarras air feadh Alba, gum bi òigridh a’ ruighinn mullach na h-ìre air am bheil iad comasach fhad ’s a tha iad a’ faighinn foghlaim anns an àrd-sgoil. Gu h-àraidh, feumaidh an obair ann an AS1 agus AS2 aire sheasmhach agus taic bhon ùghdarras. Chan eil taic do dh’àrd sgoiltean ann an cuid de na h-ùghdarrasan math gu leòr. Ann am beagan dhiubh, tha an àireamh de sgoilearan a tha fàgail nan àrd-sgoiltean airson a dhol gu foghlam adhartach no àrd ìre, no trèanadh no cosnadh ro ìosal.
Tha deagh bhuaidh aig obair nan ùghdarrasan foghlaim air inbhich a tha ag ionnsachadh. Am measg nan rudan a tha làidir tha:
Anns a’ mhòr-chuid de na h-ùghdarrasan tha tuilleadh obrach ri dhèanamh airson aonachadh a dhèanamh air ionnsachadh coimhearsnachd agus luchd-leasachaidh le puingean a bhuineas do dh’fhòghlam foirmeil. Tha cuid de sgoiltean aig am bheil àite cudromach ann am beatha nan coimhearsnachdan dham bheil iad a’tort seirbheis, ach tha mòran fhathast a dh’fhaodadh iad a dhèanmah airson coimhearsnachdan nas treasa agus nas tèarainte a thogail.
A’ coinneachadh feumalachdan luchd-ionnsachaidh gu lèir
Anns a’ chumantas tha deagh bhuaidh aig na h-ùghdarrasan foghlaim air na thig gu buil do sgoilearan. Am beagan shuidheachaidhean, tha an dòigh anns am bheil ùghdarrasan air feuchainn ri dhèanamh cinnteach gu soirbhich leis an luchd-ionnsachaidh gu lèir sònraichte dha-rìreabh. Am measg rudan èifeachdach a chaidh a choileanadh tha:
Ach tha cion seasmhachd ann an seirbheisean airson clann agus òigridh aig am bheil feumalachdan sòisealta, faireachdail agus giùlain.
Tha ùghdarrasan air mòran iomairtean a thoirt air adhart airson piseach a thoirt air fiosraichidhean ionnsachaidh sgoilearan ann an sgoiltean is ionadan sa h-uile roinn. Tha ùghdarrais a’ toirt barrachd brosnachaidh do bhith cur an sàs Curraicealam airson Sàr-mhathis tro, mar eisimpleir, tionnsgnaidhean thairis a’ churraicealaim. Feumaidh na h-ùghdarrasan uile a-nis seo a ghabhail os làimh le sgoinn. Tha adhartas mòr ann an ionnsachadh is teagasg ga dhèanamh tron phrògram nàiseant Measadh airson Ionnsachadh.
Ann an cuid de dh’eisimpleairean, tha sgoilearan air am misneachadh le dòighean ionnsachaidh nas gnìomhaiche, gu h-àraidh tro chothroman nas fheàrr air an sgilean a leasachadh tro ICT. Tha ùghdarrasan a’ cur romhpa àrdachadh a dhèanamh air tuigse sgoilearan agus air an ùidh ann a bhith a’ leasachadh seasmhachd is mothachadh mun àrainneachd.
Tha ùghdarrasan air prìomhachas a thoirt do raon de dh’iomairtean airson na tha sgoilearan a’ coileanadh a thoirt am follais. Tha sgoilearan ann an ùghdarrasan air feadh Alba a’ buannachadh à sgaoilteach de chothroman cultair is spòrs. Am measg nan cothroman tha ionnsachadh bho thadhal air taighean-tasgaidh, leabharan-lann agus cleasan ealain agus gabhail pàirt ann am bùithtean-obrach anns na sgoiltean. Tha a bhith an sàs ann an cùisean cultarail mar oideachadh ciùil, ìnnse sgeulachdan agus dannsa traidiseanta, ann an cuid de shuidheachaidhean, a’ toirt buaidh mhath air mothachadh nan sgoilearan air dualchas na h-Alba. Tha mòran de na rudan seo air an cur air dòigh an co-bhoinn ri luchd-obrach ann an seirbheisean comhairle eile agus com-pàirteachasan eile. Ach chan eil ùghdarrasan a’ dèanamh feum gu leòr de dhuaisean nàiseanta a tha rim faighinn airson urram a thoirt dhan choileanadh seo. Ann an cuid de na h-ùghdarrasan, tha tuilleadh obrach ri dhèanamh gus ealla a ghabhail ri mar a tha sgoilearan an sàs ann an iomairtean a tha air an dealbh gu bhith a’ leasachadh na tha iad a’ coileanadh air taobh a-staigh agus taobh a-muigh na sgoile.
