[<<<] [Clàr-innse]
[>>>]
Leasachadh foghlam na h-Alba: Aithisg le HMIE air sgrdadh agus lirmheas 2005-2008
Earrann
5: A’
coimhead air adhart
‘Tha e
soilleir gu feumar anns an àm ri teachd sluagh le misneachd
agus sgilean gus dèiligeadh ri dùbhlain a tha ag
èirigh bho atharrachadh a tha luath agus
fad-ruigsinneach.’17
Mar a tha an aithisg seo a’ sealltainn, tha an
làidir aig foghlam na h-Alba, leithid proifeiseantachd an
luchd-obrach agus an teòmachd a tha fàs ann am
fèin-adhartas. Tha an comas seo air leasachadh a chumail
a’ dol gu bhith feumail dhuinn mar a tha sinn a’
seasamh ri na dùbhlain a tha romhainn.
Tha an aithisg air sreath de cheistean a thogail a
dh’fheumar a fhreagairt airson gun toir sinn gu buil na
h-amasan mòra a tha sinn uile a’ sireadh airson ar
siostam foghlaim agus gach neach a tha ag ionnsachadh.
Coileanadh
Tha na
thàinig gu buil san fharsaingeachd air a shònrachadh
tro na feartan agus na sgilean ceangailte ri na ceithir
comasan18 agus ri na sgilean deatamach ann an
ro-ìnnleachd sgilean fad-bheatha na h-Alba. Tha e toinnte
anns na fiosraichidhean agus na builean a th’ anns an
iùil curraicealaim a tha nochdadh. Tha prìomhachas
aig:
- tuigsinn nach eil roghainn eadar coileanaidhean agus
ruigsinneachd; tha iad le chèile nan builean air
fiosraichidhean foghlaim a tha saidhbhir agus
dùbhlanach;
- cleachdadh ath-leasachadh a’ churraicealaim gu
dòighean ùra fhaighinn air luchd-ionnsachaidh a chur
an sàs ann an ionnsachadh domhainn agus dùbhlanach,
gu ìrean coileanaidh àrdachadh airson an
luchd-ionnsachaidh gu lèir agus gu h-àraidh
ìrean litearrais, àireamhachd is saidheans; agus
- dòighean a leasachadh airson aithne a thoirt do
choileanadh, teisteanasan foirmeil nam measg, a tha a’
sealltainn adhbharan is dùilean a’
churraicealaim.
Curraicealam,
ionnsachadh agus teagasg
Ann a bhith a’
toirt air adhart Curraicealam airson Sàr-mhathais, tha
cothrom glè mhòr aig ùghdarrasan ionadail,
sgoiltean, colaistean agus com-pàirtichean am beachd agus an
teòmachd proifeiseanta a chleachdadh nuair a tha iad
a’ tionndadh na h-iùil fharsaing ùr gu
gnìomh. Ceangailte ri ionnsachadh tha leasachadh adhartach
air feartan agus sgilean tro rèis na beatha. Bu chòir
dhan a h-uile duine a tha cur taice ri ionnsachadh neach o
sgoil-àraich gu foghlam leantainneach coimhead orra
fhèin mar phàirt de ionnsaigh a tha co-choitcheann
agus leantainneach. Prìomhachasan:
- daingneachadh dùbhlan agus adhartas ann an ionnsachadh
tro theagasg mac-meanmnach agus breithneachail, air an t-slighe gu
coileanadh ìrean àrda de thuigse agus sgil;
- cruthachadh structar curraicealaim a tha dearbhadh nam
prionnsabail deilbhe aig a’ Churraicealaim airson
Sàr-mhathais agus a’ dèanamh comasach don
luchd-ionnsachaidh uile buannachd fhaighinn às an
eòlas agus na toraidhean a tha air am mìneachadh ann
an iùil a’ churraicealaim a thoirt gu buil;
- ullachadh gus dèanamh cìnnteach gum faigh an
òigridh uile seilbh air na toraidhean a thig à
foghlam cumanta farsaing agus gum bheil cothroman freagarrach aca
airson roghainn is spèisealachadh;
- obrachadh còmhla gus dèanamh cìnnteach gun
dèan clann, òigridh agus inbhich a tha ag ionnsachadh
gluasad soirbheachail eadar ìrean no ionadan foghlaim agus
bho fhòghlam gu cosnadh, a’ togail air an ionnsachadh
a fhuair iad;
- dèanamh comasach don luchd-ionnsachaidh gu lèir
ionnsachadh a chleachdadh ann an dòighean gnìomhach
agus cruthachail; agus
- cur ullachadh air dòigh airson taic a thoirt do
thidsearan nam measadh air ionnsachadh, gus am bheil misneachd aca
fhèin agus aig an t-sluagh nam breithneachadh agus gum bheil
pàirt anns a’ mheadhan aig cridhe chùisean ann
a bhith leantainn agus a’ cuideachadh adhartas ann an
ionnsachadh.
Lèirsinn agus
ceannas
Gus na
h-atharraichidhean air am bheil feum a thoirt gu buil, feumaidh an
luchd-obrach uile pàirt a ghabhail, nan aonar agus mar
sgioban, ann an stiùireadh ionnsachaidh agus ùrachadh
a’ churraicealaim. Seo na prìomhachasan:
- stèidheachadh slighe shoilleir, daingneachadh
gealltanais, altram com-pàirteachas agus brosnachadh
tionnsgnaidh agus daonnan a’ cur cuideam air a’ bhuaidh
air luchd-ionnsachaidh;
- dèiligeadh ri teagasg lag agus cion coileanaidh far am
faighear e;
- dèanamh cìnnteach gun tèid ceannardan
airson an àm ri teachd a chomharrachadh agus an altram nan
leasachadh proifeiseanta;
- dèanamh cìnnteach à ullachadh
ro-ìnnleachdach agus ceannas èifeachdach le
ùghdarrasan ionadail gus gu tachair adhartas; agus
- stèidheachadh agus cumail suas suidheachadh le
àrd dhòchas le bhith cur Curraicealam airson
Sàr-mhathais an gnìomh gu soirbheachail.
Com-pàirteachasan
Chan urrainn do
dhaoine, buidhnean agus seirbheisean leotha fhèin na tha
dhìth ann an saoghal dùbhlanach an là-an-diugh
a choileanadh. Seo na prìomhachasan:
- neartachadh com-pàirteachasan thar roinnean agus
sheirbheisean ann an dòighean a tha cruthachadh siostam
foghlaim is taice tha aonaichte agus a’ dèanamh
adhartais nas fhasa do luchd-ionnsachaidh;
- dèanamh cìnnteach gum bheil foghlam a’
cluich làn phàirt ann an toirt air adhart
dòigh GIRFEC19, a’ sireadh agus a’
cleachdadh nam modhan a chumas suas obair com-pàirteachais a
tha èifeachdach; agus
- dèanamh comasach do phàrantan a bhith nas treasa
mar com-pàirtichean ann an ionnsachadh agus leasachadh an
cuid chloinne.
Saorsa agus
dleastanas proifeiseanta
Tha an dòigh
leasachaidh air caochlaidhean ann am foghlam a’ gabhail ris
gum bheil gach tidsear a’ sireadh leasachadh pearsanta agus
proifeiseanta. Seo na prìomhachasan:
- ag altram cultar anns am bheil daoine a’ coimhead orra
fhèin mar bhuill de choimhearsnachd proifeiseanta air am
bheil uallach airson an ionnsachadh fhèin;
- dèanamh na feum as fheàrr de thìde agus
eòlas ann a bhith ag ullachadh mu choinneamh an leasachadh
leantainneach proifeiseanta a tha riatanach dhaibh, agus roinn
deagh chleachdadh ri feadhainn eile mar phàirt den
leasachadh sin;
- cleachdadh dhòighean fosgailte agus cothromach airson
fèin-mheasadh ann am buidhnean is seirbheisean, a’
gabhail ealla ri beachdan an luchd-ionnsachaidh, agus ag ullachadh
agus a’ cur an gnìomh adhartas stèidhichte
dìreach air na dòighean sin;
- ag obair ann an dòighean feumail còmhla ri
proifeiseantaich eile gus dèanamh cìnnteach gum faigh
clann is òigridh taic airson gum bi iad soirbheachail;
agus
- a’ leudachadh comas thidsearan gu bhith ag obair gu
misneachail agus gu comasach ann an àrainneachd anns nach
eil na h-uiread de stiùireadh.
Soirbheas don
luchd-ionnsachaidh gu lèir
Tha dèanamh
feabhas air na droch bhuilean aig cuid de luchd-ionnsachaidh
fhathast na dhùbhlan do na buidhnean agus na seirbheisean a
tha toirt taice do clann, òigridh agus an teaghlaichean,
agus inbhich a tha ag ionnsachadh, gu h-àraidh feadhainn a
tha fulang ana-cothrom. Seo na prìomhachasan:
- comharrachadh agus dèiligeadh ri cnapan-starra gu
ionnsachadh mus fàs iad stèidhichte;
- faighinn dòighean ùra air coinneachadh ri
feumalachdan sluagh de luchd-ionnsachaidh a tha sìor
fhàs eadar-mheasgte, nam measg feadhainn air tighinn
às ùr do dh’Alba agus Beurla mar chànan
eile dhaibh; agus
- dèanamh ionnsachadh agus taic pearsanta airson
dèiligeadh ri feumalachdan, roghainnean agus suideachaidhean
gach neach agus aig an aon àm a’ neartachadh
dhòchasan mòra gun sgur.
Air ar taobh-ne, bheir HMIE cuideachadh do bhuidhnean
nàiseanta agus ionadail nuair a tha iad a’
beachdachadh air dè tha an aithisg seo a’ ciallachadh
a thaobh na h-obrach aca-san, tro chomhairle phroifeiseanta agus
taic airson obair leasachaidh agus iomairtean airson comasan a
thogail. Nì sinn cìnnteach cuideachd gum bheil ar
sgrùdaidhean agus ar lèirmheas mionaideach,
cothromach; togaidh sinn air fèin-mheasadh agus cuiridh sinn
taic ri modhan atharrachaidh is adhartachaidh.
[<<<] [Clàr-innse]
[>>>]