Thathar a’ toirt air adhart caochladh dhòighean leasachaidh air foghlam ùr-ghnàthach ann an ùghdarrasan air feadh Alba. Tha cuid de na h-ùghdarrasan a’ taisbeanadh obair iomairt às na sgoiltean gu h-èifeachdach gus luchd-ionnsachaidh òg a mhisneachadh. Tha sgoiltean ann an cuid de na h-ùghdarrasan ag obair gu dlùth an co-bhuinn ri luchd-gnothaich ionadail agus, nuair a tha sin èifeachdach, tha a’ cho-bhanntachd a’ cur gu mòr ri ionnsachadh nan sgoilearan. Anns an fharsaingeachd, tha na dòighean seo air an dealbh airson na sgoilearan a dhèanamh nas mothachaile air an t-saoghal obrach tro bhith a’ dèanamh rudan dòigheil agus air an deagh ullachadh anns a’ chlas agus, aig ìre na h-àrd-sgoile, tro eòlas fhaighinn ag obair air taobh a-muigh na sgoile. Aig amannan tha seo air a bhith glè èifeachdach.
Ann an caochladh ùghdarrasan agus thairis air roinnean, tha luchd-ionnsachaidh a’ faighinn buannachd nuair a tha dealas soilleir is farsaing ann a bhith ag èisteachd rim beachdan. Tha cothroman math aig òigridh am beachdan a chur an cèill tro bhith a’ gabhail pàirt ann am buidhnean eile, mar an fheadhainn aig am bheil gnothach ri beathachadh is àrainneachd, agus tha seo gu tric am fèin-mhisneachd gu ìre nas àirde.
Fòcas air seirbheisean saidhgeòlais Tha seirbheisean saidhgeòlais foghlaim (EPS) ag obair le cloinn agus òigridh o leanabas gu aois 18, agus nas trice a-nise gu aois 24 bliadhna. Tha dleastanas laghail farsaing aca agus tha e air a mhìneachadh ann an Earrann 4 de Achd an Fhoghlaim (Alba) 1980 mar a chaidh atharrachadh an dèidh sin, a tha ag ràdh gum bheil e mar fhiachaibh air ùghdarrasan foghlaim seirbheis saidhgeòlais a thairgse. Am measg obair na seirbheis tha:
Tha na dùbhlain mu choinneamh nan seirbheisean saidhgeòlais foghlaim ann a bhith coileanadh an dleastanasan fon an achd eadar-dhealaichte a rèir suidheachadh na coimhearsnachd. Tha eadar-dhealachadh mòr eadar cumadh agus obair nan seirbheisean air feadh Alba. Mar eisimpleir, tha meud na seirbheis, structar riaghlaidh, agus lìbhrigeadh seirbheis air tighinn gu bhith a rèir prìomhachais aig ìre nàiseanta agus ionadail. Tha uallach cudromach air an t-seirbheis a bhith a’ cur air chois seirbheisean a tha tighinn a rèir priomhachasan an ùghdarrais foghlaim agus feumalachdan nan coimhearsnachdan ionadail. Prìomh neartan:
Gnothaichean rin leasachadh:
|
A’ coinneachadh feumalachdan phàrantan, luchd-cùraim is theaghlaichean
Mar is fheàrr e, tha pàrantan a’ gabhail pàirt ann an co-dhùnaidhean an ùghdarrais, tha e comasach dhaibh pàirt a ghabhail ann am foghlam an cuid chloinne, agus faodaidh iad brath a ghabhail air caochladh chothroman airson am foghlam fhèin tro shaor-thoileachas agus foghlam teaghlaich. Ann an cuid de dh’ùghdarrasan tha raon de sheirbheisean is lìonraidhean fosgailte do phàrantan airson taic agus brosnachadh a thoirt dhaibh gu bhith a’ gabhail pàirt ann am foghlam an cuid chloinne. Tha eisimpleirean ann de chleachdaidhean matha airson pàrantan a chuideachadh le clann aig am bheil feumalachdan taic a bharrachd.
Ach tha tuilleadh obrach ri dhèanamh airson na pàrantan uile aomadh gu bhith taiceil dhan clann le bhith ag obrachadh an com-pàirteachas le sgoiltean, gu h-àraidh àrd-sgoiltean.
Dè cho math ’s a tha caileachd a’ cheannais ann an ùghdarrasan foghlaim?
Thuirt an aithisg Leasachadh Foghlam na h-Alba, Èifeachdas nan Ùghdarrasan Foghlaim (2006) gu robh eadar-dhealachadh follaiseach am measg nan ùghdarrasan foghlaim ann an càileachd stiùireadh ro-innleachdail agus a’ bhuaidh a bh’ aige air clann agus teaghlaichean. Thuirt i gu robh cothrom airson adhartas ann an stiùireadh agus ceannas ann an iomadh ùghdarras.
Chomharraich cha mhòr a h-uile sgrùdadh a rinneadh air ùghdarrasan foghlaim bho 2006 neart cudromach ann an lèirsinn, luachan is amasan agus ann an ceannas ann an leasachadh dhaoine agus com-pàirteachas.
Am measg nan rudan adhartach bha na nithean a leanas:
Ag obair an com-pàirteachas agus a’ togail comas airson adhartas
Bho 2006, tha àireamh de leasachaidhean gealltanach air tachairt anns an raon seo. Am measg nan eisimpleirean tha obair eadar-bhuidhnean èifeachdach thar foghlam nam bliadhnaichean tràth agus a thaobh clann le feumalachdan taic a bharrachd. Ann an cuid de shuidheachaidhean, bha roinnean nan ùghdarras ionadail air am bheil uallach airson CLD a’ co-obrachadh gu math còmhla ri com-pàirtichean air prògraman ionnsachaidh ùr-ghnàthach a lìbhrigeadh. Far am bheil iad air an deagh ullachadh agus air an deagh laimhseachadh, tha com-pàirteachasan ro-innleachdail a’ toirt comais do bhuidhnean obrach còmhla gus am feum as fheàrr a dhèanamh den cuid ghoireasan agus gu ìre na buaidh air an luchd-pàirt a leudachadh. Nas cudromaiche buileach, tha e sìor fhàs follaiseach gum bheil seo gu feum na cloinne. Ach chan eil an dealbh thaitneach seo cunbhalach. Ann an cuid de na h-ùghdarrasan tha com-pàirteachas aig ìre leasachaidh tràth. Uaireannan chan eil seasmhachd nan com-pàirteachasan anns an ùine fhada tèarainte. Uaireannan eile ’s ann bho chionn ghoirid a thòisichear a’ cleachdadh nan dòighean ùra ’s chan eil a’ bhuaidh follaiseach seachad air corra eisimpleir, agus tha mòran obrach ri dhèanamh fhathast.
A’ stiùireadh atharrachadh is adhartas
Thuirt an aithisg Leasachadh Foghlam na h-Alba, Èifeachdas nan Ùghdarrasan Foghlaim (2006) gu robh an comas air piseach a thoirt air coileanadh agus adhartas thairis air ùghdarrasan ionadail ro chaochlaideach.
Tha cuid de na h-ùghdarrasan air a bhith glè shoirbheachail anns an iomairt chudromach seo. Tha eisimpleirean ann far am bheil aithne mhath aig luchd-obrach an ùghdarrais air na sgoiltean aca agus tha iad a’ toirt dhaibh measgachadh freagarrach de thaic is de dhùbhlan, agus aig an aon àm a’ gleidheadh ceangal a tha stèidhichte air urram is urram co-aontach. Anns na h-ùghdarrasan sin tha oifigearan aig àrd-ìre a’ sònrachadh amasan dùbhlanach airson sgoiltean, agus tha tuigse shoilleir aig na ceannardan air an dleastanasan a thaobh na h-amasan sin a thoirt gu buil. Tha tuilleadh ri dhèanamh gus a bhith cìnnteach gum bheil an dòigh èifeachdach seo air a cleachdadh gu cunbhalach air feadh na dùthcha, agus gun tèid a toirt do sheirbheisean eile a tha an sàs ann a bhith cur taic ri foghlam chloinne.
Tha toradh sgrùdaidh a’ sealltainn àireamh de dhòighean-obrach a tha làidir, mar an fheadhainn seo:
Tha pàirt chudromach aig ùghdarrasan ionadail ann a bhith toirt Curraicealam airson Sàr-mhathais gu buil. Bidh an t-ullachadh a thèid a dhèanamh airson taic a chur ri leasachadh curraicealaim a dh’aithghearr anabarrach cudromach ann an soirbheas a’ phrògraim. Nas motha ’s nas mòtha, tha planaichean cuideachail aig ùghdarrasan ionadail airson luchd-obrach a chur an sàs anns an iomairt agus leasachaidhean ionadail anns a’ churraicealam a thoirt air adhart.
[<<<] [Clàr-innse] [>>>]